ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

75: Deirdre 75: Deirdre

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Deirdre

Gaelic Gàidhlig

Chaidh mac Rìgh Lochlainn sìos don taigh. Bha Naois anns an taigh. Bha, agus a bhràithrean Aillean is Àrdan, agus Deirdre. Sheall mac Rìgh Lochlainn a-staigh air toll na h-iuchrach. Bha e ag iarraidh Deirdre fhaicinn.

Ach chunnaic Naois a shùil. Thog e dìsinn geal. Thilg e tron toll e. Chuir an dìsinn sùil mac Rìgh Lochlainn a-mach.

Chuir Rìgh Uladh trì cheud gaisgeach sìos don taigh. Bha e ag iarraidh orra Deirdre a thoirt air ais. Bha e ag iarraidh orra Naois is a bhràithrean a mharbhadh.

“Tha iad a’ tighinn,” thuirt Deirdre.

“Thèid mi a-mach agus caisgidh mi iad,” arsa Naois.

“Cha tèid. Thèid mise,” thuirt a’ chiad mhac aig Fearchar Mac Ro. Chaidh e a-mach. Mharbh e trian de na gaisgich.

Dh’èigh Rìgh Uladh, “Cò tha a’ marbhadh nan gaisgeach agam?”

“Tha mise, a’ chiad mhac aig Fearchar Mac Ro.”

Dh’iarr an Rìgh air dhol don taobh aigesan. Gheall e fearann dha. Chaidh a’ chiad mhac aig Fearchar Mac Ro a-null dha.

An uair sin, chuir an Rìgh trì cheud gaisgeach eile sìos don taigh.

“Tha iad a’ tighinn,” thuirt Deirdre.

“Tha,” arsa Naois, “ach thèid mi a-mach agus caisgidh mi iad.”

“Cha tèid. Thèid mise,” thuirt an dàrna mac aig Fearchar Mac Ro. Chaidh e a-mach. Mharbh e dà thrian de na gaisgich.

Dh’èigh an Rìgh, “Cò tha a’ marbhadh nan gaisgeach agam?”

“Tha mise, an dàrna mac aig Fearchar Mac Ro.”

Dh’iarr an Rìgh air dhol don taobh aigesan. Gheall e fearann dha. Chaidh an dàrna mac aig Fearchar Mac Ro a-null dha.

An uair sin, chuir an Rìgh trì cheud gaisgeach eile sìos don taigh.

“Tha iad a’ tighinn,” thuirt Deirdre.

“Tha,” arsa Naois, “ach thèid mi a-mach agus caisgidh mi iad.”

“Cha tèid. Thèid mise,” thuirt an treas mac aig Fearchar Mac Ro. Chaidh e a-mach. Mharbh e trì trian de na gaisgich.

Dh’èigh an Rìgh, “Cò tha a’ marbhadh nan gaisgeach agam?”

“Tha mise, an treas mac aig Fearchar Mac Ro.”

Dh’iarr an Rìgh air dhol don taobh aigesan. Gheall e fearann dha.

“Cha ghabh mi sin bhuat,” thuirt an treas mac. Thill e a-steach don taigh. Bhruidhinn e ri Naois, Aillean, Àrdan is Deirdre. “Tha mi a’ dol dhachaigh,” thuirt e, “a dh’innse do m’ athair gu bheil sibh a-nis sàbhailte.”

Dh’fhalbh e, a dh’innse da athair gun robh Clann Uisne sàbhailte. Ach thuirt Naois gum bu chòir dhaibh an taigh fhàgail agus tilleadh a dh’Alba.

Faclan is abairtean: chaidh mac Rìgh Lochlainn sìos don taigh: the son of the King of Scandinavia went down to the house; bha, agus a bhràithrean:and so were his brothers; sheall e a-staigh air toll na h-iuchrach: he looked in through the keyhole; bha e ag iarraidh Deirdre fhaicinn: he was wanting to see Deirdre; chunnaic Naois a shùil: Naois saw his eye; thog e dìsinn geal: he picked up a white die; thilg e tron toll e: he threw it through the hole; chuir X sùil Y a-mach: X put Y’s eye out; chuir Rìgh Uladh trì cheud gaisgeach sìos don taigh:The King of Ulster sent three hundred heroes down to the house; bha e ag iarraidh orra Deirdre a thoirt air ais: he was wanting them to bring Deirdre back; caisgidh mi iad: I’ll stop them; cha tèid. Thèid mise: you won’t [go]. I’ll go; a’ chiad mhac: the first son; trian: a third; cò tha a’ marbhadh nan gaisgeach agam?: who is killing my heroes?; dh’iarr an Rìgh air dhol don taobh aigesan: the King asked him to go over to his side; gheall e fearann dha: he promised him land; chaidh X a-null dha:X went over to him; dàrna: second; dà thrian: two-thirds; trì trian: three-thirds; cha ghabh mi sin bhuat: I won’t accept that from you; thill e a-steach: he returned inside; tha mi a’ dol dhachaigh, a dh’innse do m’ athair gu bheil sibh sàbhailte: I’m going home, to tell my father that you’re safe; a dh’innse da athair: to tell his father; gum bu chòir dhaibh an taigh fhàgail agus tilleadh a dh’Alba: that they should leave the house and return to Scotland.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 379

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile