FaclairDictionary EnglishGàidhlig

311: Placenames in Scotland (1) 311: Ainmean-àite ann an Alba (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Ainmean-àite ann an Alba (1)

Gaelic Gàidhlig

Tha baile ann am Fìobh air a bheil Cill Rìmhinn mar ainm. Chan e baile mòr a tha ann. Ach tha e ainmeil. Bha e cudromach ann an eachdraidh na h-Alba. Agus tha e cudromach fhathast do gholf agus do gholfairean. Tha ceangal aige do naomh-taice nàiseanta na h-Alba – an Naomh Anndra. ’S e a’ Bheurla air Cill Rìmhinn – St Andrews. Anns an dà chànan, bidh sinn a’ bruidhinn air St Andrews University agus Oilthigh Chill Rìmhinn. Ach ciamar a fhuair am baile an dà ainm sin, agus iad cho eadar-dhealaichte bho chèile?

Tha an t-ainm Gàidhlig nas sine na tha an t-ainm Beurla. Chan e Cill Rìmhinn a bha ann, ge-tà, ach Cinn Rìmhinn, no rudeigin coltach ri sin. Tha e a’ nochdadh an toiseach anns an ochdamh linn AC. Tha sin ann an Annala Uladh. Tha iad ag innse dhuinn mu mors Tuathalain abbatis Cinrigh Monai (bàs Tuathalain, aba Cinrigh Monai).

Thug an sgoilear, Sìm Mac an Tàilleir, sùil air ainmean-àite Fìobha. Tha e ag ràdh gur dòcha gun robh an t-ainm Gàidhlig na eadar-theangachadh air ainm Cruithneach. ’S dòcha gur e Penrimonid a bha air ann an Cruithnis. No rudeigin coltach ri sin. Ach ’s e an t-ainm Gàidhlig a’ chiad fhear a nochdas ann an eachdraidh.

B’ e an t-ainm ann an Gàidhlig Ceann Rìghmonadh. ’S e an t-eadar-theangachadh air “royal or king’s muir, upland, rough grazing”. Tha an talamh àrd anns an sgìre fhathast a’ giùlain an ainm Kingsmuir.

Dh’atharraich Rìghmonadh ann an Gàidhlig gu Rymont ann am Beurla. Agus timcheall air an dàrna linn deug, dh’atharraich Kin- gu Kil. Kilrymont. Cill Rìmhinn. Tha e coltach gun robh an t-atharrachadh ann leis gun robh an t-àite cudromach mar làrach eaglaise.

Tha Sìm Mac an Tàilleir ag innse dhuinn gun do ghlèidh na Gàidheil an seann ainm Cill Rìmhinn, ach gun deach Kilrymont à bith ann am Beurla. Anns na beagan bliadhnaichean a dh’fhalbh, ge-tà, thòisich daoine air Kilrymont a chleachadh a-rithist. A-nise, ann an Cill Rìmhinn, tha Kilrymont Road, Kilrymont Crescent, Kilrymont Place agus Kilrymont School. Agus an t-ainm St Andrews? Bheir sinn sùil air sin an-ath-sheachdain.

Placenames in Scotland (1)

English Beurla

There is a town in Fife called Cill Rìmhinn. It’s not a big town. But it’s famous. It was important in the history of Scotland. And it’s still important to golf and golfers. It has a link to the patron saint of Scotland – St Andrew. The English for Cill Rìmhinn is St Andrews. In the two languages we talk about St Andrews University and Oilthigh Chill Rìmhinn. But how did the town get those two names which are so different from each other?

The Gaelic name is older than the English name. It wasn’t Cill Rìmhinn, however, but Cinn Rìmhinn, or something like that. It appears first in the eighth century AD. That’s in the Annals of Ulster. They tell us about mors Tuathalain abbatis Cinrigh Monai (the death of Tuathalan, the abbot of Cinrigh Monai).

The scholar, Simon Taylor, looked at the place names of Fife. He says that the Gaelic name was perhaps a translation of a Pictish name. Perhaps it was called Penrimonid in Pictish. Or something like that. But the Gaelic name is the first to appear in history.

The name in Gaelic was Ceann Rìghmonadh. That translates as “royal or king’s muir, upland, rough grazing”. The upland country in the area still carries the name Kingsmuir.

Rìghmonadh in Gaelic changed to Rymont in English. And around the twelfth century, Kin- changed to Kil. Kilrymont. Cill Rìmhinn. It appears that the change occurred because the place was important as a church site.

Simon Taylor tells us that the Gaels kept the old name Cill Rìmhinn, but that Kilrymont went out of use in English. In the last few years people [have] started to use Kilrymont again. Now, in St Andrews, there are Kilrymont Road, Kilrymont Crescent, Kilrymont Place and Kilrymont School. And the name St Andrews? We’ll look at that next week.

Ainmean-àite ann an Alba (1)

Gaelic Gàidhlig

Tha baile ann am Fìobh air a bheil Cill Rìmhinn mar ainm. Chan e baile mòr a tha ann. Ach tha e ainmeil. Bha e cudromach ann an eachdraidh na h-Alba. Agus tha e cudromach fhathast do gholf agus do gholfairean. Tha ceangal aige do naomh-taice nàiseanta na h-Alba – an Naomh Anndra. ’S e a’ Bheurla air Cill Rìmhinn – St Andrews. Anns an dà chànan, bidh sinn a’ bruidhinn air St Andrews University agus Oilthigh Chill Rìmhinn. Ach ciamar a fhuair am baile an dà ainm sin, agus iad cho eadar-dhealaichte bho chèile?

Tha an t-ainm Gàidhlig nas sine na tha an t-ainm Beurla. Chan e Cill Rìmhinn a bha ann, ge-tà, ach Cinn Rìmhinn, no rudeigin coltach ri sin. Tha e a’ nochdadh an toiseach anns an ochdamh linn AC. Tha sin ann an Annala Uladh. Tha iad ag innse dhuinn mu mors Tuathalain abbatis Cinrigh Monai (bàs Tuathalain, aba Cinrigh Monai).

Thug an sgoilear, Sìm Mac an Tàilleir, sùil air ainmean-àite Fìobha. Tha e ag ràdh gur dòcha gun robh an t-ainm Gàidhlig na eadar-theangachadh air ainm Cruithneach. ’S dòcha gur e Penrimonid a bha air ann an Cruithnis. No rudeigin coltach ri sin. Ach ’s e an t-ainm Gàidhlig a’ chiad fhear a nochdas ann an eachdraidh.

B’ e an t-ainm ann an Gàidhlig Ceann Rìghmonadh. ’S e an t-eadar-theangachadh air “royal or king’s muir, upland, rough grazing”. Tha an talamh àrd anns an sgìre fhathast a’ giùlain an ainm Kingsmuir.

Dh’atharraich Rìghmonadh ann an Gàidhlig gu Rymont ann am Beurla. Agus timcheall air an dàrna linn deug, dh’atharraich Kin- gu Kil. Kilrymont. Cill Rìmhinn. Tha e coltach gun robh an t-atharrachadh ann leis gun robh an t-àite cudromach mar làrach eaglaise.

Tha Sìm Mac an Tàilleir ag innse dhuinn gun do ghlèidh na Gàidheil an seann ainm Cill Rìmhinn, ach gun deach Kilrymont à bith ann am Beurla. Anns na beagan bliadhnaichean a dh’fhalbh, ge-tà, thòisich daoine air Kilrymont a chleachadh a-rithist. A-nise, ann an Cill Rìmhinn, tha Kilrymont Road, Kilrymont Crescent, Kilrymont Place agus Kilrymont School. Agus an t-ainm St Andrews? Bheir sinn sùil air sin an-ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 615

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile