A bad omen on the Titanic
				              
    Peter   Morrison	from	Grimsay
was  working  in  Belfast.  He  was
working on a vessel [ship]. That
was in the year 1911. He saw the
big   ship,   the   Titanic,   being
launched. It was a great day.	
						
Many  of  the  city’s  folk
were  on  the  river  bank.  They
were watching the Titanic being
launched.	They	were	waiting
quietly.  The  Titanic  started  to
slide   down.   The   people   were
shouting, “There she goes! There
she goes!”						
There	were	two	old
Irishmen  close  to  Peter.  Each
had a clay pipe. They had tweed
jackets  on.  And  hats.  Peter  was
listening   to   them.   They   were
speaking  to  each  other.  One  of
them  said	something	surprising
to the other man. I’ll tell you in a
moment what he said.			
The boat went into the river.
She  was  floating.  Many  people
were delighted. But the old man
next to Peter was not. He turned
to  the  other  man.  He  took  his
pipe out of his mouth. He said in
English,  “Mark	my word, Pat,she’ll be an unlucky ship.”
What did the old Irishman see on that day? Did he see an omen/supernatural warning? Peter and the crew of his boat went back to their vessel. They were talking to each other about the matter. They were talking about it for days. Why did he say, “Mark my word, Pat, she’ll be an unlucky ship.”?
Whatever he saw, he was correct. You’ll know what happened to the Titanic on her first voyage.
If you are interested in Peter Morrison’s stories, there is a collection of them. Grimsay Community Association printed
the collection. The book is called
Thugam agus Bhuam [to me and from me]. And that’s it from me just now.
				             
				            
				              Manadh air an Titanic
				              
   Bha Pàdruig Moireasdan à Griomasaigh
ag obair ann am Beal Feirste. Bha e ag
obair  air  soitheach.  Bha  sin  anns  a’
bhliadhna  naoi  ceud  deug  ’s  a  h-aon-deug  (1911).  Chunnaic  e  an  soitheach
mòr,  an  Titanic,  a’  dol  air  bhog.  ’S  e
latha mòr a bha ann.		
	
Bha mòran de shluagh a’ bhaile
air  bruach  na  h-aibhne.  Bha  iad  a’
coimhead na Titanic a’ dol air bhog. Bha
iad a’ feitheamh gu sàmhach. Thòisich
an Titanic air slaighdeadh sìos. Bha na
daoine ag èigheachd, “There  she  goes!
There she goes!”		
				
	
Bha dà bhodach Èireannach faisg
air  Pàdruig.  Bha  pìob  chrèadhach  aig
gach duine aca. Bha seacaidean clò orra.
Bha,  agus  bonaidean.  Bha  Pàdruig  ag
èisteachd riutha. Bha iad a’ bruidhinn ri
chèile. Thuirt fear aca rudeigin iongantach ris an fhear eile. Innsidh mi dhuibh
ann an tiotan dè thuirt e.		
				
				
	
Dh’fhalbh am bàta don abhainn.
Bha i air flod. Bha mòran a’ dèanamh
gàirdeachas. Ach cha robh am bodach ri
taobh  Phàdruig.  Thionndaidh  e  ris  an
fhear eile. Thug e a phìob a-mach às a
bheul.  Thuirt e	ann  am Beurla, “Mark my	word,  Pat,  she’ll  be  an  unlucky
ship.”
Dè chunnaic am bodach Èireannach air an latha sin? Am faca e manadh? Chaidh Pàdruig agus criutha a’ bhàta aige air ais don t-soitheach aca. Bha iad a’ bruidhinn ri chèile mun chùis. Bha iad a’ bruidhinn mu dheidhinn airson làithean. Dè chunnaic am bodach? Carson a thuirt e, “Mark my word, Pat,
she’ll be an unlucky ship.”?
Ge bith dè chunnaic e, bha e ceart. Bidh fios agaibh dè thachair don Titanic air a’ chiad turas aice aig muir.
Ma tha ùidh agaibh anns na stòiridhean aig Pàdruig Moireasdan, tha cruinneachadh dhiubh ann. Chuir Comann Coimhearsnachd Ghriomasaigh an cruinneachadh ann an clò. ’S e an t-ainm air an leabhar Thugam agus Bhuam. Agus sin e bhuam an-dràsta.