FaclairDictionary EnglishGàidhlig

751: Dunvegan Castle (1) 751: Caisteal Dhùn Bheagain (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Caisteal Dhùn Bheagain (1)

Gaelic Gàidhlig

O chionn grunn bhliadhnaichean, dh’inns mi dhuibh mun Bhrataich Shìth no Fairy Flag aig Clann ʼic Leòid. Nise, feumaidh mi seo aideachadh dhuibh. Cha robh mi air a’ bhratach fhaicinn gu o chionn ghoirid nuair a chaidh mi timcheall Caisteal Dhùn Bheagain anns an Eilean Sgitheanach.

Cha robh a’ bhratach cho brèagha ʼs a bha mi an dùil. Tha i ann an droch staid. Tha tuill gu leòr innte. Ach tha i fhathast cumhachdach, co-dhiù ann an inntinn Leòdach air feadh an t-saoghail.

Tha mi ag ràdh ‘i’ oir, dhòmhsa, tha am facal ‘bratach’ boireanta. ʼS e ‘A’ Bhratach Shìth’ a chanainn rithe. Ach tha muinntir a’ chaisteil a’ gabhail ‘Am Bratach Sìth’ oirre, mar gu bheil am facal bratach fireanta. ʼS dòcha gu bheil ann an dualchainnt Dhùn Bheagain, chan eil fhios a’m.

Co-dhiù, tha coltas annasach, iongantach air a’ bhrataich. Tha eòlaichean clò ag innse dhuinn gun tàinig i à Siria no Eilean Rhodes anns a’ cheathramh linn an dèidh Chrìosda. Tha i air a dèanamh de shìoda.

Thug an seachdamh ceann-cinnidh Leòdach air fhichead a’ bhratach a Lunnainn turas. Thug eòlaiche sùil oirre. Thuirt esan gun robh e dhen bheachd gur dòcha gur i a’ bhratach a thug an Rìgh Lochlannach, Harald Hadrada, dhachaigh leis. Bha Harald air a bhith ri spùinneadh anns an Ear-mheadhanach.

‘Ist,’ thuirt an ceann-cinnidh Leòdach, ‘chaidh a’ bhratach a thoirt do mo shinnsirean leis na sìthichean!’

Ach ciamar a fhuair na Leòdaich a’ bhratach bho na sìthichean? Uill, tha ceithir diofar stòiridhean ann. Seo agaibh a’ chiad sgeul. Chaidh ceann-cinnidh Leòdach a-null don Tìr Naoimh mar phàirt de Chogaidhean na Croise. Thachair e ri aonaran ann am bealach anns na beanntan. Thug an t-aonaran rabhadh dha gun robh spiorad boireann olc a’ fuireach air mullach a’ bhealaich. Bhiodh i a’ marbhadh duine sam bith a bha na fhìor chreidmheach.

Uill, chaidh an Leòdach air adhart, agus mharbh e an spiorad. Mus do chaochail i, dh’iarr i air an clò a bha timcheall a meadhain mar chrios a thoirt leis, agus bratach a dhèanamh dheth. Agus ’s e sin a’ Bhratach Shìth.

Dunvegan Castle (1)

English Beurla

A few years ago, I told you about the Fairy Flag of Clan MacLeod. Now, I have to admit this to you. I hadn’t seen the flag until recently when I went around Dunvegan Castle on the Isle of Skye.

The flag wasn’t as beautiful as I had expected. It’s in a poor condition. There are many holes in it. But it is still powerful, at least in the minds of MacLeods throughout the world.

I’m saying ‘she’ because, to me, the word ‘bratach’ is feminine. I’d call it the Bratach Shìth. But the castle folk call it the Bratach Sìth , as if the word bratach were masculine. Perhaps it is in the Dunvegan dialect, I don’t know.

Anyhow, the flag has an unusual and strange appearance. Textile experts tell us it came from Syria or Rhodes in the fourth century after Christ. It’s made of silk.

The twenty-seventh MacLeod chief took the flag to London on one occasion. An expert examined it. He said he thought it might be the flag that the Scandinavian king, Harald Hadrada, took home with him.Harald had been marauding in the Middle East.

‘Be quiet,’ said the MacLeod chief, ‘the flag was given to my ancestors by the fairies!’

But how did the MacLeods get the flag from the fairies? Well, there are four different stories. Here is the first one. A MacLeod chief went to the Holy Land as part of the Crusades. He met a hermit in a pass in the mountains. The hermit warned him that an evil female spirit was living at the summit of the pass. She would kill any man who was a true believer.

Well, the MacLeod went forward and he killed the spirit. Before she died, she asked him to take with him the cloth that she worn around her waist as a girdle, and to make a flag of it. And that’s the Fairy Flag.

Caisteal Dhùn Bheagain (1)

Gaelic Gàidhlig

O chionn grunn bhliadhnaichean, dh’inns mi dhuibh mun Bhrataich Shìth no Fairy Flag aig Clann ʼic Leòid. Nise, feumaidh mi seo aideachadh dhuibh. Cha robh mi air a’ bhratach fhaicinn gu o chionn ghoirid nuair a chaidh mi timcheall Caisteal Dhùn Bheagain anns an Eilean Sgitheanach.

Cha robh a’ bhratach cho brèagha ʼs a bha mi an dùil. Tha i ann an droch staid. Tha tuill gu leòr innte. Ach tha i fhathast cumhachdach, co-dhiù ann an inntinn Leòdach air feadh an t-saoghail.

Tha mi ag ràdh ‘i’ oir, dhòmhsa, tha am facal ‘bratach’ boireanta. ʼS e ‘A’ Bhratach Shìth’ a chanainn rithe. Ach tha muinntir a’ chaisteil a’ gabhail ‘Am Bratach Sìth’ oirre, mar gu bheil am facal bratach fireanta. ʼS dòcha gu bheil ann an dualchainnt Dhùn Bheagain, chan eil fhios a’m.

Co-dhiù, tha coltas annasach, iongantach air a’ bhrataich. Tha eòlaichean clò ag innse dhuinn gun tàinig i à Siria no Eilean Rhodes anns a’ cheathramh linn an dèidh Chrìosda. Tha i air a dèanamh de shìoda.

Thug an seachdamh ceann-cinnidh Leòdach air fhichead a’ bhratach a Lunnainn turas. Thug eòlaiche sùil oirre. Thuirt esan gun robh e dhen bheachd gur dòcha gur i a’ bhratach a thug an Rìgh Lochlannach, Harald Hadrada, dhachaigh leis. Bha Harald air a bhith ri spùinneadh anns an Ear-mheadhanach.

‘Ist,’ thuirt an ceann-cinnidh Leòdach, ‘chaidh a’ bhratach a thoirt do mo shinnsirean leis na sìthichean!’

Ach ciamar a fhuair na Leòdaich a’ bhratach bho na sìthichean? Uill, tha ceithir diofar stòiridhean ann. Seo agaibh a’ chiad sgeul. Chaidh ceann-cinnidh Leòdach a-null don Tìr Naoimh mar phàirt de Chogaidhean na Croise. Thachair e ri aonaran ann am bealach anns na beanntan. Thug an t-aonaran rabhadh dha gun robh spiorad boireann olc a’ fuireach air mullach a’ bhealaich. Bhiodh i a’ marbhadh duine sam bith a bha na fhìor chreidmheach.

Uill, chaidh an Leòdach air adhart, agus mharbh e an spiorad. Mus do chaochail i, dh’iarr i air an clò a bha timcheall a meadhain mar chrios a thoirt leis, agus bratach a dhèanamh dheth. Agus ’s e sin a’ Bhratach Shìth.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1055

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile