ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

399: Mar a bha Fionn ann an Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Tha seann sgeulachd agam dhuibh an t-seachdain seo. ’S e an t-ainm a th’ oirre Mar a bha Fionn ann an Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe – Gun Chomas Èirigh no Laighe. Tha an sgeulachd seo am measg feadhainn a chaidh a chruinneachadh ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a naoi (1889) agus ochd ceud deug is naochad (1990) bho fhear ann an Àird nam Murchan. B’ esan Alasdair Camshron. Bha e an uair sin ag obair air an rathad eadar Dùror agus Baile a’ Chaolais. Dh’ionnsaich e a chuid sgeulachdan bho sheann daoine anns an sgìre.

Tha mi air an sgeulachd a dhèanamh beagan na bu shìmplidh’ is na bu ghiorra. Ach feuchaidh mi ri beagan dhen Ghàidhlig bhrèagha aig Alasdair Camshron a chumail innte. Co-dhiù, seo an sgeulachd – Mar a bha Fionn ann an Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe – Gun Chomas Èiridh no Laighe.

Latha a bha Fionn agus a dhaoin’ anns a’ bheinn-sheilg, rinn iad mòran siubhail mun d’ amais iad air na fèidh. Ach mun tàinig deireadh an latha, mharbh iad dòrlach math dhiubh. Shuidh iad an sin sìos a’ cur seachad an sgìths.

Thug Fionn sùil sìos an gleann a bha fodhpa, agus chunnaic e coltas laoich neartmhoir a’ dèanamh dìreach orra. Thuirt e, “Tha coltas coigrich a’ tighinn oirnn.” Fhreagair Conan, “Ma tha e a’ tighinn gun ghnothach, chan fhalbh e gun ghnothach.” Ach mun d’ fhuair iad mòran tuillidh còmhraidh a dhèanamh, bha an laoch òg na sheasamh mun coinneimh. Chuir e fàilt’ an latha air Fionn, agus chuir Fionn fàilt’ air gu h-aoigheil.

Thuirt am fear òg gur e gille a bh’ ann a bha ag iarraidh maighstir. “Mata,” arsa Fionn, “tha gille a dhìth ormsa.” Dh’aontaich e an gille fhastadh. “Cha b’ e sin mo chomhairle dhut,” thuirt Conan ri Fionn. “Shaoil mi gun d’ fhuair thu do leòr de na gillean fuadain sin cheana.” Chuir sin dragh air a’ ghille.

“Coma leat,” arsa Fionn ris, “oir nì do choltas an gnothach dhut. Dè do dhuais gu ceann latha is bliadhna?”

“Gun tèid thu fhèin agus a h-uile duine a th’ agad air chuireadh gu cuirm, is gum faigh sibh cuid oidhche còmhla rium nuair a bhios m’ ùine a-mach,” ars’ an gille.” Thuirt Fionn ris a’ ghille gum faigheadh e a dhuais.

Nuair a bha an ùine aige seachad, bha Fionn agus a dhaoine a’ bruidhinn air cò rachadh às dèidh a’ ghille oir bha coltas luath air. Thuirt Fionn, “Leigidh sinn Caoilte às a dhèidh agus cha chreid mi nach cùm e sealladh air. Thèid Cuchuilinn an dèidh Chaoilte, agus leanaidh sinn iadsan.”

Dh’fhalbh an gille mòr, agus e ceannruisgte is casruisgte, o bhealach gu mullach agus o mhullach gu gleann, agus o ghleann gu srath. Dh’fhalbh Caoilte às a dhèidh. Nuair a bhiodh an gille mòr a’ dol às an fhradharc air a’ chiad bhealach, bhiodh Caoilte a’ tighinn anns an fhradharc air an ath bhearradh. Bha Cuchuilinn mar sin do Chaoilte agus na daoine uile mar sin do Chuchuilinn. Chùm iad anns an òrdugh sin gus an do ràinig iad am Blàr Buidhe.

Nuair a bha iad uile ann, chaidh an gille mòr a-null gu taigh mòr brèagha. Chaidh iad uile a-steach agus fhuair iad àiteachan suidhe ri taobhan a’ bhalla – ach Conan. Cha robh rùm aigesan agus shuidh e air leac an teine. Ach cha robh sgeul air a’ chuirm. Dh’iarr Fionn air fear aca dhol a-mach, feuch am faiceadh e duine sam bith a’ tighinn dhan ionnsaigh le biadh. Is chì sinn dè thachair an ath-sheachdain.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Àird nam Murchan: Ardnamurchan; Alasdair Camshron: Alexander Cameron; fodhpa: below them; cuireadh: invitation; cuirm: feast; ceannruisgte: bare-headed; casruisgte: bare-footed.

Abairtean na Litreach: Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe: The House of Blar-Buie (the yellow field); Gun Chomas Èirigh no Laighe: without the ability to rise up or lie down; am measg feadhainn a chaidh a chruinneachadh: among some which were collected; eadar Dùror agus Baile a’ Chaolais: between Duror and Ballachulish; anns a’ bheinn-sheilg: on the hunting mountain; mun d’ amais iad air na fèidh: before they went for the deer; mharbh iad dòrlach math dhiubh: they killed a good number of them; shuidh iad sìos a chur seachad an sgìths: they sat down to rest themselves; chunnaic e coltas laoich neartmhoir a’ dèanamh dìreach orra:he saw [a person with] the appearance of a strong hero making directly for them; ma tha e a’ tighinn gun ghnothach, chan fhalbh e gun ghnothach: if he is coming without business, he will not leave without business; na sheasamh mun coinneimh: standing in front of them; chuir Fionn fàilt’ air gu h-aoigheil: Fionn saluted him courteously; tha gille a dhìth ormsa: I need a servant; gun d’ fhuair thu do leòr de na gillean fuadain sin cheana: that you’ve had enough of those wandering lads already; coma leat: never mind; dè do dhuais?: what is your reward [payment]?; cuid oidhche: night’s lodging; cò rachadh às dèidh a’ ghille: who would go after the lad; cha chreid mi nach cùm e sealladh air: I reckon he’ll keep him in sight; shuidh e air leac an teine: he sat on the hearthstone; dh’iarr Fionn air fear aca dhol a-mach: Fionn asked one of them to go out; feuch am faiceadh e duine sam bith a’ tighinn dhan ionnsaigh: to see if he could see anybody coming towards them.

Puing-chànain na Litreach: Thèid Cuchuilinn an dèidh Chaoilte : Cuchullin will go after Caoilte (“slender one”). In traditional usage, personal names are affected by compound prepositions (such as an dèidh ) in the same way as normal nouns ie they go into the genitive case. This is only obvious with masculine names as feminine names do not traditionally lenite in the genitive singular (although lenition of this nature is becoming more common today). Thus we would get: tha seo airson Mhurchaidh (this is for Murdo), bha iad air beulaibh Dhòmhnaill (they were in front of Donald), chaidh iad a dh’ionnsaigh Thòmais (they went towards Thomas – the nominative form is Tòmas).

Gnàthas-cainnt na Litreach: Nuair a bhiodh an gille mòr a’ dol às an fhradharc air a’ chiad bhealach: when the big lad went [would go] out of sight on the first pass.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 95

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean