FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An Dreathan-donn

Is mòid i sin, is mòid i sin, mar a

Audio is playing in pop-over.

An Dreathan-donn

Is mòid i sin, is mòid i sin, mar a thuirt an dreathan-donn nuair a rinn e dileag sa mhuir mhòir . An cuala sibh an seanfhacal sin riamh? Tha mi a’ dèanamh dheth gu bheil e a-mach air daoine a tha a’ smaoineachadh gu bheil iad nas cudromaiche na tha iad ann an dha-rìreabh. Is mòid i sin, is mòid i sin, mar a thuirt an dreathan-donn nuair a rinn e dileag sa mhuir mhòir. Tha an t-eun seo car mòr às fhèin. Agus carson nach bitheadh? Nach e an dreathan-donn a chaidh na b’ àirde na eun sam bith eile, eadhon an iolair, oir chaidh e air muin na h-iolaire nuair a bha ‘rìgh nan eun’ air sgèith gu h-àrd.

Sheall an stòiridh sin, mun dreathan agus an iolair, cho seòlta ’s a tha an t-eun beag seo. Agus bidh sibh eòlach air an ainmhidh eile a thathar a’ tomhas mar seòlta – an sionnach no madadh-ruadh. Ach cò tha nas seòlta – am madadh no an dreathan? Cò dhèanadh a’ chùis ann am farpais?

Uill, a rèir beul-aithris, bha farpais ann eatarra uaireigin. Agus seo mar a thachair.

Latha a bha seo, tràth san Earrach, bha dreathan-donn a’ lorg stuth airson nead a thogail. Fhuair e grèim air stuth math ach bha e doirbh a tharraing a-mach le a ghob oir bha e an sàs ann an stuth eile. Cha robh an dreathan làidir gu leòr.

Cò thàinig seachad ach sionnach. Dh’inns an dreathan dha nach robh e comasach air an stuth-neadachaidh a thoirt a-mach. ‘Dè gheibh mi bhuat ma bheir mi taic dhut?’ thuirt an sionnach.

‘O, nuair a tha obair an arbhair seachad as t-fhoghar, bheir mi rudeigin dhut.’

‘Dè na bheir thu dhomh?’ dh’fhaighnich am madadh a-rithist.

Mheòraich an t-eun airson greis. An uair sin thuirt e, ‘Peic is ceannan. ’S e sin a gheibh thu – peic is ceannan.’ Nise b’ e peic agus ceannan dà thomhas de ghràin a bhathar a’ cleachdadh anns an t-seann aimsir. A peck and two pecks, ann am Beurla.

Dh’aontaich an sionnach ris a’ bhargan, thug e taic don dreathan agus dh’fhalbh e.

Nuair a thàinig am foghar, chuimhnich an sionnach air a’ bhargan, agus chaidh e a thadhal air an dreathan-donn. Bha an t-eun trang anns an t-sabhal le a mhic. Anns a’ chiad dol a-mach, cha b’ urrainn don mhadadh-ruadh dèanamh dheth cò fear a bha na athair. Bha na h-eòin a’ coimhead coltach ri chèile.

Ach cha chan iad ‘cho seòlta ris an t-sionnach’ gun adhbhar. ‘Tha athair cho ealanta air an obair an coimeas ri a mhic,’ thuirt an sionnach.

‘Is math a thuirt thu,’ thuirt an seann dreathan gu pròiseil, agus thàinig e a dh’ionnsaigh an t-sionnaich. Chuir an sionnach na chuimhne mar a rinn iad bargan as t-Earrach.

‘Tha cuimhne agam,’ thuirt an dreathan-donn. ‘Thuirt mi riut gun toirinn peic is ceannan dhut. Tha sin ceart, nach eil?’

‘Tha sin ceart,’ dh’aontaich am madadh-ruadh.

Dh’èigh an dreathan-donn, ‘Peic is Ceannan, Peic is Ceannan!’ gu h-àrd-ghuthach. Agus ruith dà chù mhòr a-mach. ’S iad na h-ainmean a bh’ orra Peic agus Ceannan! Theich an sionnach gu luath. Agus sin mar a thug an dreathan-donn an car às an t-sionnach oir ’s e a bu sheòlta dhen dithis aca.

Litir 795 Litir 795 Litir 797 Litir 797

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!