FaclairDictionary EnglishGàidhlig

287: Billy (1) 287: Bilidh (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Bilidh (1)

Gaelic Gàidhlig

Seo an sgeulachd thraidiseanta “Bilidh”. Chaidh a cruinneachadh ann am Barraigh anns an naoidheamh linn deug. Tha mi an dòchas gun còrd i ribh.

Bha uaireigin tuathanach ann. Bha mac aige air an robh Bilidh. Bhiodh Bilidh a’ goid rudan. Bhiodh e a’ goid bhon air an duine-uasal faisg air làimh. Thàinig an duine-uasal. Dh’iarr e air Bilidh ceàird ionnsachadh. Cha robh ceàird na b’ fheàrr na mèirle.

Chaidh Bilidh a-mach a dh’ionnsachadh mèirle. Choinnich e ri triùir air an rathad. Dh’fhaighnich iad cà’ robh e a’ dol. Thuirt Bilidh gun robh e a’ dol a dh’ionnsachadh mèirle. Thuirt e gun robh e ag iarraidh maighstir.

“Uill, uill,” arsa fear dhiubh. “Tha mise ag iarraidh gille airson na mèirle. Bheir mi obair dhut.”

Dh’fhalbh Bilidh leis. Chaidh iad gu taigh-seinnse. Bha an duine ag iarraidh rudan a ghoid. Bha ròp aige. “Nise,” thuirt e ri Bilidh, “thèid thusa sìos an similear air an ròp. Cuir a h-uile rud luachmhor suas. An uair sin bheir mise thu fhèin suas air an ròp.”

Air an oidhche, chaidh Bilidh air mullach an taigh-sheinnse. Chaidh e sìos an similear air an ròp. Chuir e a h-uile rud luachmhor suas an ròp. Ach theich am fear eile.

Bha Bilidh ann an èiginn. Sheall e mun cuairt. Lorg e seiche mairt. Bha adhaircean air an t-seiche. Chuir e an t-seiche timcheall air. Thòisich e air sgriachail.

Dh’èirich a’ bhean-mhuinntir. Dh’fhosgail i doras an t-seòmair. Nuair a chunnaic i Bilidh le seiche mairt is adhaircean air, ghabh i eagal. Ghlaodh i ri a maighstir.

“Dè tha a’ cur ort?” ars a maighstir.

“Chunnaic mi an Donas!” thuirt i.

Chaidh am maighstir don t-seòmar. Bhruidhinn e ris an “Donas”. “Dè chuir an seo thu?” thuirt e.

“Is tric a thig mi an seo,” fhreagair Bilidh.

“Dè ghabhas tu”, arsa fear an taigh-sheinnse, “agus gun tighinn tuilleadh? An gabh thu leth-cheud nota?”

“Cha ghabh,” fhreagair Bilidh. “Ach ma gheibh mi ceud, bidh mi toilichte.”

Agus chaidh Bilidh dhachaigh le ceud nota na phòcaid.

Billy (1)

English Beurla

Here is the traditional story “Billy”. It was collected in Barra in the 19th Century. I hope you enjoy it.

There was once a farmer. He had a son called Billy. Billy would steal things. He would steal from the gentleman nearby. The gentleman came. He asked Billy to learn a trade. There was no better trade than thieving.

Billy went out to learn thieving. He met three men on the road. They asked him where he was going. Billy said that he was going to learn thieving. He said that he was wanting a master.

“Well, well,” said one of them. “I want an apprentice for thieving. I’ll give you work.”

Billy left with him. They went to a pub. The man wanted to steal things. He had a rope. “Now,” he said to Billy, “you’ll go down the chimney on the rope. Send everything valuable up. Then I’ll bring you yourself up on the rope.”

At night, Billy went on to the roof of the pub. He went down the chimney on the rope. He sent everything valuable up on the rope. But the other guy fled.

Billy was in a tight fix. He looked around. He found a cow’s hide. There were horns on the hide. He put the hide around him. He started to scream.

The maid-servant arose. She opened the door of the room. When she saw Billy with a cow’s hide and horns on it, she became afraid. She shouted to her master.

“What’s upsetting you?” said her master.

“I saw the Devil!” she said.

The master went into the room. He spoke to the “Devil”. “What made you come here?” he said.

“I come here often,” replied Billy.

“What will you take,” said the pub-owner, “to never return? Will you take fifty pounds?”

“No,” replied Billy. “But if I get a hundred, I’ll be pleased.”

And Billy went home with a hundred pounds in his pocket.

Bilidh (1)

Gaelic Gàidhlig

Seo an sgeulachd thraidiseanta “Bilidh”. Chaidh a cruinneachadh ann am Barraigh anns an naoidheamh linn deug. Tha mi an dòchas gun còrd i ribh.

Bha uaireigin tuathanach ann. Bha mac aige air an robh Bilidh. Bhiodh Bilidh a’ goid rudan. Bhiodh e a’ goid bhon air an duine-uasal faisg air làimh. Thàinig an duine-uasal. Dh’iarr e air Bilidh ceàird ionnsachadh. Cha robh ceàird na b’ fheàrr na mèirle.

Chaidh Bilidh a-mach a dh’ionnsachadh mèirle. Choinnich e ri triùir air an rathad. Dh’fhaighnich iad cà’ robh e a’ dol. Thuirt Bilidh gun robh e a’ dol a dh’ionnsachadh mèirle. Thuirt e gun robh e ag iarraidh maighstir.

“Uill, uill,” arsa fear dhiubh. “Tha mise ag iarraidh gille airson na mèirle. Bheir mi obair dhut.”

Dh’fhalbh Bilidh leis. Chaidh iad gu taigh-seinnse. Bha an duine ag iarraidh rudan a ghoid. Bha ròp aige. “Nise,” thuirt e ri Bilidh, “thèid thusa sìos an similear air an ròp. Cuir a h-uile rud luachmhor suas. An uair sin bheir mise thu fhèin suas air an ròp.”

Air an oidhche, chaidh Bilidh air mullach an taigh-sheinnse. Chaidh e sìos an similear air an ròp. Chuir e a h-uile rud luachmhor suas an ròp. Ach theich am fear eile.

Bha Bilidh ann an èiginn. Sheall e mun cuairt. Lorg e seiche mairt. Bha adhaircean air an t-seiche. Chuir e an t-seiche timcheall air. Thòisich e air sgriachail.

Dh’èirich a’ bhean-mhuinntir. Dh’fhosgail i doras an t-seòmair. Nuair a chunnaic i Bilidh le seiche mairt is adhaircean air, ghabh i eagal. Ghlaodh i ri a maighstir.

“Dè tha a’ cur ort?” ars a maighstir.

“Chunnaic mi an Donas!” thuirt i.

Chaidh am maighstir don t-seòmar. Bhruidhinn e ris an “Donas”. “Dè chuir an seo thu?” thuirt e.

“Is tric a thig mi an seo,” fhreagair Bilidh.

“Dè ghabhas tu”, arsa fear an taigh-sheinnse, “agus gun tighinn tuilleadh? An gabh thu leth-cheud nota?”

“Cha ghabh,” fhreagair Bilidh. “Ach ma gheibh mi ceud, bidh mi toilichte.”

Agus chaidh Bilidh dhachaigh le ceud nota na phòcaid.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 591

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile