menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

An Litir Bheag (The Little Letter) An Litir Bheag

Ruairidh MacIlleathain Sreath de litrichean a bheir taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bidh iad seo cuideachail do luchd-ionnsachaidh a tha seachad air ìre-tòiseachaidh agus a tha ag iarraidh barrachd Gàidhlig a leughadh. Tha faidhle fuaim, teacsa agus eadar-theangachadh an cois gach litir. Sna tràth-litrichean, tha puingean cànain is abairtean a’ gabhail àite eadar-theangachadh slàn. A series of letters that offer support to Gaelic learners. These will be helpful to learners who are beyond a beginners’ level and want to read more. Audio, text and translation accompany each letter. In the early letters, language points and phrases are provided instead of a full translation.

New Letters Litrichean Ùra

  • Go to a letter Theirig gu litir

Search Lorg

Thugam agus Bhuam (Litir Bheag 204) Thugam agus Bhuam (Litir Bheag 204)

Thugam agus Bhuam Thugam agus Bhuam

I was reading a book recently. It was pleasurable. It’s name is Thugam agus Bhuam [“to me and from me”]. It’s a collection of stories and songs. They are all by the late Peter Morrison.

The stories were told by Peter. They were recorded by the late Donald Archie MacDonald. He chose and edited the stories in the book. Donald Archie was working for [at] the School of Scottish Studies. The book came out 32 years ago. But the Grimsay Community Association reprinted it recently.

Peter Morrison was born in Grimsay. That was in 1889. Grimsay is a small island between North Uist and Benbecula. When Peter was raised there, the community was very traditional. The ceilidh house was still on the go.

When Peter was young he was working on the Clyde. He was working in boats. The boats were taking goods between Glasgow and Belfast. When he was in that job, he saw a famous thing [event]. It happened in 1911. There is a report about the matter in the book.

It happened in Belfast. Do you know what it was? Peter was present when the largest vessel ever built was launched. That was the Titanic. It happened on the last day of May, 1911. She wasn’t ready to carry people. There was still work to be done on her. But her hull was ready.

More than twenty tons of tallow were put on the slipway. That let the hull slide down to the river. Everything went pretty well. Many people were present. But Peter heard something strange that day. Something on which he was thinking when the Titanic was sunk [went under]. Next week I’ll tell you exactly what Peter heard that day

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Thugam agus Bhuam (Litir Bheag 204)

Thugam agus Bhuam

Bha mi a’ leughadh leabhar o chionn ghoirid. Bha e taitneach. ’S e an t-ainm a tha air Thugam agus Bhuam. ’S e cruinneachadh de sgeulachdan is òrain a tha ann. Tha iad uile le Pàdruig Moireasdan nach maireann.

Bha na stòiridhean air an aithris le Pàdruig. Bha iad air an clàradh le Dòmhnall Eàirdsidh Dòmhnallach nach maireann. Thagh esan agus dheasaich esan na sgeulachdan anns an leabhar. Bha Dòmhnall Eàirdsidh ag obair aig Sgoil Eòlais na h-Alba. Thàinig an leabhar a-mach o chionn trithead ’s a dhà bliadhna. Ach chuir Comann Coimhearsnachd Ghriomasaigh ann an clò a-rithist e o chionn ghoirid.

Rugadh Pàdruig Moireasdan ann an Griomasaigh. Bha sin ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a naoi (1889). Tha Griomasaigh na eilean beag eadar Uibhist a Tuath agus Beinn a’ Bhadhla.

Nuair a thogadh Pàdruig ann, bha a’ choimhearsnachd gu math traidiseanta. Bha an taigh-cèilidh fhathast a’ dol. Nuair a bha Pàdruig òg bha e ag obair air Chluaidh. Bha e ag obair ann am bàtaichean. Bha na bàtaichean a’ toirt bathar eadar Glaschu is Beal Feirste. Nuair a bha e anns an dreuchd sin, chunnaic e rud mòr ainmeil. Thachair e ann an naoi ceud deug ’s a h-aon-deug (1911). Tha aithris mu dheidhinn a’ ghnothaich anns an leabhar.

’S ann am Beal Feirste a thachair e. A bheil fios agaibh dè bha ann? Bha Pàdraig an làthair nuair a chaidh an soitheach as motha a chaidh a thogail riamh a chur air bhog. B’ ise an Titanic. Thachair sin air an latha mu dheireadh dhen Chèitean naoi ceud deug ’s a h-aon-deug (1911). Cha robh i deiseil airson daoine a ghiùlain. Bha obair ri dhèanamh oirre fhathast. Ach bha a slige deiseil.

Chaidh còrr is fichead tonna de gheir a chur air an t-slip. Leig sin leis an t-slige sleamhnadh sìos don abhainn. Dh’obraich a h-uile càil an ìre mhath. Bha mòran an làthair. Ach chuala Pàdruig rudeigin neònach air an latha sin. Rudeigin air an robh e a’ smaoineachadh nuair a chaidh an Titanic fodha. An ath-sheachdain, innsidh mi dhuibh dè dìreach a chuala Pàdruig air an latha sin.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF: Thoir a-nuas Litir mar PDF: Adobe PDF of this letter

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 508

Podcast

BBC offers this litir as a podcast – visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other Letters Litrichean eile

data loading indicator

Àireamh / Number

Facal / Word