Black-haired John of Lewis (1)
				              
I’d like to tell you a story. A story
with the name of Black-haired John
of Lewis, the Sailor.
Black-haired John was the son
of  a  fisherman.  He  lived  with  his
uncle. That was near Stornoway in
Lewis. This particular evening, John
saw a beautiful ship. She was sailing
into the harbour. John was greatly
interested in boats. He went out to
the ship. He went on board.
The   captain   asked   if   John
would  like  to  be  a  sailor.  John
replied that he would.
“Go  home,”  said  the captain.
“Get permission to sail with me.”
John returned the next day. He
told   the   captain   that   he   got
permission from his uncle. “And did
he say anythin gabout an
engagement?”   said   the   captain.
“Oh,   yes,”   replied   Black-haired
John.  “I’ll  be  on  board  for  five
years. I’ll learn seamanship.”
“And  what  did  he  say  about
wages?” the captain asked.
“He   said   that   I’ll   get   a
halfpenny  at  the  end  of  the  first
month. I’ll get two halfpennies at the
end of the second month. And it will
double like that every month to the end of the five years.”
The  captain  smiled.  Without
thinking,  he  said,  “You’ll  get  that,
lad.” Next day, the ship sailed away
with  John  on  board.  She  went  to
foreign countries. At the end of four
years she returned to England. She
reached her own port.
The  folk  who  owned  the  ship
came on board. One of them asked
where  they  got  the  young  sailor.
“On the Isle of Lewis,” the captain
replied.
“Are  you  giving  him  good
wages?”   said   the   first   man.
“Because he’s a good sailor.”
“Well,”  said  the  captain,  “I
haven’t given him any wages yet.”
The captain explained the bargain.
“He himself asked for a halfpenny at
the end of the first month,” he said,
“and two halfpennies at the end of
the second month, doubling like that
every month.”
“What did you do?!” said the
man  who  owned  the  ship.  “You
promised the lad more than the ship
is worth!”
The captain saw that was true.
What was going to happen to Black
John?  The  story  continues  next
week.
 
				             
				            
				              Iain Dubh Leòdhasach (1)
				              
Bu  mhath  leam  stòiridh  innse  dhuibh.
Stòiridh leis an ainm Iain Dubh Leòdhasach, an Seòladair.
B’ e mac iasgair a bh’ ann an Iain
Dubh.  Bha  e  a’  fuireach  còmhla  ri
uncail.  Bha  sin  faisg  air  Steòrnabhagh
ann  an  Leòdhas.  Feasgar  a  bha  seo,
chunnaic  Iain long bhrèagha. Bha i  a’
seòladh  a-staigh  don  chala.  Bha  ùidh
mhòr aig Iain ann am bàtaichean. Chaidh
e a-mach don luing. Chaidh e air bòrd.
Dh’fhaighnich an sgiobair am bu
toigh  le  Iain  a  bhith  na  sheòladair.
Fhreagair Iain gum bu toil.
“Thalla   dhachaigh,”   ars’   an
sgiobair.  “Faigh  cead  airson  seòladh
leam.”
Thill Iain an ath latha. Dh’innis e
don  sgiobair  gun  d’  fhuair  e  cead  o
uncail.   “Agus   an   tuirt   e   dad   mu
mhuinntireas?”  ars’  an  sgiobair.  “O,
thubhairt,”  fhreagair  Iain  Dubh.  “Bidh
mi air bòrd fad còig bliadhna. Bidh mi
ag ionnsachadh seòladaireachd.”
“Agus dè thuirt e mu thuarastal?”
dh’fhaighnich an sgiobair.
“Thuirt gum faigh mi bonn-a-sia
aig  ceann  a’  chiad  mhìos.  Bidh  mi  a’
faighinn  dà  bhonn-a-sia  aig  ceann  an
dara mìos. Agus bidh e a’ dùblachadh
mar sin gach mìos gu deireadh nan còig
bliadhna.”
Rinn   an   sgiobair   gàire.   Gun
smaoineachadh,  thuirt  e,  “Gheibh  thu
sin, a laochain.” Air an ath latha, sheòl
an long air falbh, le Iain air bòrd. Chaidh
i  do  dhùthchannan  cèin.  Aig  ceann
ceithir bliadhna thill i a Shasainn. Ràinig
i am port aice fhèin.
Thàinig  an  fheadhainn  leis  an
robh  an  long  air  bòrd.  Dh’fhaighnich
fear dhiubh cà’ d’ fhuair iad an seòladair
òg.  “Fhuair  ann  an  Eilean  Leòdhais,”
fhreagair an sgiobair.
“A  bheil  thu  a’  toirt  tuarastal
math dha?” thuirt a’ chiad fhear.
“Oir ’s
e seòladair math a tha ann.”
“Uill,” ars’ an sgiobair, “cha tug
mi  tuarastal  sam  bith  dha  fhathast.”
Mhìnich an sgiobair am bargan.
“Dh’iarr
e  fhèin  bonn-a-sia  aig  ceann  a’  chiad
mhìos,”  thuirt  e,  “agus  dà  bhonn-a-sia
aig ceann an dara mìos, a’ dùblachadh
mar sin gach mìos.”
“Dè rinn thu?!” thuirt am fear leis
an robh an long. “Gheall thu don ghille
tuilleadh nas fhiach an long fhèin!”
Chunnaic  an  sgiobair  gun  robh
sin  fìor.  Dè  bha  a’  dol  a  thachairt  do
dh’Iain   Dubh?   Tha   an   stòiridh   a’
leantainn an ath-sheachdain.