FaclairDictionary EnglishGàidhlig

645: Dòmhnall mac Fhionnla’ nan Dàn (1) 645: Dòmhnall mac Fhionnla’ nan Dàn (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Dòmhnall mac Fhionnla’ nan Dàn (1)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi a’ bruidhinn mu Iain Lom. Tha bàrd ainmeil eile air a thiodhlacadh anns an dearbh chladh – Cille Choirill. B’ esan Dòmhnall mac Fhionnla’ nan Dàn. ʼS e a sgrìobh ‘Òran na Comhachaig’ aig deireadh an t-siathamh linn deug.

Dh’ainmich mi Iain Beag Dòmhnallach aig an robh beul-aithris mu Iain Lom. Bha beul-aithris aige mu Dhòmhnall cuideachd. Seo dhuibh dà naidheachd aige mu Dhòmhnall.

Bha Dòmhnall sgileil leis a’ bhogha is saighead. Ghabh e cuairt a dh’Earra-Ghàidheal. A bharrachd air a bhith na bhàrd, bha e na shealgair. Chunnaic e damh-fèidh brèagha.

Mharbh e am beathach le saighead. Dh’inns muinntir an àite don cheann-chinnidh aca gu dè bh’ air tachairt. Duine sam bith a mharbhadh fiadh an uair sin ’s e a’ chroich a bha a’ feitheamh ris. Ach chaidh innseadh don cheann-cinnidh gun do rinn Dòmhnall urchair iongantach leis an t-saighead.

‘Uill,’ thuirt an ceann-cinnidh, ‘bidh e math nam chuideachd.’

Thugadh Dòmhnall air beulaibh a’ chinn-chinnidh. ‘Chuala mi,’ thuirt am bodach, ‘gun do mharbh thu fiadh. Ach gheibh thu maitheanas ma dh’fhanas tu air an talamh agam fhìn.’

‘Fanaidh,’ dh’aontaich Dòmhnall.

Dh’fhuirich e ann dreis. Ach dh’fhàs e sgìth dheth. Thuirt e ris a’ cheann-chinnidh gun robh e a’ falbh.’

‘Tha mi glè dhuilich,’ thuirt an ceann-cinnidh. ‘Bheir mi dhut an còrr talamh.’

‘B’ fheàrr aon sgrìob taobh Loch Trèig na na bheil agad uile,’ arsa Dòmhnall. Chaidh Dòmhnall a dh’fhuireach taobh Loch Trèig.

Latha a bha seo, bha e air a’ Bheinn Bhric anns a’ Choire Odhar. Bha a’ bhana-bhuidseach, Cailleach na Beinne Brice, a’ fuireach ann cuide ri a h-aighean. Bhiodh i a’ bleoghann nan aighean. Bha agh shònraichte aice ris an abradh iad ‘an agh bhàn’. Thàinig Dòmhnall.

‘Dè tha a dhìth ort?’ dh’fhaighnich i.

‘An tè bhan,’ thuirt Dòmhnall.

‘Chan fhaigh thu i,’ ars ise.

‘Gheibh,’ thuirt esan.

‘Chan fhaigh,’ ars ise. ‘Fàg an tè bhàn,’ thuirt i, ‘is bheir mi dhut guidhe sam bith.’

‘An toir thu an t-sròn de na h-aighean?’ thuirt e.

‘Bheir,’ thuirt a’ Chailleach.

Agus thathar ag ràdh nach d’fhuair agh riamh on latha sin gaoth air Dòmhnall MacFhionnla’, an sealgair.

Dòmhnall mac Fhionnla’ nan Dàn (1)

English Beurla

I was speaking about Iain Lom. There is another famous poet buried in the same cemetery – Cille Choirill. He was Dòmhnall mac Fhionnla’ nan Dàn. It’s him that wrote ‘the song of the owl’ at the end of the sixteenth century.

I named Iain Beag MacDonald who had oral tradition about Iain Lom. He also had oral tradition about Donald. Here are two of his anecdotes about Donald.

Donald was skilful with the bow and arrow. He took a trip to Argyll. In addition to being a poet, he was a hunter. He saw a beautiful stag.

He killed the animal with an arrow. The local people told the clan chief what had happened. Anyone who killed a deer then, it’s the gibbet that awaited him. But the clan chief was told that Donald made an incredible shot with the arrow.

‘Well,’ said the clan chief, ‘he’ll be good in my company.

Donald was taken in front of the clan chief. ‘I’ve heard,’ said the old man, ‘that you killed a deer. But you’ll be forgiven if you remain on my land.’

‘I’ll stay,’ agreed Donald.

He stayed for a while. But he tired of it. He said to the clan chief that he was leaving.

‘I’m very sorry,’ said the clan chief. ‘I’ll give you more land.’

‘I’d prefer one strip on the side of Loch Treig than all you possess,’ said Donald. Donald went to live beside Loch Treig.

One day he was on the speckled mountain in the dun corrie. The witch, the hag of the speckled mountain, was living there with her hinds. She would milk the hinds. She had a special hind they called ‘the fair hind’. Donald came.

‘What do you want?’ she asked.

‘The fair one,’ said Donald.

‘You’ll not get her,’ said she.

‘Yes, I shall,’ said he.

‘No you won’t,’ said she. ‘Leave the fair one,’ she said, ‘and I’ll give you any wish.’

‘Will you take the nose(s) off the hinds?’ he said.

‘Yes,’ said the Cailleach.

And it’s said that a hind from that day on never got wind of Donald son of Finlay, the hunter.

Dòmhnall mac Fhionnla’ nan Dàn (1)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi a’ bruidhinn mu Iain Lom. Tha bàrd ainmeil eile air a thiodhlacadh anns an dearbh chladh – Cille Choirill. B’ esan Dòmhnall mac Fhionnla’ nan Dàn. ʼS e a sgrìobh ‘Òran na Comhachaig’ aig deireadh an t-siathamh linn deug.

Dh’ainmich mi Iain Beag Dòmhnallach aig an robh beul-aithris mu Iain Lom. Bha beul-aithris aige mu Dhòmhnall cuideachd. Seo dhuibh dà naidheachd aige mu Dhòmhnall.

Bha Dòmhnall sgileil leis a’ bhogha is saighead. Ghabh e cuairt a dh’Earra-Ghàidheal. A bharrachd air a bhith na bhàrd, bha e na shealgair. Chunnaic e damh-fèidh brèagha.

Mharbh e am beathach le saighead. Dh’inns muinntir an àite don cheann-chinnidh aca gu dè bh’ air tachairt. Duine sam bith a mharbhadh fiadh an uair sin ’s e a’ chroich a bha a’ feitheamh ris. Ach chaidh innseadh don cheann-cinnidh gun do rinn Dòmhnall urchair iongantach leis an t-saighead.

‘Uill,’ thuirt an ceann-cinnidh, ‘bidh e math nam chuideachd.’

Thugadh Dòmhnall air beulaibh a’ chinn-chinnidh. ‘Chuala mi,’ thuirt am bodach, ‘gun do mharbh thu fiadh. Ach gheibh thu maitheanas ma dh’fhanas tu air an talamh agam fhìn.’

‘Fanaidh,’ dh’aontaich Dòmhnall.

Dh’fhuirich e ann dreis. Ach dh’fhàs e sgìth dheth. Thuirt e ris a’ cheann-chinnidh gun robh e a’ falbh.’

‘Tha mi glè dhuilich,’ thuirt an ceann-cinnidh. ‘Bheir mi dhut an còrr talamh.’

‘B’ fheàrr aon sgrìob taobh Loch Trèig na na bheil agad uile,’ arsa Dòmhnall. Chaidh Dòmhnall a dh’fhuireach taobh Loch Trèig.

Latha a bha seo, bha e air a’ Bheinn Bhric anns a’ Choire Odhar. Bha a’ bhana-bhuidseach, Cailleach na Beinne Brice, a’ fuireach ann cuide ri a h-aighean. Bhiodh i a’ bleoghann nan aighean. Bha agh shònraichte aice ris an abradh iad ‘an agh bhàn’. Thàinig Dòmhnall.

‘Dè tha a dhìth ort?’ dh’fhaighnich i.

‘An tè bhan,’ thuirt Dòmhnall.

‘Chan fhaigh thu i,’ ars ise.

‘Gheibh,’ thuirt esan.

‘Chan fhaigh,’ ars ise. ‘Fàg an tè bhàn,’ thuirt i, ‘is bheir mi dhut guidhe sam bith.’

‘An toir thu an t-sròn de na h-aighean?’ thuirt e.

‘Bheir,’ thuirt a’ Chailleach.

Agus thathar ag ràdh nach d’fhuair agh riamh on latha sin gaoth air Dòmhnall MacFhionnla’, an sealgair.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 949

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile