ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

726: An Gibean mar Leigheas 726: The Gibean as a cure

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

The Gibean as a cure

Gaelic Gàidhlig

A bheil sibh eòlach air an fhacal gibean? Am measg eile, tha e a’ ciallachadh, a rèir Faclair Dwelly, ‘ St Kilda pudding made of ... a mixture of fulmar fat, oatmeal etc. Said to be most sustaining and efficacious against coughs and kindred lung troubles .’

Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mun chunntas a rinn an Sgitheanach, Màrtainn MacIlleMhàrtainn, de Hiort o chionn còrr is trì cheud bliadhna. A Late Voyage to St Kilda. Anns a’ chunntas, dh’inns an t-ùghdar dhuinn mun ghibean. Bha an stuth sin air a chleachdadh mar leigheas airson casadaich a bha a’ tighinn air na h-eileanaich gach turas a bha bàta a’ nochdadh à àite eile. Bha an galar a’ maireachdainn suas ri ceala-deug.

Mhìnich MacIlleMhàrtainn gun robh na Hiortaich a’ measgachadh a’ ghibein le min-choirce. Rinn iad brochan. Bha iad a’ gabhail a’ bhrochain mar leigheas airson a’ ghalair.

Cha do thuig daoine aig an àm sin mar a tha galaran a’ sgaoileadh. No mar a sheasas anti-cuirp an aghaidh ghalaran. Bha MacIlleMhàrtainn teagmhach mun sgeul aca mun ghalar. Ach chuir e ceist mun ghnothach air a h-uile duine. Dh’aontaich iad uile – sean is òg – gun robh e fìor. Bha eadhon leanaban air a’ bhroilleach a’ fulang leis. Bha na h-eileanaich dhen bheachd gun robh iad ga fhaighinn bho luchd-siubhail a bha a’ fuireach anns na taighean aca.

Chan e sin a-mhàin, ach gach turas a bha Hiortaich a’ dol gu eilean eile, bha a’ chasadaich a’ tighinn orra anns an aon dòigh. Dh’fheumadh iad an dàrna cuid gibean fhaighinn no falbh dhachaigh a Hiort airson feabhas a thoirt orra fhèin. O, nam biodh lighichean air èisteachd ris na Hiortaich aig an àm sin – ʼs dòcha gun robh iad air mòran ionnsachadh mu sgaoileadh ghalaran!

Feumaidh gun do nochd an galar nuair a chaidh MacIlleMhàrtainn ann. Ach sgrìobh e, cho luath ʼs a bha e air a chur am feabhas le gibean, nach robh casadaich air na daoine tuilleadh. Bha sin, eadhon ged a bha iad uile – dà cheud gu leth duine eadar Hiortaich is coigrich – a’ tighinn cruinn còmhla mar choitheanal airson seirbheisean eaglais.

An Gibean mar Leigheas

English Beurla

Do you know the word gibean? Among other things, it means, according to Dwelly’s dictionary, St Kilda pudding made of ... a mixture of fulmar fat, oatmeal etc. Said to be most sustaining and efficacious against coughs and kindred lung troubles .’

I was telling you last week about the account that the Skyeman, Martin Martin, made of St Kilda more than three hundred years ago. A Late Voyage to St Kilda. In the account, the author told us about the gibean. That material was used as a cure for coughing that came on the islanders every time that a boat was appearing from another place. The disease was lasting up to a fortnight.

Martin explained that the St Kildans were mixing the gibean with oatmeal. They made a porridge. They were taking the porridge as a cure for the disease.

People didn’t understand at that time how diseases spread. Or how antibodies resist diseases. Martin was dubious about their story about the disease. But he asked everybody about the matter. They all agreed – old and young – that it was true. Even babies on the breast weres suffering from it. The islanders were of the opinion that they were getting it from travellers that were living in their houses.

Not only that, but every time the St Kildans were going to another island, the coughing was coming on them in the same way. They would either have to take gibean or go home to St Kilda to cure themselves. Oh, if physicians had listened to the St Kildans at that time – perhaps they would have learned a lot about the spread of diseases!

The disease must have appeared when Martin went there. But he wrote, as soon as it was cured with gibean, that people were no longer coughing. That was even though they were all – two hundred and fifty people between St Kildans and strangers – coming together as a congregation for church services.

Show English

The Gibean as a cure

Gaelic Gàidhlig

A bheil sibh eòlach air an fhacal gibean? Am measg eile, tha e a’ ciallachadh, a rèir Faclair Dwelly, ‘ St Kilda pudding made of ... a mixture of fulmar fat, oatmeal etc. Said to be most sustaining and efficacious against coughs and kindred lung troubles .’

Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mun chunntas a rinn an Sgitheanach, Màrtainn MacIlleMhàrtainn, de Hiort o chionn còrr is trì cheud bliadhna. A Late Voyage to St Kilda. Anns a’ chunntas, dh’inns an t-ùghdar dhuinn mun ghibean. Bha an stuth sin air a chleachdadh mar leigheas airson casadaich a bha a’ tighinn air na h-eileanaich gach turas a bha bàta a’ nochdadh à àite eile. Bha an galar a’ maireachdainn suas ri ceala-deug.

Mhìnich MacIlleMhàrtainn gun robh na Hiortaich a’ measgachadh a’ ghibein le min-choirce. Rinn iad brochan. Bha iad a’ gabhail a’ bhrochain mar leigheas airson a’ ghalair.

Cha do thuig daoine aig an àm sin mar a tha galaran a’ sgaoileadh. No mar a sheasas anti-cuirp an aghaidh ghalaran. Bha MacIlleMhàrtainn teagmhach mun sgeul aca mun ghalar. Ach chuir e ceist mun ghnothach air a h-uile duine. Dh’aontaich iad uile – sean is òg – gun robh e fìor. Bha eadhon leanaban air a’ bhroilleach a’ fulang leis. Bha na h-eileanaich dhen bheachd gun robh iad ga fhaighinn bho luchd-siubhail a bha a’ fuireach anns na taighean aca.

Chan e sin a-mhàin, ach gach turas a bha Hiortaich a’ dol gu eilean eile, bha a’ chasadaich a’ tighinn orra anns an aon dòigh. Dh’fheumadh iad an dàrna cuid gibean fhaighinn no falbh dhachaigh a Hiort airson feabhas a thoirt orra fhèin. O, nam biodh lighichean air èisteachd ris na Hiortaich aig an àm sin – ʼs dòcha gun robh iad air mòran ionnsachadh mu sgaoileadh ghalaran!

Feumaidh gun do nochd an galar nuair a chaidh MacIlleMhàrtainn ann. Ach sgrìobh e, cho luath ʼs a bha e air a chur am feabhas le gibean, nach robh casadaich air na daoine tuilleadh. Bha sin, eadhon ged a bha iad uile – dà cheud gu leth duine eadar Hiortaich is coigrich – a’ tighinn cruinn còmhla mar choitheanal airson seirbheisean eaglais.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1030

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile