FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Iain Dubh Leòdhasach, an Seòladair (1)

Bu mhath leam stòiridh innse dhuibh an t-seachdain seo –

Audio is playing in pop-over.

Iain Dubh Leòdhasach, an Seòladair (1)

Bu mhath leam stòiridh innse dhuibh an t-seachdain seo – seann stòiridh à beul-aithris. ’S e an t-ainm air Iain Dubh Leòdhasach, an Seòladair.

B’ e mac iasgair a bh’ ann an Iain Dubh. Nuair a bha e na bhalach beag, bhàthadh athair. An dèidh sin, thogadh e le bràthair athar. Bha iad a’ fuireach faisg air an Acarsaid Mhòir ann an Leòdhas. ’S e Cala Steòrnabhaigh a chanas sinn ris an àite an-diugh.

Air feasgar àraidh chunnaic Iain long bhrèagha a’ tighinn fo aodach slàn a-staigh don chala. Chan fhac’ e riamh sealladh cho bòidheach. Leum e a-staigh na bhàt’-iasgaich fhèin agus, mus do ràinig acair na luinge an grunnd, bha e air bòrd oirre. Dh’fheòraich an sgiobair dheth am bu mhath leis a bhith na sheòladair. Fhreagair Iain Dubh nach robh nì air bith air an t-saoghal a b’ fheàrr leis.

“Thalla dhachaigh, ma-tà,” ars’ an sgiobair, “agus faigh cead d’ athar. Thigibh le chèile an seo a-màireach.” Bha an sgiobair deònach leigeil le Iain seòladaireachd ionnsachadh bhuaithe. Thuirt Iain nach robh athair beò ach gun iarradh e cead bràthair athar.

Thill e moch an ath latha. Dh’innis e don sgiobair gun d’ fhuair e cead o bhràthair athar falbh leis an luing.

“Agus an tuirt e dad riut mu mhuinntireas a ghabhail?” ars’ an sgiobair. “O, thubhairt,” fhreagair Iain Dubh. “Tha agam ri bhith air bòrd na luinge fad còig bliadhna airson seòladaireachd ionnsachadh.”

“Agus dè thuirt e riut mu thuarastal?” dh’fhaighnich an sgiobair.

“Thuirt gun robh agam ri bonn-a-sia fhaighinn aig ceann a’ chiad mhìos agus dà bhonn-a-sia aig ceann an dara mìos, a’ dùblachadh mar sin gach mìos gu deireadh nan còig bliadhna.”

Rinn an sgiobair gàire. Gun smaoineachadh air a’ bhargan, thuirt e, “Gheibh thu sin, a laochain.” Agus chaidh Iain a cheangal ris an luing le bann-ceàirde. Air an ath latha, sheòl an long a-mach às a’ phort. Chaidh i air turas-cuain do dhùthchannan fad’ air falbh. Aig ceann ceithir bliadhna thill i a Shasainn. Ràinig i am port dham buineadh i.

Thàinig an fheadhainn leis an robh an long air bòrd. Chuir iad fàilte air an sgiobair, agus thug iad sùil air an luing. Bha Iain Dubh air fàs na ghille gasta agus na sheòladair air leth. Ach fhathast cha d’ fhuair e sgillinn de a thuarastal, ach a-mhàin tastan no dhà airson cosg anns na puirt san robh e a’ tadhal. Agus cha do rinn an sgiobair an t-sùim a dh’fheumadh e pàigheadh aig deireadh nan còig bliadhna.

Dh’fhaighnich fear dhen fheadhainn leis an robh an long cà’ d’ fhuair iad an seòladair òg a bha cho math air obair. “Fhuair ann an Eilean Leòdhais,” fhreagair an sgiobair.

“Feumaidh gu bheil thu a’ toirt tuarastal math dha,” thuirt a’ chiad fhear, “oir ’s e seòladair cho tapaidh ’s a chunnaic mi riamh.”

“Uill,” ars’ an sgiobair, “cha tug mi tuarastal sam bith dha fhathast. Dh’iarr e fhèin gum biodh e ceangailte còig bliadhna, agus gum faigheadh e bonn-a-sia aig ceann a’ chiad mhìos agus dà bhonn-a-sia aig ceann an dara mìos, a’ dùblachadh mar sin gach mìos.”

“An do smaoinich thu riamh dè rinn thu?” thuirt am fear leis an robh an long. “Gheall thu don ghille tuilleadh nas fhiach an long fhèin agus na choisinn i on chiad latha a chaidh i gu muir!”

Chunnaic an sgiobair gun robh sin fìor. Dè bha a’ dol a thachairt do dh’Iain Dubh? Tha an stòiridh a’ leantainn an ath-sheachdain.

Litir 520 Litir 520 Litir 522 Litir 522

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!