FaclairDictionary EnglishGàidhlig

662: The Clanranald books 662: Leabhraichean Chlann Raghnaill

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Leabhraichean Chlann Raghnaill

Gaelic Gàidhlig

ʼS docha gun cuala sibh mun Leabhar Dhearg aig Clann Raghnaill. The Red Book of Clanranald. Tha e ann an Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba ann an Dùn Èideann. Chunnaic mi o chionn ghoirid e. Chuir e iongnadh orm cho beag ʼs a bha e.

Beag no mòr, tha an leabhar prìseil. Bha e air a sgrìobhadh aig toiseach an ochdamh linn deug ann an Gàidhlig chlasaigeach le fear Niall MacMhuirich. Bha MacMhuirich a’ fuireach ann an Uibhist a Deas. Bha e na bhall de chinneadh a bha nam bàird is luchd-eachdraidh do chinn-chinnidh nan Dòmhnallach.

Chaidh Seumas ‘Oisean’ MacMhuirich a dh’Uibhist ann an seachd ceud deug is seasgad (1760). Bha e air bàrdachd Oisein fhoillseachadh. Ach bha gu leòr de dhaoine a’ cumail a-mach gur e Seumas fhèin a chruthaich i. Chaidh e a choimhead airson làmh-sgrìobhainnean anns an robh seann bhàrdachd Oiseanach. Chaidh e gu taigh ceann-cinnidh Chlann Raghnaill.

Chuir an ceann-cinnidh e gu fear Niall MacMhuirich. B’ esan ogha an duine a sgrìobh an Leabhar Dearg. Fhuair Seumas an leabhar air iasad. Ach cha tug e air ais e. Nuair a chaochail e, bha an leabhar am measg an stuth aige ann an Lunnainn. An dèidh sin fhuair Clann Raghnaill air ais e.

Tha leabhar eile ann a tha car coltach – Leabhar Dubh Chlann Raghnaill. Eadar an dà leabhar, tha tòrr fiosrachaidh ann mu dhualchas nan Gàidheal aig deireadh nam meadhan-aoisean. Chaidh an Leabhar Dubh a lorg ann am bùth ann am Baile Atha Cliath ann an ochd ceud deug is ceathrad (1840) leis an eachdraiche Albannach, Uilleam Foirbeis Skene. Goirid ro a bhàs, thug Skene an leabhar do cheann-cinnidh Chlann Raghnaill. Mu cheud bliadhna an dèidh sin, thug Clann Raghnaill an dà leabhar – am fear dearg agus am fear dubh – don Taigh-tasgaidh Nàiseanta.

Bha barrachd air aon ùghdar aig an Leabhar Dhubh. B’ e am fear a bu chudromaiche Crìsdean Peutan. Bha esan na bhall de theaghlach ainmeil eile. Bha e na oide aig meur Aontraim Chlann Dòmhnaill. Ma tha sibh anns an Taigh-tasgaidh Nàiseanta uair sam bith, mholainn gun toir sibh sùil air dà leabhar Chlann Raghnaill.

The Clanranald books

English Beurla

Perhaps you [have] heard of the Red Book of Clanranald. The Red Book of Clanranald. It’s in the National Museum of Scotland in Edinburgh. I saw it recently. It surprised me how small it was.

Small or large, the book is precious. It was written at the beginning of the eighteenth century in classical Gaelic by Niall MacMhuirich. MacMhuirich lived in South Uist. He was one of a line of bards and historians to the MacDonald chiefs.

James ‘Ossian’ MacPherson went to Uist in 1760. He had published Ossian’s poetry. But many people maintained that it was James himself that created it. He went to look for manuscripts in which there was old Ossianic poetry. He went to the house of the Clanranald chief.

The chief sent him to a Niall MacMhuirich. He was the grandson of the man who wrote the Red Book. James got the book on loan. But he didn’t give it back. When he died, the book was among his effects in London. After that, Clanranald got it back.

There is another book quite similar – the Black Book of Clanranald. Between the two books, there is a lot of information about the heritage of the Gaels at the end of the middle ages. The Black Book was found in a shop in Dublin in 1840 by the Scottish historian, William Forbes Skene. Shortly before his death, Skene gave the book to the chief of Clanranald. About a hundred years after that, Clanranald gave both books – the red one and the black one – to the National Museum.

The Black Book had more than one author. The most important was Christopher Beaton. He was a member of another famous family. He was a tutor to the Antrim branch of the MacDonalds. If you are ever in the National Museum, I’d recommend that you look at the two Clanranald books.

Leabhraichean Chlann Raghnaill

Gaelic Gàidhlig

ʼS docha gun cuala sibh mun Leabhar Dhearg aig Clann Raghnaill. The Red Book of Clanranald. Tha e ann an Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba ann an Dùn Èideann. Chunnaic mi o chionn ghoirid e. Chuir e iongnadh orm cho beag ʼs a bha e.

Beag no mòr, tha an leabhar prìseil. Bha e air a sgrìobhadh aig toiseach an ochdamh linn deug ann an Gàidhlig chlasaigeach le fear Niall MacMhuirich. Bha MacMhuirich a’ fuireach ann an Uibhist a Deas. Bha e na bhall de chinneadh a bha nam bàird is luchd-eachdraidh do chinn-chinnidh nan Dòmhnallach.

Chaidh Seumas ‘Oisean’ MacMhuirich a dh’Uibhist ann an seachd ceud deug is seasgad (1760). Bha e air bàrdachd Oisein fhoillseachadh. Ach bha gu leòr de dhaoine a’ cumail a-mach gur e Seumas fhèin a chruthaich i. Chaidh e a choimhead airson làmh-sgrìobhainnean anns an robh seann bhàrdachd Oiseanach. Chaidh e gu taigh ceann-cinnidh Chlann Raghnaill.

Chuir an ceann-cinnidh e gu fear Niall MacMhuirich. B’ esan ogha an duine a sgrìobh an Leabhar Dearg. Fhuair Seumas an leabhar air iasad. Ach cha tug e air ais e. Nuair a chaochail e, bha an leabhar am measg an stuth aige ann an Lunnainn. An dèidh sin fhuair Clann Raghnaill air ais e.

Tha leabhar eile ann a tha car coltach – Leabhar Dubh Chlann Raghnaill. Eadar an dà leabhar, tha tòrr fiosrachaidh ann mu dhualchas nan Gàidheal aig deireadh nam meadhan-aoisean. Chaidh an Leabhar Dubh a lorg ann am bùth ann am Baile Atha Cliath ann an ochd ceud deug is ceathrad (1840) leis an eachdraiche Albannach, Uilleam Foirbeis Skene. Goirid ro a bhàs, thug Skene an leabhar do cheann-cinnidh Chlann Raghnaill. Mu cheud bliadhna an dèidh sin, thug Clann Raghnaill an dà leabhar – am fear dearg agus am fear dubh – don Taigh-tasgaidh Nàiseanta.

Bha barrachd air aon ùghdar aig an Leabhar Dhubh. B’ e am fear a bu chudromaiche Crìsdean Peutan. Bha esan na bhall de theaghlach ainmeil eile. Bha e na oide aig meur Aontraim Chlann Dòmhnaill. Ma tha sibh anns an Taigh-tasgaidh Nàiseanta uair sam bith, mholainn gun toir sibh sùil air dà leabhar Chlann Raghnaill.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 966

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile