FaclairDictionary EnglishGàidhlig

296: The Gaelic Bible (2) 296: A' Bhìoball Gàidhlig (2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

A' Bhìoball Gàidhlig (2)

Gaelic Gàidhlig

Anns an t-seachdamh linn deug, bha mòran anns an Eaglais ann an Alba an aghaidh na Gàidhlig. Mar sin, cha deach eadar-theangachadh a dhèanamh dhen Bhìoball gu Gàidhlig.

Ach bha an suidheachadh nas fheàrr ann an Èirinn. Anns an t-seachdamh linn deug, nochd an Tiomnadh Nuadh agus an Seann Tiomnadh ann an Gàidhlig na h-Èireann. Bha cus lethbhreac dhen t-Seann Tiomnadh aca. Chuir iad feadhainn a dh’Alba.

Ach thug e ùine don Eaglais ann an Dùn Èideann na Seann Tiomnaidhean seo a chur a-mach don Ghàidhealtachd. Bha nàimhdeas don Ghàidhlig taobh a-staigh na h-Eaglaise. Agus cha robh e furasta do Ghàidheil na h-Alba na teacsaichean Èireannach a leughadh. Bha an cànan rud beag eadar-dhealaichte.

Agus bha duilgheadas eile ann cuideachd. Bha na teacsaichean Èireannach sgrìobhte anns a’ chlò Èireannach. Bha sin doirbh a leughadh do dh’Albannach.

Tha triùir charactaran anns an stòiridh seo. An toiseach, Robert Boyle, dùin-uasal Èireannach. B’ esan mac Iarla Chorcaigh. Chuir e na teacsaichean Èireannach gu ruige Alba. B’ e an dàrna fear Seumas Kirkwood, ministear à Sasainn. Rugadh esan air a’ Ghalltachd. Bha e uaireigin a’ fuireach ann am Bràghad Albainn. Agus an treas duine – Raibeart Kirk, am ministear ann an Obar Phuill anns na Tròiseachan. Bha Gàidhlig aig Kirk bho dhùthchas.

Bha Kirkwood agus Boyle ag iarraidh am Bìoball Èireannach a sgaoileadh ann an Alba. Ach bha iad a’ smaoineachadh gum biodh e na b’ fheàrr a bhith sgrìobhte ann an clò Ròmanach, seach clò Èireannach.

Chaidh an obair sin a thoirt don Urramach Raibeart Kirk. Anns a’ Ghiblean sia ceud deug is naochad (1690) bha e deiseil. Nochd am Bìoball Èireannach ann an clò Ròmanach airson muinntir na h-Alba. Chaidh trì mìle Bìoball agus mìle Tiomnadh Nuadh a chur an clò. Agus chaidh trì mìle leabhar cheist a dhèanamh cuideachd.

Ach fhathast, bha an Eaglais slaodach. Cha robh na Bìobaill a’ faighinn a-mach gu luath gu na paraistean Gàidhlig. Agus cha robh iad ann an Gàidhlig na h-Alba co-dhiù. Chì sinn mar a dh’atharraich cùisean – tro thìde – an-ath-sheachdain.

The Gaelic Bible (2)

English Beurla

In the seventeenth century, many people in the Church in Scotland were opposed to the Gaelic language. Thus, no translation was made of the Bible into Gaelic.

But the situation was better in Ireland. In the seventeenth century, the New Testament and the Old Testament appeared in Irish Gaelic. They had surplus copies of the Old Testament. They sent some to Scotland.

But it took time for the Church in Edinburgh to send these Old Testaments to the Highlands. There was hostility to Gaelic within the Church. And it wasn’t easy for Scottish Gaels to read the Irish texts. The language was a bit different.

And there was also another difficulty. The Irish texts were written in the Irish type/font. That was difficult for Scots to read.

There are three characters in this story. To begin with, Robert Boyle, an Irish gentleman. He was a son of the Earl of Cork. He sent the Irish texts to Scotland. The second man was James Kirkwood, a minister from England. He was born in the [Scottish] Lowlands. At one time he was living in Breadalbane. And the third man – Robert Kirk, the minister in Aberfoyle in the Trossachs. Kirk was a native Gaelic speaker.

Kirkwood and Boyle were wanting to distribute the Irish Bible in Scotland. But they were thinking that it would be better to be written in Roman (Latin) type, rather than Irish type.

That work was given to Rev Robert Kirk. In April 1690 he was ready. The Irish Bible appeared in Roman type for the people of Scotland. Three thousand Bibles and a thousand New testaments were printed. And three thousand catechism books were made also.

But still, the Church was dilatory. The Bibles weren’t getting out speedily to the Gaelic parishes. And they weren’t in Scottish Gaelic anyway. We’ll see how things changed – eventually – next week.

A' Bhìoball Gàidhlig (2)

Gaelic Gàidhlig

Anns an t-seachdamh linn deug, bha mòran anns an Eaglais ann an Alba an aghaidh na Gàidhlig. Mar sin, cha deach eadar-theangachadh a dhèanamh dhen Bhìoball gu Gàidhlig.

Ach bha an suidheachadh nas fheàrr ann an Èirinn. Anns an t-seachdamh linn deug, nochd an Tiomnadh Nuadh agus an Seann Tiomnadh ann an Gàidhlig na h-Èireann. Bha cus lethbhreac dhen t-Seann Tiomnadh aca. Chuir iad feadhainn a dh’Alba.

Ach thug e ùine don Eaglais ann an Dùn Èideann na Seann Tiomnaidhean seo a chur a-mach don Ghàidhealtachd. Bha nàimhdeas don Ghàidhlig taobh a-staigh na h-Eaglaise. Agus cha robh e furasta do Ghàidheil na h-Alba na teacsaichean Èireannach a leughadh. Bha an cànan rud beag eadar-dhealaichte.

Agus bha duilgheadas eile ann cuideachd. Bha na teacsaichean Èireannach sgrìobhte anns a’ chlò Èireannach. Bha sin doirbh a leughadh do dh’Albannach.

Tha triùir charactaran anns an stòiridh seo. An toiseach, Robert Boyle, dùin-uasal Èireannach. B’ esan mac Iarla Chorcaigh. Chuir e na teacsaichean Èireannach gu ruige Alba. B’ e an dàrna fear Seumas Kirkwood, ministear à Sasainn. Rugadh esan air a’ Ghalltachd. Bha e uaireigin a’ fuireach ann am Bràghad Albainn. Agus an treas duine – Raibeart Kirk, am ministear ann an Obar Phuill anns na Tròiseachan. Bha Gàidhlig aig Kirk bho dhùthchas.

Bha Kirkwood agus Boyle ag iarraidh am Bìoball Èireannach a sgaoileadh ann an Alba. Ach bha iad a’ smaoineachadh gum biodh e na b’ fheàrr a bhith sgrìobhte ann an clò Ròmanach, seach clò Èireannach.

Chaidh an obair sin a thoirt don Urramach Raibeart Kirk. Anns a’ Ghiblean sia ceud deug is naochad (1690) bha e deiseil. Nochd am Bìoball Èireannach ann an clò Ròmanach airson muinntir na h-Alba. Chaidh trì mìle Bìoball agus mìle Tiomnadh Nuadh a chur an clò. Agus chaidh trì mìle leabhar cheist a dhèanamh cuideachd.

Ach fhathast, bha an Eaglais slaodach. Cha robh na Bìobaill a’ faighinn a-mach gu luath gu na paraistean Gàidhlig. Agus cha robh iad ann an Gàidhlig na h-Alba co-dhiù. Chì sinn mar a dh’atharraich cùisean – tro thìde – an-ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 600

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile