ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

799: St Merchant (2) 799: Naomh Meircheard (2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Naomh Meircheard (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Naomh Meircheard. Anns an t-seann aimsir, nuair a fhuair fear bàs, bha an t-each a b’ fheàrr aige air a thoirt seachad don uachdaran. B’ e sin ‘an t-each-ursainn’. Mura robh each aige, bha an t-uachdaran a’ faighinn an aon luach ann an crodh no caoraich.

Dusan ceud bliadhna an dèidh bàs Meircheard, chaochail fear ann an Gleann Moireasdan. Dh’fhàg e banntrach às a dhèidh. Cha robh each aige, agus thug bàillidh na h-oighreachd caoraich leis.

Air an oidhche sin, bha am bàillidh na laighe san leabaidh, nuair a chuala e guth. Thuirt an guth gur e Meircheard a bha a’ bruidhinn, agus gun fheumadh e na caoraich a thilleadh don bhanntraich.

Bha eagal a bheatha air an duine. Chaidh na caoraich a thilleadh don bhanntraich sa bhad. Bhon latha sin a-mach, cha robh uachdarain Ghleann Moireasdan ag iarraidh each-ursainn.

Tha cunntas mu Mheircheard anns an t-seann leabhar ris an canar Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain. Tha e ag innse dhuinn mu bhàs an naoimh. Chaidh e don Ròimh. Bheannaich am Pàp, Griogair, e.

Chaidh Meircheard dhachaigh. Ràinig e Cinn Chàrdainn, an dùthaich aige fhèin. Bha fios aige nach robh a bhàs fad-às. Thug e òrdugh do a shearbhantan a chorp a chur air cairt. Bhiodh a’ chairt a’ gluasad leatha fhèin. Far an stadadh i – b’ e sin an t-àite airson a thiodhlacadh. Thachair a h-uile càil sin, agus stad a’ chairt far a bheil a-nise an t-seann eaglais ann an Cinn Chàrdainn.

Airson ceudan bhliadhnaichean an dèidh bàs Meircheard, bha an clag aige fhathast ann an Gleann Moireasdan – aig Clachan Meircheard. Daoine a bha tinn – bha iad ga làimhseachadh, agus bha piseach a’ tighinn orra.

Nuair a thuit an eaglais às a chèile, bha an clag air a chumail anns an tobhta. Nuair a bha tiodhlacadh gu bhith ann, bha an clag a’ seirm leis fhèin, ag ràdh, ‘Dhachaigh, dhachaigh, gu do leabaidh bhuan!’

Gu mì-fhortanach, timcheall na bliadhna ochd ceud deug is seachdad (1870), thilg fear an clag don abhainn. Chaidh e fodha agus chan fhacas a-rithist e. Is mòr am beud.

St Merchant (2)

English Beurla

I was telling you about St. Merchard. In olden times, when a man died, his best horse was given to the landlord. That was the ‘heriot’. If he didn’t have a horse, the landlord was getting the same value in cattle or sheep.

Twelve hundred years after Merchard’s death, a man died in Glenmoriston. He left a widow after him. He didn’t have a horse, and the estate factor took away sheep.

That night, the factor was lying in bed, when he heard a voice. The voice said it was Merchard that was speaking, and that he must return the sheep to the widow.

The man was scared out of his wits. The sheep were immediately returned to the widow. From that day on, Glenmoriston landlords were never seeking a heriot.

There is an account of Merchard in the old book called the Aberdeen Breviary. It tells us about the saint’s death. He went to Rome. The Pope, Gregory, blessed him.

Merchard went home. He reached Kincardine, his own country. He knew that his death was not far off. He told his servants to put his body on a cart. The cart would move by itself. Where it stopped – that was the place to bury him. All of that happened, and the cart stopped where the old church in Kincardine [O’Neil] is now.

For hundreds of years after Merchard’s death, his bell was still in Glenmoriston – at Clachan Meircheard. People who were sick, they were handling it, and they were getting better.

When the church became a ruin [fell apart], the bell was kept in the ruin. When a funeral was due, the bell was ringing by itself, saying, ‘Home, home, to your everlasting bed!’

Unfortunately, around the year 1870, a man threw the bell into the river. It sank and was never seen again. What a great pity.

Show English

Naomh Meircheard (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Naomh Meircheard. Anns an t-seann aimsir, nuair a fhuair fear bàs, bha an t-each a b’ fheàrr aige air a thoirt seachad don uachdaran. B’ e sin ‘an t-each-ursainn’. Mura robh each aige, bha an t-uachdaran a’ faighinn an aon luach ann an crodh no caoraich.

Dusan ceud bliadhna an dèidh bàs Meircheard, chaochail fear ann an Gleann Moireasdan. Dh’fhàg e banntrach às a dhèidh. Cha robh each aige, agus thug bàillidh na h-oighreachd caoraich leis.

Air an oidhche sin, bha am bàillidh na laighe san leabaidh, nuair a chuala e guth. Thuirt an guth gur e Meircheard a bha a’ bruidhinn, agus gun fheumadh e na caoraich a thilleadh don bhanntraich.

Bha eagal a bheatha air an duine. Chaidh na caoraich a thilleadh don bhanntraich sa bhad. Bhon latha sin a-mach, cha robh uachdarain Ghleann Moireasdan ag iarraidh each-ursainn.

Tha cunntas mu Mheircheard anns an t-seann leabhar ris an canar Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain. Tha e ag innse dhuinn mu bhàs an naoimh. Chaidh e don Ròimh. Bheannaich am Pàp, Griogair, e.

Chaidh Meircheard dhachaigh. Ràinig e Cinn Chàrdainn, an dùthaich aige fhèin. Bha fios aige nach robh a bhàs fad-às. Thug e òrdugh do a shearbhantan a chorp a chur air cairt. Bhiodh a’ chairt a’ gluasad leatha fhèin. Far an stadadh i – b’ e sin an t-àite airson a thiodhlacadh. Thachair a h-uile càil sin, agus stad a’ chairt far a bheil a-nise an t-seann eaglais ann an Cinn Chàrdainn.

Airson ceudan bhliadhnaichean an dèidh bàs Meircheard, bha an clag aige fhathast ann an Gleann Moireasdan – aig Clachan Meircheard. Daoine a bha tinn – bha iad ga làimhseachadh, agus bha piseach a’ tighinn orra.

Nuair a thuit an eaglais às a chèile, bha an clag air a chumail anns an tobhta. Nuair a bha tiodhlacadh gu bhith ann, bha an clag a’ seirm leis fhèin, ag ràdh, ‘Dhachaigh, dhachaigh, gu do leabaidh bhuan!’

Gu mì-fhortanach, timcheall na bliadhna ochd ceud deug is seachdad (1870), thilg fear an clag don abhainn. Chaidh e fodha agus chan fhacas a-rithist e. Is mòr am beud.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1103

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile