FaclairDictionary EnglishGàidhlig

454: The Beggar from Lochaber (1) 454: An Dèirceach Abrach (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An Dèirceach Abrach (1)

Gaelic Gàidhlig

Bha Calum Cille air leth comasach ann a bhith a’ fosgladh dhorsan a bha glaiste. Bha e ann an Èirinn turas. Chaidh e a chèilidh air manaich ann am manachainn ann am meadhan na dùthcha. Nuair a chaidh e ann, bha iuchair a’ chaibeil air chall. Bha na manaich gu math mì-thoilichte mu dheidhinn.

Chaidh Calum Cille gu doras a’ chaibeil. Thuirt e, ‘Is urrainn don Tighearna, às aonais iuchair, doras a thaigh fhèin fhosgladh do a shearbhantan.’ Le sin, dh’fhosgail an doras leis fhèin.

Tha an stòiridh sin a’ nochdadh ann an Vita Columbae, eachdraidh Chaluim Chille. Anns a’ chaibideil a leanas air sin, tha dèirceach bochd à Loch Abar. Chaidh e a Chalum Cille, ag iarraidh dèirc. Thug Calum Cille dha na bha aige de dhèirc. An uair sin thuirt e, ‘A dhuine bhochd, faigh slat bhon choille a tha faisg oirnn agus thoir i dhomh.’ Chaidh an duine bochd don choille agus fhuair e slat. Thug e do Chalum Cille i.

Rinn Calum Cille aon cheann dhen t-slait biorach. Bheannaich e an t-slat. ‘Glèidh an t-slat seo le cùram,’ thuirt e. ‘Ma nì thu sin, tha mi a’ creidsinn nach dèan i cron air daoine no crodh, ach gun dèan i cron a-mhàin air fiadh-bheatha agus èisg. Cho fad ’s a ghleidheas tu an t-slat seo, cha bhi gainnead de shitheann anns an taigh agad.’

Dh’fhalbh an dèirceach dhachaigh ann an deagh shunnd. Chaidh e a-mach don choille. Chuir e an t-slat bhiorach mar stob anns a’ choille. Bha an ceann biorach a’ stobadh an-àirde. Dh’fhàg e mar sin i fad na h-oidhche. An ath mhadainn, thill e. Bha damh mòr air tuiteam air an stob. Bha an damh marbh. Bha feòil gu leòr aig a theaghlach an latha sin.

Lean gnothaichean mar sin fad ùine mhòr. Gach latha bha damh no eilid no earba marbh air ceann biorach an stuib. Nuair a bha a theaghlach sàsaichte le feòil, bha am fear bochd a’ reic a’ chòrr do a choimhearsnaich.

Gu mì-fhortanach, ge-tà, cha do lean cùisean mar sin gu sìorraidh. Innsidh mi dhuibh dè thachair don dèirceach Abrach an-ath-sheachdain.

The Beggar from Lochaber (1)

English Beurla

St Columba was amazingly able to open doors that were locked. He was in Ireland one time. He went to visit monks in a monastery in the middle of the country. When he went there, the key to the chapel was missing. The monks were very unhappy about it.

Columba went to the chapel door. He said, ‘The Lord, without a key, can open the door of his own house to his servants.’ With that, the door opened by itself.

That story appears in Vita Columbae, the story of Columba. In the following chapter, there is a poor beggar from Lochaber. He went to Columba, requesting alms. Columba gave him all the alms he had. Then he said, ‘Poor man, get a stake from the wood that is nearby and give it to me.’ The poor man went to the wood and he got a stake. He gave it to Columba.

Columba sharpened one end of the stake. He blessed the stake. ‘Keep this stake safe,’ he said. ‘If you do that, I believe it will do no harm to men or cattle, but it will only harm wild animals and fish. As long as you keep this stake, you will never want for venison in your house.’

The beggar went home in a good mood. He went out to the wood. He put the sharpened stake sticking out of the ground in the wood. The sharp end was sticking up. He left it there all night. Next morning, he returned. A large stag had fallen on the stake. The stag was dead. His family had enough meat that day.

Matters continued like that for a long time. Each day there was a stag or hind [red deer] or roe deer dead on the sharp end of the stake. When his family had had enough meat, the poor man was selling the rest to his neighbours.

Unfortunately, however, matters didn’t continue like that forever. I’ll tell you what happened to the beggar from Lochaber next week.

An Dèirceach Abrach (1)

Gaelic Gàidhlig

Bha Calum Cille air leth comasach ann a bhith a’ fosgladh dhorsan a bha glaiste. Bha e ann an Èirinn turas. Chaidh e a chèilidh air manaich ann am manachainn ann am meadhan na dùthcha. Nuair a chaidh e ann, bha iuchair a’ chaibeil air chall. Bha na manaich gu math mì-thoilichte mu dheidhinn.

Chaidh Calum Cille gu doras a’ chaibeil. Thuirt e, ‘Is urrainn don Tighearna, às aonais iuchair, doras a thaigh fhèin fhosgladh do a shearbhantan.’ Le sin, dh’fhosgail an doras leis fhèin.

Tha an stòiridh sin a’ nochdadh ann an Vita Columbae, eachdraidh Chaluim Chille. Anns a’ chaibideil a leanas air sin, tha dèirceach bochd à Loch Abar. Chaidh e a Chalum Cille, ag iarraidh dèirc. Thug Calum Cille dha na bha aige de dhèirc. An uair sin thuirt e, ‘A dhuine bhochd, faigh slat bhon choille a tha faisg oirnn agus thoir i dhomh.’ Chaidh an duine bochd don choille agus fhuair e slat. Thug e do Chalum Cille i.

Rinn Calum Cille aon cheann dhen t-slait biorach. Bheannaich e an t-slat. ‘Glèidh an t-slat seo le cùram,’ thuirt e. ‘Ma nì thu sin, tha mi a’ creidsinn nach dèan i cron air daoine no crodh, ach gun dèan i cron a-mhàin air fiadh-bheatha agus èisg. Cho fad ’s a ghleidheas tu an t-slat seo, cha bhi gainnead de shitheann anns an taigh agad.’

Dh’fhalbh an dèirceach dhachaigh ann an deagh shunnd. Chaidh e a-mach don choille. Chuir e an t-slat bhiorach mar stob anns a’ choille. Bha an ceann biorach a’ stobadh an-àirde. Dh’fhàg e mar sin i fad na h-oidhche. An ath mhadainn, thill e. Bha damh mòr air tuiteam air an stob. Bha an damh marbh. Bha feòil gu leòr aig a theaghlach an latha sin.

Lean gnothaichean mar sin fad ùine mhòr. Gach latha bha damh no eilid no earba marbh air ceann biorach an stuib. Nuair a bha a theaghlach sàsaichte le feòil, bha am fear bochd a’ reic a’ chòrr do a choimhearsnaich.

Gu mì-fhortanach, ge-tà, cha do lean cùisean mar sin gu sìorraidh. Innsidh mi dhuibh dè thachair don dèirceach Abrach an-ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 758

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile