FaclairDictionary EnglishGàidhlig

363: Thomas Garnett and fishing geadas 363: Tòmas Garnett agus Iasgach a’ Gheadais

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Tòmas Garnett agus Iasgach a’ Gheadais

Gaelic Gàidhlig

A bheil sibh eòlach air Loch Innis mo Cholmaig? ’S e àite annasach a tha ann. Carson? Uill, ’s e ainm an locha ann am Beurla The Lake of Menteith. “The only lake in Scotland” mar a chanas daoine gu tric – ged as e “loch” a tha ann, ann an Gàidhlig.

Seo cunntas dhen loch bhon leabhar aig Tòmas Garnett Observations on a Tour Through the Highlands and Part of the Western Isles of Scotland a nochd anns a’ bhliadhna ochd ceud deug (1800): “About six miles from Callander, we came to the Loch of Monteith, a beautiful little lake about five miles in circumference, adorned with two small sylvan islands.” Loch of Monteith, seach Lake of Menteith.

Sgrìobh Garnett cunntas inntinneach mun loch. Agus sgrìobh e mu dhòigh iasgaich anns an loch. Tha dà sheòrsa èisg pailt ann an Loch Innis mo Cholmaig. Chan eil na h-èisg sin cumanta air a’ Ghàidhealtachd. Ach tha iad cumanta gu leòr air a’ Ghalltachd agus ann an Sasainn. ’S e sin a’ chreagag-uisge (no muc-locha) agus an geadas. ’S e a’ Bheurla air creagag-uisge no muc-locha “freshwater perch”. ’S e a’ Bheurla air geadas “pike”. Tha cunntas Gharnett mun t-seann dòigh airson geadais a ghlacadh.

Bha tuathanaich air bruaichean an locha. Bha iad a’ toirt geòidh a-mach do na h-eileanan. Bha iad a’ ceangal lìn-bheaga ri casan nan gèadh. Bha na lìn gu math goirid. Chuir iad dubhan air gach lìon. Agus chuir iad baoit air gach dubhan. An uair sin, bha na tuathanaich ag iomain nan gèadh a-steach don loch.

Bha na geadais a’ greimeachadh air a’ bhaoit. Bha iad air an glacadh leis na dubhain. Bha spàirn mhòr eadar na geòidh agus na geadais. Bha na geadais a’ feuchainn ri faighinn gu uisge domhainn. Bha na geòidh a’ feuchainn ri faighinn gu tìr. Bha na geòidh a’ buannachadh. Ach bha iad uabhasach sgìth nuair a ràinig iad tìr.

Chan e iasgach tlachdmhor a bha ann, chanainn. Cha bhiodh daoine toilichte leis an-diugh.

Thomas Garnett and fishing geadas

English Beurla

Do you know Loch Innis mo Cholmaig? It’s an unusual place. Why? Well, the name of the loch in English is the Lake of Menteith. “The only lake in Scotland” as people often say – although it’s a “loch” in Gaelic.

Here is an account of the loch from Thomas Garnett’s book Observations on a Tour Through the Highlands and Part of the Western Isles of Scotland that appeared in the year 1800: “About six miles from Callander, we came to the Loch of Monteith, a beautiful little lake about five miles in circumference, adorned with two small sylvan islands.” Loch of Monteith, rather than Lake of Menteith.

Garnett wrote an interesting account of the loch. And he wrote about a way of fishing in the loch. Two types of fish are plentiful in the Lake of Menteith. Those fish are not common in the Highlands. But they are common enough in the Lowlands and in England. That’s the creagag-uisge (or muc-locha) and the geadas. The English for creagag-uisge or muc-locha is “freshwater perch”. The English for geadas is “pike”. Garnett’s account is of the old means of catching pike.

There were farmers on the banks of the loch. They were taking geese out to the islands. They were tying small lines to the geese’s feet. The lines were very short. They put a hook on each line. And they put bait on each hook. Then the farmers were driving the geese into the loch.

The pike were grabbing the bait. They were caught with the hooks. There was a great struggle between the geese and the pike. The pike were trying to get to deep water. The geese were trying to get to land. The geese were winning. But they were very tired when they reached land.

It wasn’t a pleasurable way of fishing, I’d say. People wouldn’t be happy with it today.

Tòmas Garnett agus Iasgach a’ Gheadais

Gaelic Gàidhlig

A bheil sibh eòlach air Loch Innis mo Cholmaig? ’S e àite annasach a tha ann. Carson? Uill, ’s e ainm an locha ann am Beurla The Lake of Menteith. “The only lake in Scotland” mar a chanas daoine gu tric – ged as e “loch” a tha ann, ann an Gàidhlig.

Seo cunntas dhen loch bhon leabhar aig Tòmas Garnett Observations on a Tour Through the Highlands and Part of the Western Isles of Scotland a nochd anns a’ bhliadhna ochd ceud deug (1800): “About six miles from Callander, we came to the Loch of Monteith, a beautiful little lake about five miles in circumference, adorned with two small sylvan islands.” Loch of Monteith, seach Lake of Menteith.

Sgrìobh Garnett cunntas inntinneach mun loch. Agus sgrìobh e mu dhòigh iasgaich anns an loch. Tha dà sheòrsa èisg pailt ann an Loch Innis mo Cholmaig. Chan eil na h-èisg sin cumanta air a’ Ghàidhealtachd. Ach tha iad cumanta gu leòr air a’ Ghalltachd agus ann an Sasainn. ’S e sin a’ chreagag-uisge (no muc-locha) agus an geadas. ’S e a’ Bheurla air creagag-uisge no muc-locha “freshwater perch”. ’S e a’ Bheurla air geadas “pike”. Tha cunntas Gharnett mun t-seann dòigh airson geadais a ghlacadh.

Bha tuathanaich air bruaichean an locha. Bha iad a’ toirt geòidh a-mach do na h-eileanan. Bha iad a’ ceangal lìn-bheaga ri casan nan gèadh. Bha na lìn gu math goirid. Chuir iad dubhan air gach lìon. Agus chuir iad baoit air gach dubhan. An uair sin, bha na tuathanaich ag iomain nan gèadh a-steach don loch.

Bha na geadais a’ greimeachadh air a’ bhaoit. Bha iad air an glacadh leis na dubhain. Bha spàirn mhòr eadar na geòidh agus na geadais. Bha na geadais a’ feuchainn ri faighinn gu uisge domhainn. Bha na geòidh a’ feuchainn ri faighinn gu tìr. Bha na geòidh a’ buannachadh. Ach bha iad uabhasach sgìth nuair a ràinig iad tìr.

Chan e iasgach tlachdmhor a bha ann, chanainn. Cha bhiodh daoine toilichte leis an-diugh.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 667

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile