ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

789: William Wallace (3) 789: Uilleam Uallas (3)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Uilleam Uallas (3)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Uilleam Uallas. Bha e airson dìoghaltas a dhèanamh air an riaghladair Shasannach ann an Lannraig. Dhìrich e an staidhre gu seòmar-cadail an riaghladair. Bhris e a-steach, agus mharbh e an riaghladair le a chlaitheamh.

Bha ùpraid ann an uair sin. Aig deireadh a’ ghnothaich, bha an t-uabhas de na saighdearan Sasannach marbh. Nuair a sgaoil an naidheachd mu na thachair, fhuair Uallas àireamh mhòr de luchd-leantainn ùra. A rèir a’ chunntais, bha na Sasannaich a’ gabhail eagal ro Uallas. Ach bha iad seòlta. An àite a bhith ri cogadh na aghaidh, chuir iad cuireadh thuige. Bha iad airson coinneachadh ris gu sìtheil.

Bha a’ cho-labhairt ann an togalach mòr fiodha – ‘Saibhlean Inbhir Àir’. Thàinig na h-Albannaich beag air bheag. Nuair a chaidh gach fear a-steach, bha ròpa-crochaidh a’ feitheamh ris. Fear an dèidh fear, chaidh an crochadh.

Bha Uallas fadalach. Nuair a ràinig e an t-àite, chuir boireannach stad air. Dh’inns i dha gu dè bha a’ tachairt anns an togalach. Dhùin Uallas is a chàirdean an togalach. Chuir iad teine ris. Chaidh mòran a mharbhadh. ʼS ann mar sin a chrìochnaich ‘Pàrlamaid Dhubh Inbhir Àir’.

Bha nàdar de chogadh-guerilla ann an uair sin. Mean air mhean, fhuair Uallas smachd air a h-uile gearastan gu tuath air Abhainn Foirthe, ach a-mhàin Caisteal Dhùn Dè. Anns an Lùnastal dà cheud deug, naochad ʼs a seachd (1297), bha an armailt aige a’ cuartachadh Caisteal Dhùn Dè.

An uair sin, chuala e gun robh armailt mhòr aig Iarla Shurraidh a’ tighinn na aghaidh. Chaidh e a Shruighlea airson coinneachadh ris mus fhaigheadh na Sasannaich tarsainn na drochaid an sin. Cha robh rathad furasta eile gu tuath, seach sin.

Bha Iarla Shurraidh sean agus ann an droch shlàinte. Bha an comannd ann an dha-rìreabh aig Ùisdean Cressingham, fear-ionmhais an luchd-riaghlaidh Shasannaich ann an Alba. Ron chath, chaidh gu leòr de dh’uaislean na h-Alba a-null gu taobh Shasainn. Bha iad dhen bheachd gun cailleadh Uallas. Bha an armailt aige beag, an coimeas ri armailt Chressingham. Ach ciamar a chaidh dha ann an Cath Drochaid Shruighlea? Innsidh mi dhuibh an-ath-sheachdain.

William Wallace (3)

English Beurla

I was telling you about William Wallace. He wanted to exact revenge on the English governor in Lanark. He climbed the stair to the governor’s bedroom. He broke in, and he killed the governor with his sword.

There was great disorder then. At the end of the affair many English soldiers were dead. When the news spread about what had transpired, Wallace got a large number of new followers. According to the account, the English were afraid of Wallace. But they were cunning. Instead of fighting him, they sent him an invitation. They wanted to meet him peacefully.

The conference was in a large wooden building – ‘The Barns of Ayr’. The Scots came little by little. When each man entered, there was a noose awaiting him. One after another, they were hanged.

Wallace was late. When he reached the place, a woman stopped him. She told him what was happening in the building. Wallace and his friends closed the building. They set fire to it. Many people were killed. That’s how ‘The Black Parliament of Ayr’ came to an end.

There was then a bit of a guerilla war. Bit by bit, Wallace gained control of every barracks north of the Forth, except for the Castle of Dundee. In August 1297, his force was surrounding the Castle of Dundee.

Then he heard that the Earl of Surrey had a big field army coming against him. He went to Stirling to meet him before the English got across the bridge there. There was no other easy way to the north.

The Earl of Surrey was old and in poor health. The command was really in the hands of Hugh [de] Cressingham, the treasurer of the English administration in Scotland. Before the battle, many of the Scottish nobles went over to the English side. They were of the opinion that Wallace would lose. His force was small in comparison with Cressingham’s. But how did he get on at The Battle of Stirling Bridge? I’ll tell you next week.

Show English

Uilleam Uallas (3)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Uilleam Uallas. Bha e airson dìoghaltas a dhèanamh air an riaghladair Shasannach ann an Lannraig. Dhìrich e an staidhre gu seòmar-cadail an riaghladair. Bhris e a-steach, agus mharbh e an riaghladair le a chlaitheamh.

Bha ùpraid ann an uair sin. Aig deireadh a’ ghnothaich, bha an t-uabhas de na saighdearan Sasannach marbh. Nuair a sgaoil an naidheachd mu na thachair, fhuair Uallas àireamh mhòr de luchd-leantainn ùra. A rèir a’ chunntais, bha na Sasannaich a’ gabhail eagal ro Uallas. Ach bha iad seòlta. An àite a bhith ri cogadh na aghaidh, chuir iad cuireadh thuige. Bha iad airson coinneachadh ris gu sìtheil.

Bha a’ cho-labhairt ann an togalach mòr fiodha – ‘Saibhlean Inbhir Àir’. Thàinig na h-Albannaich beag air bheag. Nuair a chaidh gach fear a-steach, bha ròpa-crochaidh a’ feitheamh ris. Fear an dèidh fear, chaidh an crochadh.

Bha Uallas fadalach. Nuair a ràinig e an t-àite, chuir boireannach stad air. Dh’inns i dha gu dè bha a’ tachairt anns an togalach. Dhùin Uallas is a chàirdean an togalach. Chuir iad teine ris. Chaidh mòran a mharbhadh. ʼS ann mar sin a chrìochnaich ‘Pàrlamaid Dhubh Inbhir Àir’.

Bha nàdar de chogadh-guerilla ann an uair sin. Mean air mhean, fhuair Uallas smachd air a h-uile gearastan gu tuath air Abhainn Foirthe, ach a-mhàin Caisteal Dhùn Dè. Anns an Lùnastal dà cheud deug, naochad ʼs a seachd (1297), bha an armailt aige a’ cuartachadh Caisteal Dhùn Dè.

An uair sin, chuala e gun robh armailt mhòr aig Iarla Shurraidh a’ tighinn na aghaidh. Chaidh e a Shruighlea airson coinneachadh ris mus fhaigheadh na Sasannaich tarsainn na drochaid an sin. Cha robh rathad furasta eile gu tuath, seach sin.

Bha Iarla Shurraidh sean agus ann an droch shlàinte. Bha an comannd ann an dha-rìreabh aig Ùisdean Cressingham, fear-ionmhais an luchd-riaghlaidh Shasannaich ann an Alba. Ron chath, chaidh gu leòr de dh’uaislean na h-Alba a-null gu taobh Shasainn. Bha iad dhen bheachd gun cailleadh Uallas. Bha an armailt aige beag, an coimeas ri armailt Chressingham. Ach ciamar a chaidh dha ann an Cath Drochaid Shruighlea? Innsidh mi dhuibh an-ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1093

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile