ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

42: The Widow MacLeod 42: A’ Bhanntrach NicLeòid

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

A’ Bhanntrach NicLeòid

Gaelic Gàidhlig

Bha sinn ann am Bràigh Mhàrr an t-seachdain sa chaidh. Bha aona bhò aig a’ Bhanntrach NicLeòid. Bha i a dol ga call. Bha an t-uachdaran ag iarraidh na bà. Bha sin airson an torc mòr a bhiathadh. Ach mharbh mac na banntraich, Sanndaidh, an torc. Fhuair Sanndaidh binn bàis.

Chuala a’ Bhanntrach NicLeòid gu robh an rìgh gu bhith ann an ath-là. Dh’fhàg i an taigh aice. Bha i ag iarraidh coinneachadh ris an rìgh air an rathad. Bha i ag iarraidh taic bhon rìgh. Chaidh i suas an gleann. Chuir i seachad an oidhche ann. Thàinig a’ mhadainn. Cha robh an rìgh ann. Bha i fuar. Feasgar, thàinig an rìgh. Dh’iarr a’ bhanntrach air an rìgh am mac aice a shàbhaladh.

Dh’iarr an rìgh air a’ bhanntraich dhol còmhla ris gu Caisteal Ceann na Drochaid. Nuair a bha e anns a’ chaisteal, bhruidhinn an rìgh ris an uachdaran.

Thug an rìgh cothrom do Shanndaidh. Chuir iad a mhàthair air leac air taobh thall Uisge Chluainidh. Bha Sanndaidh na sheasamh air drochaid-thogalach a’ chaisteil. Chaidh fàd mònach a chur air ceann a mhàthar. Dh’iarr an rìgh air Sanndaidh am fàd a bhualadh le saighead.

Bha an t-eagal air a’ ghille. Dh’iarr e am bogha aige fhèin fhaighinn. Dh’iarr e cuideachd an dà shaigheid aige. Bha iad sin aige nuair a chaidh a chur an grèim.

Air taobh thall Uisge Chluainidh, bha màthair a’ ghille. Bha i na seasamh le fàd mònach air a ceann. Dh’amais Sanndaidh gu cùramach. Leig e sreang a’ bhogha. Bhuail an t-saighead anns an fhàd. Thuit am fàd far ceann a mhàthar. Bha a h-uile duine toilichte.

Dh’iarr an rìgh air Sanndaidh tighinn air a bheulaibh. “Is math a rinn thu, ’ille,” thuirt e, “ach carson a dh’iarr thu dà shaigheid?”

“Nan robh mi air fàilneachadh leis a’ chiad tè,” fhreagair an gille, “agus nan robh mi air mo mhàthair a mharbhadh, bha mi air an dàrna tè a chur annaibh fhèin.” Bha an t-uabhas air an t-sluagh. Ach rinn an rìgh gàire mhòr. Leig e an gille ma sgaoil. Thill Sanndaidh agus a mhàthair don taigh aca. Dh’fhuirich iad ann an sin airson a’ chòrr dhem beatha.

Faclan is abairtean: Bha sinn ann am Bràigh Mhàrr: we were in Braemar; bha aona bhò aig a’ Bhanntrach NicLeòid: the Widow MacLeod had one cow; bha i a dol ga call: she was going to lose it [fem.]; bha an t-uachdaran ag iarraidh na bà: the landlord was wanting the cow; airson an torc mòr a bhiathadh: to feed the big boar; fhuair Sanndaidh binn bàis: Sandy received a death sentence; gu robh an rìgh gu bhith ann an ath-là: that the king was going to be there the next day; bha i ag iarraidh taic bhon rìgh: she wanted help from the king; chuir i seachad an oidhche ann: she spent the night there; dh’iarr a’ bhanntrach air an rìgh am mac aice a shàbhaladh: the widow asked the king to save her son; dhol còmhla ris gu Caisteal Ceann na Drochaid: to go with him to Kindrochit Castle; cothrom:opportunity; chuir iad a mhàthair air leac air taobh thall Uisge Chluainidh:they put his mother on a rocky ledge on the other side of Clunie Water (a burn); bha Sanndaidh na sheasamh air drochaid-thogalach a’ chaisteil: Sandy was standing on the castle’s drawbridge; fàd mònach: a peat; am fàd a bhualadh le saighead: to hit the peat with an arrow; am bogha aige fhèin: his own bow; dh’iarr e cuideachd an dà shaigheid aige: he also requested his two arrows; nuair a chaidh a chur an grèim: when he was arrested; dh’amais Sanndaidh gu cùramach: Sandy aimed carefully; leig e sreang a’ bhogha: he released the bowstring; far ceann a mhàthar: from his mother’s head; air a bheulaibh: in front of him; is math a rinn thu, ’ille: you did well, lad; carson a dh’iarr thu dà shaigheid?: why did you request two arrows?; nan robh mi air fàilneachadh leis a’ chiad tè: if I had failed with the first one; nan robh mi air mo mhàthair a mharbhadh: if I had killed my mother; bha mi air an dàrna tè a chur annaibh fhèin: I would have put the second one in you; bha an t-uabhas air an t-sluagh: the people were horrified; rinn an rìgh gàire mhòr: the king gave a great laugh; leig e an gille ma sgaoil: he released the lad; airson a’ chòrr dhem beatha: for the rest of their lives.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 346

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile