310: A song from Loch Carron 310: Òran à sgìre Loch Carrann
Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.
Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Òran à sgìre Loch Carrann
Seo criomag de dh’òran. Tha an t-òran sean. Tha e à sgìre Loch Carrann ann an Ros an Iar. Fhuair sinn nuas bho Àrd Mhic Shimidh, Bò mhaol dhubh ’s i air leth-shine, ’S iomadh fear a thig le sgilig, Dh’iarraidh dileag de ’cuid bainne.
A bheil bò a’ ciallachadh “bò”? Agus a bheil bainne a’ ciallachadh “bainne”? Uill, chan eil. Seo an treas rann dhen òran: Siud far an robh a’ bhò bha neònach, Bidh luchd mionaich innte an-còmhnaidh, ’S tric a thug mi fhèin mo leòr dhith, Sùgh an eòrn’ as fheàrr san talamh.
Aha! Sùgh an eòrn’ as fheàrr san talamh. Dè tha ann an sùgh an eòrna? Dè ach uisge-beatha! ’S e a’ bho mhaol dhubh a’ phoit dhubh. ’S e sin an uidheamachd a bha aig na seann daoine airson uisge-beatha a dhèanamh. Bha “bainne” a’ ciallachadh “uisge-beatha”!
’S e ainm an òrain – Òran na Poite Duibhe. Chaidh a chruinneachadh le Arthur Geddes bho Fhionnladh MacCalmain aig ceann Loch Carrann. Cha d’ fhuair mi a-mach càite an robh a’ phoit dhubh. Ach tha an t-sèist ag ainmeachadh “fear donn a’ bhealaich”. Cò bha anns an fhear dhonn? Uill, chan eil mi cinnteach. ’S dòcha an t-uachdaran no fear-taca. A rèir choltais bha e taiceil do luchd-dèanaimh an uisge-bheatha. Seo an t-sèist: Hùg o air fear donn a’ bhealaich, Òigear sunndach, sùrdach, fearail, Hùg o air fear donn a’ bhealaich.
Bha an t-eagal air luchd-dèanaimh an uisge-bheatha gun robh na gèidsearan a’ dol a thighinn. Bha an gnothach mì-laghail. Tha an t-eagal sin a’ tighinn am bàrr anns a’ cheathramh rann: Nuair a theann sinn air cur foidhpe, Bha a’ bhò dhubh agus laogh òg aic’, ’S eagal oirnn gun tig na seòid, ’S gum fàg iad sinn gun bhò ’s gun bhainne. Obh obh – gun bhò ’s gun bhainne. Rud uabhasach!
Tha an t-òran a’ moladh na poite duibhe. Ach bha an t-ùghdar mothachail gum bi deoch làidir a’ dèanamh cron cuideachd. Tha an deoch coltach ris a’ ghrèin. ’S dòcha gum bi beagan dhith math dhut. Ach chan fhulaing thu cus.
A song from Loch Carron
Here is a bit of a song. The song is old. It’s from the parish of Lochcarron in Wester Ross. We got down from Fraser’s Àird (near Beauly), a black hornless cow with half an udder, Many a man came with money, To get a drop of her milk.
Does bò mean “cow”? And does bainne mean “milk”? Well, no. Here is the third verse of the song. That’s where the strange cow was, She always has a bellyfull in her, Many’s a time I took my fill of her, The best barley juice in the world.
Aha! The best barley juice in the world. What is barley juice? What, other than whisky! The black, hornless cow is the illegal still [“black pot”]. That is the equipment the old people had in order to make whisky. “Milk” meant “whisky”!
The name of the song is The Song of the Secret Still. It was collected by Arthur Geddes from Finlay Murchison at the head of Loch Carron. I haven’t found out where the secret still was. But the chorus names “brown-haired man of the pass”. Who was the brown-haired man? Well, I’m not sure. Perhaps the landlord or tacksman. It appears he was supportive of the whisky makers. Here is the chorus: Hùg o air the brown-haired man of the pass, Contented, cheerful, manly young man, Hùg o air the brown-haired man of the pass.
The whisky makers were afraid that the gaugers [excisemen] were going to come. The affair was illegal. That fear comes to the surface in the fourth verse: When we began to put her under [hide the equipment], The black cow and her young calf [the vessel for collecting the distillate], And us afraid the heroes [gaugers] would come, And that they’ll leave us without cow or milk. Oh dear – without cow or milk. A terrible thing!
The song praises the secret still. But the author appreciates that strong drink also causes harm. Drink is like the sun. Perhaps a little of it [her] is good for you. But you can’t put up with [suffer] too much.
Òran à sgìre Loch Carrann
Seo criomag de dh’òran. Tha an t-òran sean. Tha e à sgìre Loch Carrann ann an Ros an Iar. Fhuair sinn nuas bho Àrd Mhic Shimidh, Bò mhaol dhubh ’s i air leth-shine, ’S iomadh fear a thig le sgilig, Dh’iarraidh dileag de ’cuid bainne.
A bheil bò a’ ciallachadh “bò”? Agus a bheil bainne a’ ciallachadh “bainne”? Uill, chan eil. Seo an treas rann dhen òran: Siud far an robh a’ bhò bha neònach, Bidh luchd mionaich innte an-còmhnaidh, ’S tric a thug mi fhèin mo leòr dhith, Sùgh an eòrn’ as fheàrr san talamh.
Aha! Sùgh an eòrn’ as fheàrr san talamh. Dè tha ann an sùgh an eòrna? Dè ach uisge-beatha! ’S e a’ bho mhaol dhubh a’ phoit dhubh. ’S e sin an uidheamachd a bha aig na seann daoine airson uisge-beatha a dhèanamh. Bha “bainne” a’ ciallachadh “uisge-beatha”!
’S e ainm an òrain – Òran na Poite Duibhe. Chaidh a chruinneachadh le Arthur Geddes bho Fhionnladh MacCalmain aig ceann Loch Carrann. Cha d’ fhuair mi a-mach càite an robh a’ phoit dhubh. Ach tha an t-sèist ag ainmeachadh “fear donn a’ bhealaich”. Cò bha anns an fhear dhonn? Uill, chan eil mi cinnteach. ’S dòcha an t-uachdaran no fear-taca. A rèir choltais bha e taiceil do luchd-dèanaimh an uisge-bheatha. Seo an t-sèist: Hùg o air fear donn a’ bhealaich, Òigear sunndach, sùrdach, fearail, Hùg o air fear donn a’ bhealaich.
Bha an t-eagal air luchd-dèanaimh an uisge-bheatha gun robh na gèidsearan a’ dol a thighinn. Bha an gnothach mì-laghail. Tha an t-eagal sin a’ tighinn am bàrr anns a’ cheathramh rann: Nuair a theann sinn air cur foidhpe, Bha a’ bhò dhubh agus laogh òg aic’, ’S eagal oirnn gun tig na seòid, ’S gum fàg iad sinn gun bhò ’s gun bhainne. Obh obh – gun bhò ’s gun bhainne. Rud uabhasach!
Tha an t-òran a’ moladh na poite duibhe. Ach bha an t-ùghdar mothachail gum bi deoch làidir a’ dèanamh cron cuideachd. Tha an deoch coltach ris a’ ghrèin. ’S dòcha gum bi beagan dhith math dhut. Ach chan fhulaing thu cus.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 614
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn