Robert the Bruce in Inverness (2)
				              
    
        I was telling you about the meeting in Inverness between Robert the
        Bruce and Norwegian representatives. That was in 1312. The King was
        there to ratify an agreement between the two countries – the Treaty of
        Perth.
    
    
        Scotland had to send a hundred merks to Norway every year. But what
        happened to that agreement? Does Scotland still send money to Norway
        every year?
    
    
        Well, no. The compensation was cancelled in 1469, when the Danish
        princess – Margaret – married King James III. Three years after that,
        the King of Denmark had not paid the dowry. Thus, Orkney and Shetland
        came under the control of Scotland in place of the dowry.
    
    
        I found out about the meeting in Inverness as part of research on the
        city and the areas around it. Among those areas are Petty and Ardersier
        – east of Inverness.
    
    
        For a long time the people there spoke Gaelic. They had a Gaelic
        culture. Many of them believed in the fairies. A short distance from
        the village of Ardersier, there is a small knoll called Tom Eanraig
        ‘Henry’s knoll’. People said the fairies would go there, particularly
        at night under moonlight.
    
    
        Around the year 1730, there was a man called Munro. He had a baby. The
        baby was weak and ‘atrophied’. Our friend was of the opinion that it
        was a changeling. That was a child the fairies left in place of his own
        child. I expect that the child’s name was Henry.
    
    Anyway, Mr Munro believed that if he left the baby on the knoll overnight,
    that the correct baby would be there in its place in the morning. He left
    the baby on the knoll. He went home. But, when he returned in the morning,
    the poor baby was dead. And that’s my story.
				             
				            
				              Am Brusach ann an Inbhir Nis (2)
				              
    Bha mi ag innse dhuibh mun choinneimh ann an Inbhir Nis eadar Raibeart am
    Brusach agus riochdairean Nirribhidh. Bha sin ann an trì cheud deug is
    dhà-dheug (1312). Bha an Rìgh ann airson aonta eadar an dà dhùthaich –
    Co-chòrdadh Pheairt – a dhaingneachadh.
    Bha aig Alba ri ceud marg a chur gu Nirribhidh gach bliadhna. Ach dè
    thachair don aonta sin? Am bi Alba fhathast a’ cur airgead gu Nirribhidh
    gach bliadhna?
    Uill, cha bhi. Chaidh a chur às don dìoladh ann an ceithir cheud deug,
    seasgad ’s a naoi (1469), nuair a phòs a’ bhana-phrionnsa Dànach – Màiread
    – Rìgh Seumas III. Trì bliadhna an dèidh sin, cha robh Rìgh na Danmhairg
    air an tochradh a phàigheadh. Mar sin, thàinig Arcaibh is Sealtainn fo
    smachd na h-Alba an àite an tochraidh.
    Fhuair mi a-mach mun choinneimh ann an Inbhir Nis mar phàirt de rannsachadh
    air a’ bhaile agus na sgìrean mun chuairt air. Am measg nan sgìrean sin,
    tha Peitidh agus Àird nan Saor – gu sear air Inbhir Nis.
    Airson ùine mhòr bha Gàidhlig aig na daoine an sin. Bha cultar Gàidhealach
    aca. Bha gu leòr dhiubh a’ creidsinn anns na sìthichean. Pìos beag a-mach à
    baile Àird nan Saor, tha tom beag ris an canar Tom Eanraig. Tha e air na
    mapaichean fhathast. Bha daoine ag ràdh gum biodh sìthichean a’ dol ann, gu
    h-àraidh air an oidhche fo sholas na gealaich.
    Timcheall air a’ bhliadhna seachd ceud deug is trithead (1730), bha fear
    ann air an robh Rothach mar ainm. Bha leanabh aige. Bha an leanabh lag is
    neo-chomasach. Bha ar caraid dhen bheachd gur e tàcharan a bha ann. B’ e
    sin leanabh a dh’fhàg na sìthichean an àite an naoidhein aige fhèin. Tha mi
    an dùil gur e Eanraig a bha air an leanabh mar ainm.
    Co-dhiù, bha Mgr Rothach a’ creidsinn, nam fàgadh e an leanabh air an tom
    thairis air an oidhche, gum biodh an leanabh ceart ann na àite sa mhadainn.
    Dh’fhàg e an leanabh air an tom. Chaidh e dhachaigh. Ach, nuair a thill e
    sa mhadainn, bha an leanabh bochd marbh. Agus sin agaibh mo sgeul.