FaclairDictionary EnglishGàidhlig

779: Traditions in Petty 779: Cleachdaidhean ann am Peitidh

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Cleachdaidhean ann am Peitidh

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu sheann chleachdaidhean ann an sgìre Pheitidh is Àird nan Saor. Ann an Nua-chunntas Staitistigeach na h-Alba, tha cunntas ann mu bhainnsean anns an sgìre sin. Bhiodh clann-sgoile a’ cur bacadh air beulaibh an dorais mhòir.

Airson faighinn a-steach dh’fheumadh fear na bainnse ceithir sgillinn a thoirt don chloinn airson ball-coise ùr a cheannach. Mura robh e deònach an t-airgead a thoirt seachad, dh’fheumadh e an seann bhall-coise a bhreabadh. Càite? Thairis air mullaich na h-eaglaise! Mura dèanadh e sin, bhiodh cead aig fear de na gillean a bhrògan a thoirt bhuaithe. Agus leigeadh a’ chlann na daoine a-steach don eaglais an uair sin.

Bha cleachdadh eile aca a bha annasach. Nuair a bha tiodhlacadh ann, bhiodh na daoine a’ ruith don eaglais. Bha sin a’ gabhail a-steach eadhon luchd-giùlain na ciste. Gu tric, bhiodh an luchd-giùlain a’ tuiteam fhad ’s a bha iad a’ giùlan na ciste.

Bha an cleachdadh sin ainmeil anns na sgìrean eile mun chuairt air Peitidh. Bha iad a’ gabhail Ceum Pheitidh ‘the Petty step’ air.

Nuair a bha an t-Urramach Iain Grannd a’ sgrìobhadh a chunntais ann am meadhan an naoidheimh linn deug, bha Ceum Pheitidh air a dhol à bith. Bha muinntir Pheitidh, a rèir a’ mhinisteir, a cheart cho mall is modhail aig tiodhlacaidhean ’s a bha daoine ann am paraistean eile. Ge-tà, beagan bhliadhnaichean roimhe sin, bha tiodhlacadh aig boireannach aig an robh cliù mar bhana-bhuidseach. ’S e an t-ainm a bha oirre Bean Chamshronach nam Peasaireach. Aig a tiodhlacadh, rinn cuid de na balaich Ceum Pheitidh.

Dh’ionnsaich mi rudeigin eile mun sgìre sin. Bha daoine gu math eòlach air lus air a bheil cuach Phàdraig no greater plantain – Plantago major . Ach chan e sin an t-ainm a bha aca fhèin air an lus. Bha iad a’ gabhail slàn-lus air. Ann an sgìrean eile, tha slàn-lus a’ seasamh airson an ribwort plantain, Plantago lanceolata . Co-dhiù, bhiodh muinntir Pheitidh a’ cur cuach Phàdraig – no slàn-lus – gu feum airson lotan a shlànachadh. Bha e airidh, ma-thà, air an ainm ‘slàn-lus’.

Traditions in Petty

English Beurla

I was telling you about old customs in the parish of Petty and Ardersier. In the New Statistical Account of Scotland, there is an account of weddings in that area. Schoolchildren would put a barrier in front of the main door.

To get in, the bridegroom would have to give fourpence to the children to buy a new football. If he wasn’t willing to give the money, he would have to kick the old football. Where? Over the roof of the church! If he didn’t do that, one of the lads would be permitted to take his shoes from him. And the children would then allow the people into the church.

They had another custom that was unusual. When there was a funeral, the people would run to the church. That was including even those carrying the coffin. Often, the carriers would fall when they were carrying the coffin.

That practice was famous in the other parishes around Petty. They were calling it ‘the Petty Step’.

When the Rev. John Grant was writing his account in the middle of the nineteenth century, the Petty Step had gone out of existence. The people of Petty, according to the minister, were just as slow and mannerly at funerals as the people in other parishes. However, a few years before that, there was a funeral for a woman who was reputed to be a witch. Her name was ‘the wife of Cameron of the peas’. At her funeral, some of the lads did the Petty Step.

I learned another thing about that area. People were very familiar with a plant called ‘Patrick’s quaich’- Plantago major . But that wasn’t their own name for the plant. They were calling it slàn-lus (ie healing plant). In other areas, slàn-lus stands for the ribwort plantain. Anyway, the people of Petty would use cuach Phàdraig – or slàn-lus – for healing wounds. It was, therefore, worthy of the name ‘healing plant’.

Cleachdaidhean ann am Peitidh

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu sheann chleachdaidhean ann an sgìre Pheitidh is Àird nan Saor. Ann an Nua-chunntas Staitistigeach na h-Alba, tha cunntas ann mu bhainnsean anns an sgìre sin. Bhiodh clann-sgoile a’ cur bacadh air beulaibh an dorais mhòir.

Airson faighinn a-steach dh’fheumadh fear na bainnse ceithir sgillinn a thoirt don chloinn airson ball-coise ùr a cheannach. Mura robh e deònach an t-airgead a thoirt seachad, dh’fheumadh e an seann bhall-coise a bhreabadh. Càite? Thairis air mullaich na h-eaglaise! Mura dèanadh e sin, bhiodh cead aig fear de na gillean a bhrògan a thoirt bhuaithe. Agus leigeadh a’ chlann na daoine a-steach don eaglais an uair sin.

Bha cleachdadh eile aca a bha annasach. Nuair a bha tiodhlacadh ann, bhiodh na daoine a’ ruith don eaglais. Bha sin a’ gabhail a-steach eadhon luchd-giùlain na ciste. Gu tric, bhiodh an luchd-giùlain a’ tuiteam fhad ’s a bha iad a’ giùlan na ciste.

Bha an cleachdadh sin ainmeil anns na sgìrean eile mun chuairt air Peitidh. Bha iad a’ gabhail Ceum Pheitidh ‘the Petty step’ air.

Nuair a bha an t-Urramach Iain Grannd a’ sgrìobhadh a chunntais ann am meadhan an naoidheimh linn deug, bha Ceum Pheitidh air a dhol à bith. Bha muinntir Pheitidh, a rèir a’ mhinisteir, a cheart cho mall is modhail aig tiodhlacaidhean ’s a bha daoine ann am paraistean eile. Ge-tà, beagan bhliadhnaichean roimhe sin, bha tiodhlacadh aig boireannach aig an robh cliù mar bhana-bhuidseach. ’S e an t-ainm a bha oirre Bean Chamshronach nam Peasaireach. Aig a tiodhlacadh, rinn cuid de na balaich Ceum Pheitidh.

Dh’ionnsaich mi rudeigin eile mun sgìre sin. Bha daoine gu math eòlach air lus air a bheil cuach Phàdraig no greater plantain – Plantago major . Ach chan e sin an t-ainm a bha aca fhèin air an lus. Bha iad a’ gabhail slàn-lus air. Ann an sgìrean eile, tha slàn-lus a’ seasamh airson an ribwort plantain, Plantago lanceolata . Co-dhiù, bhiodh muinntir Pheitidh a’ cur cuach Phàdraig – no slàn-lus – gu feum airson lotan a shlànachadh. Bha e airidh, ma-thà, air an ainm ‘slàn-lus’.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1083

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile