FaclairDictionary EnglishGàidhlig

188: Robbie Northway (2) 188: Robbie Northway (2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Robbie Northway (2)

Gaelic Gàidhlig

Chaidh na poilis don t-Srathan air a’ Pharbh anns a’ Ghiblean dà mhìle ’s a h-aon (2001). Dh’iarr iad air Robbie Northway am bothan fhàgail. Bha e a’ fuireach ann gun chead. Bha òrdugh aig na poilis bhon chùirt. Bha fios aig Robbie gun robh iad a’ tighinn. Dh’aontaich e falbh. Thug iad an àirneis a-mach. Chaidh an taigh a ghlasadh.

Dh’fhalbh Robbie còmhla ris na poilis. Ach bha an stoc aige fhathast anns an àite. An ceann beagan làithean, thill e. Cha d’ fhuair e a-steach don taigh. Cha robh e ag iarraidh faighinn a-steach don taigh. Ach bha e ag iarraidh fuireach anns an t-Srathan.

Mar sin, thog e bothag bheag, no bruchlag, ri taobh a’ bhothain. Agus dh’fhuirich e an sin. Bha a’ bhruchlag beag bìodach. Cha robh i cofhurtail idir. Ach bha Robbie ag iarraidh fuireach an sin.

Rinn e obair treabhaidh. Bha gearran aige. Tharraing an gearran aige an crann. Thog Robbie balla mòr fada. Bha e sgileil le clachan. Bhuain e mòine. Chuir e buntàta. Rinn e pìos talmhainn rèidh. Bha e a’ dol a thogail taigh ann.

Nochd buill Chomann Bothain nam Beann. Bha iad airson obair a dhèanamh air a’ bhothan. Bha iad mì-thoilichte gun robh Robbie fhathast ann. Ach fhuair iad air adhart glè mhath leis.

Ge-tà, tha e coltach nach robh a h-uile duine toilichte. Latha a bha seo, anns an Lùnastal, a rèir Robbie, nochd dithis fhear òg. Bha iad tapaidh. Bhruidhinn iad Beurla le blas Sasannach. Rinn iad dochann air Northway. Bhuail iad e. Bhreab iad e. Thuirt iad ris gun robh aige ri teicheadh.

Agus theich e. Bha an aisling aige seachad. ’S ann à Sasainn a bha Robbie. Cha robh e Gàidhealach. Ach thàinig a bheatha anns an t-Srathan gu crìch anns an aon dòigh ri mòran Ghàidheal anns an t-seann aimsir – le fuadachadh is fòirneart.

Robbie Northway (2)

English Beurla

The police went to Strathan on Cape Wrath in April 2001. They asked Robbie Northway to leave the bothy. He was living there without permission. The police had an order from the court. Robbie knew they were coming. He agreed to leave. They took out the furniture. The house was locked..

Robbie left with the police. But his livestock was still there. After a few days, he returned. He didn’t get into the house. He didn’t want to get into the house. But he was wanting to live in Strathan.

So he built a small bothy, or hovel, next to the bothy. And he stayed there. The hovel was tiny. It wasn’t at all comfortable. But Robbie was wanting to stay there.

He did ploughing [work]. He had a garron [pony]. The garron pulled the plough. Robbie built a big wall. He was skilful with stones. He cut peat[s]. He planted potatoes. He flattened a bit of land. He was going to build a house there.

Members of the Mountain Bothies Association appeared. They wanted to work on the bothy. They were displeased that Robbie was still there. But they got on well with him.

But it appears not everybody was happy. One day, in August, according to Robbie, two young men appeared. They were well-built. They spoke English with an English accent. They beat up Northway. They hit him. They kicked him. They said to him that he had to leave.

And he left. His dream was over. Robbie was from England. He wasn’t Gaidhealach. But his life in Strathan came to an end in the same way as many Gaels in olden times – with eviction and violence.

Robbie Northway (2)

Gaelic Gàidhlig

Chaidh na poilis don t-Srathan air a’ Pharbh anns a’ Ghiblean dà mhìle ’s a h-aon (2001). Dh’iarr iad air Robbie Northway am bothan fhàgail. Bha e a’ fuireach ann gun chead. Bha òrdugh aig na poilis bhon chùirt. Bha fios aig Robbie gun robh iad a’ tighinn. Dh’aontaich e falbh. Thug iad an àirneis a-mach. Chaidh an taigh a ghlasadh.

Dh’fhalbh Robbie còmhla ris na poilis. Ach bha an stoc aige fhathast anns an àite. An ceann beagan làithean, thill e. Cha d’ fhuair e a-steach don taigh. Cha robh e ag iarraidh faighinn a-steach don taigh. Ach bha e ag iarraidh fuireach anns an t-Srathan.

Mar sin, thog e bothag bheag, no bruchlag, ri taobh a’ bhothain. Agus dh’fhuirich e an sin. Bha a’ bhruchlag beag bìodach. Cha robh i cofhurtail idir. Ach bha Robbie ag iarraidh fuireach an sin.

Rinn e obair treabhaidh. Bha gearran aige. Tharraing an gearran aige an crann. Thog Robbie balla mòr fada. Bha e sgileil le clachan. Bhuain e mòine. Chuir e buntàta. Rinn e pìos talmhainn rèidh. Bha e a’ dol a thogail taigh ann.

Nochd buill Chomann Bothain nam Beann. Bha iad airson obair a dhèanamh air a’ bhothan. Bha iad mì-thoilichte gun robh Robbie fhathast ann. Ach fhuair iad air adhart glè mhath leis.

Ge-tà, tha e coltach nach robh a h-uile duine toilichte. Latha a bha seo, anns an Lùnastal, a rèir Robbie, nochd dithis fhear òg. Bha iad tapaidh. Bhruidhinn iad Beurla le blas Sasannach. Rinn iad dochann air Northway. Bhuail iad e. Bhreab iad e. Thuirt iad ris gun robh aige ri teicheadh.

Agus theich e. Bha an aisling aige seachad. ’S ann à Sasainn a bha Robbie. Cha robh e Gàidhealach. Ach thàinig a bheatha anns an t-Srathan gu crìch anns an aon dòigh ri mòran Ghàidheal anns an t-seann aimsir – le fuadachadh is fòirneart.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 492

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile