FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1011: Lochindorb Castle (5) 1011: Caisteal Loch nan Doirb (5)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Caisteal Loch nan Doirb (5)

Gaelic Gàidhlig

Thairis air a’ mhìos a dh’fhalbh, bha mi ag innse dhuibh mu Chaisteal Loch nan Doirb. Tha e air a bhith na thobhta bho mheadhan a’ chòigeamh linn deug.

O chionn ceathrad bliadhna, bha feadhainn a’ beachdachadh air an t-àite a leasachadh. Bha Iarla Chaladair airson luchd-turais a tharraing ann. Bhiodh àite-pàrcaidh ann agus laimrig. Bhiodh bàt’-aiseig a’ toirt daoine a-mach don eilean.

Ach cha robh a h-uile duine toilichte mun phlana. Bha cuid de luchd-dìon nan eun na aghaidh. Chaidh a’ chùis don riaghaltas – Riaghaltas Bhreatainn aig an àm sin. Cha do thachair e.

Dè thachair, ge-tà, don stuth a bha am broinn a’ chaisteil? Chan eil fhios a’m. Math dh’fhaodte gu bheil gu leòr dheth ann an caistealan eile. Tha pìos no dhà ann an taighean-tasgaidh – mar eisimpleir adharc-fhùdair – a gunpowder-horn.

O chionn beagan is trithead bliadhna, rinn sgioba de dh’àrc-eòlaichean rannsachadh mionaideach fo uachdar an locha. Lorg iad aon rud fìor shònraichte. B’ e sin siuga mòr a bha còig ceud bliadhna a dh’aois. Bha e ann an deagh òrdugh. Agus bha na dathan air – buidhe, uaine is donn – follaiseach gu leòr fhathast. Bha e air a thoirt a Thaigh-tasgaidh Inbhir Nis.

Bu mhath leam mo chunntas air Loch nan Doirb a thoirt gu ceann le iomradh air lus sònraichte a bha a’ fàs ann. Bha muinntir na sgìre a’ gabhail ‘Lochindorb kale’ air an lus. Bha iad dhen bheachd gur e tar-chineal a bha ann – ’s e sin a’ Ghàidhlig air hybrid. ’S e tar-chineal a bha ann eadar càl dearg no red cabbage agus snèap no turnip. Bha an dà lus sin air an cur anns an eilean leis an fheadhainn mu dheireadh a bha a’ fuireach ann.

Bha daoine ag ithe nan duilleagan. Agus bha crodh anns an eilean bho àm gu àm. Bha iadsan ag ithe càl Loch nan Doirb cuideachd. Chan e a-mhàin na duilleagan a bha daoine is beathaichean ag ithe, ach na freumhaichean aca. Bha iad air leth mòr.

A bheil an lus annasach sin fhathast a’ fàs anns an eilean? Uill, chan fhaca mi gin. Is mòr am beud.

Lochindorb Castle (5)

English Beurla

Over the last month, I was telling you about Lochindorb Castle. It’s been a ruin since the middle of the fifteenth century.

Forty years ago, some people were considering developing the place. The Earl of Cawdor was wanting to attract tourists there. There would be a car park and jetty. A ferry boat would take people out to the island.

But not everybody was happy about the plan. Some bird conservationists were against it. The matter went to the government – the British Government at that time. It didn’t happen.

What happened, however, to the stuff that was inside the castle? I don’t know. Perhaps there is a lot of it in other castles. One or two pieces are in museums – such as a gunpowder-horn.

Over thirty years ago, a team of archaeologists conducted detailed research under the surface of the loch. They found one really special item. That was a large jug that was five hundred years old. It was in great condition. And the colours on it – yellow, green and brown – were still obvious. It was taken to the Inverness Museum.

I would like to conclude my account of Lochindorb with a mention of a special plant that was growing there. The local people called it ‘Lochindorb kale’. They reckoned it was a tar-chineal – that’s the Gaelic for ‘hybrid’. It was a hybrid between red cabbage and turnip. Those two plants were planted on the island by the last folk who were living there.

People were eating the leaves. And cattle were on the island from time to time. They were also eating Lochindorb kale. It wasn’t just the leaves that people and animals were eating, but their roots. They were enormous.

Does that strange plant still grow on the island? Well, I never saw any. More’s the pity.

Caisteal Loch nan Doirb (5)

Gaelic Gàidhlig

Thairis air a’ mhìos a dh’fhalbh, bha mi ag innse dhuibh mu Chaisteal Loch nan Doirb. Tha e air a bhith na thobhta bho mheadhan a’ chòigeamh linn deug.

O chionn ceathrad bliadhna, bha feadhainn a’ beachdachadh air an t-àite a leasachadh. Bha Iarla Chaladair airson luchd-turais a tharraing ann. Bhiodh àite-pàrcaidh ann agus laimrig. Bhiodh bàt’-aiseig a’ toirt daoine a-mach don eilean.

Ach cha robh a h-uile duine toilichte mun phlana. Bha cuid de luchd-dìon nan eun na aghaidh. Chaidh a’ chùis don riaghaltas – Riaghaltas Bhreatainn aig an àm sin. Cha do thachair e.

Dè thachair, ge-tà, don stuth a bha am broinn a’ chaisteil? Chan eil fhios a’m. Math dh’fhaodte gu bheil gu leòr dheth ann an caistealan eile. Tha pìos no dhà ann an taighean-tasgaidh – mar eisimpleir adharc-fhùdair – a gunpowder-horn.

O chionn beagan is trithead bliadhna, rinn sgioba de dh’àrc-eòlaichean rannsachadh mionaideach fo uachdar an locha. Lorg iad aon rud fìor shònraichte. B’ e sin siuga mòr a bha còig ceud bliadhna a dh’aois. Bha e ann an deagh òrdugh. Agus bha na dathan air – buidhe, uaine is donn – follaiseach gu leòr fhathast. Bha e air a thoirt a Thaigh-tasgaidh Inbhir Nis.

Bu mhath leam mo chunntas air Loch nan Doirb a thoirt gu ceann le iomradh air lus sònraichte a bha a’ fàs ann. Bha muinntir na sgìre a’ gabhail ‘Lochindorb kale’ air an lus. Bha iad dhen bheachd gur e tar-chineal a bha ann – ’s e sin a’ Ghàidhlig air hybrid. ’S e tar-chineal a bha ann eadar càl dearg no red cabbage agus snèap no turnip. Bha an dà lus sin air an cur anns an eilean leis an fheadhainn mu dheireadh a bha a’ fuireach ann.

Bha daoine ag ithe nan duilleagan. Agus bha crodh anns an eilean bho àm gu àm. Bha iadsan ag ithe càl Loch nan Doirb cuideachd. Chan e a-mhàin na duilleagan a bha daoine is beathaichean ag ithe, ach na freumhaichean aca. Bha iad air leth mòr.

A bheil an lus annasach sin fhathast a’ fàs anns an eilean? Uill, chan fhaca mi gin. Is mòr am beud.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1315

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile