FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Na Ceiltich (5)

Yan, tyan, tethera, methera, pimp, sethera, lethera, hovera, dovera, dick

Audio is playing in pop-over.

Na Ceiltich (5)

Yan, tyan, tethera, methera, pimp, sethera, lethera, hovera, dovera, dick. Bha mi a’ cunntadh gu deich – ach dè an cànan a bh’ ann? Canaidh mi a-rithist e, ach leanaidh mi an uair sin gu ceithir-deug. Yan, tyan, tethera, methera, pimp, sethera, lethera, hovera, dovera, dick, yanadick, tyanadick, tetheradick, metheradick.

Tha e car coltach ri Cuimris ʼs dòcha. Co-dhiù, tha pimp a’ ciallachadh ‘còig’ ann an Cuimris agus sa chànan seo. Agus chan eil e gu tur eucoltach ris a’ Ghàidhlig – yan, a h-aon, yanadick, a h-aon-deug. ʼS e seo an dòigh anns am biodh tuathanaich gu traidiseanta a’ cunntadh an cuid chaorach ann am Cumbria.

Tha daoine ag argamaid mu thùs an t-siostaim-chunntaidh seo. Tha cuid ag ràdh gun tàinig e bho Sheann Lochlannais no bhon t-Seann Bheurla. Ach tha feadhainn eile ag ràdh gun robh e air a bhonntachadh nuair a bha Seann Bhreatannais – cànan Ceilteach – aig na daoine. Gu cinnteach, bha an cànan sin aig na daoine fad ùine mus d’ fhuair na h-Anglaich làmh-an-uachdair orra.

Co-dhiù, fàgaidh mi aon phìos fiosrachaidh eile agaibh an-dràsta. Bha mi ag èisteachd ri tè a’ cunntadh chaorach ann am bhidio air an eadar-lìon. Bha i a’ cunntadh gu fichead, a’ cur sgòr na maide, agus a’ tòiseachadh a-rithist is a’ dol gu fichead a-rithist. ʼS e siostam ficheadach a bh’ ann. Agus dè am facal a bh’ aice airson fichead? Seadh – figgit! Nise tha sin cho coltach ris na cànanan Gàidhealach! Agus bha i à Lincolnshire, seach iar-thuath Shasainn.

Tha e a’ cur nar cuimhne gu bheil dualchas Ceilteach aig Sasainn cuideachd, ged nach eil e cho follaiseach an-diugh. Agus tha sin gam thoirt gu Rheged. Taobh a-muigh na Cùirn, na Cuimrigh, agus Shrath Chluaidh, b’ e Rheged an rìoghachd Bhreatannach mu dheireadh ann am Breatainn. Tha mi a’ ciallachadh le sin Breatannach Ceilteach.

Bha Rheged timcheall far a bheil Cumbria an-diugh. Cumbria – dùthaich nan Cuimreach. Chan eil sinn buileach cinnteach cà’ robh crìochan na dùthcha, ach faodaidh sinn a bhith cinnteach gun robh i ann, oir tha i clàraichte aig sgrìobhadairean Cuimreach. Tha dùil gun robh i a’ dol a-steach gu ceann a deas na h-Alba anns a’ cheann a tuath, agus gu ruige Siorrachd Iorc anns a’ cheann a deas.

Thathar a’ smaoineachadh gun d’ fhuair an rìoghachd a h-ainm bhon treubh Cheilteach – na Brigantes. Dh’atharraich Brigant gu Breged gu Rheged. Thàinig i gu bith às dèidh do na Ròmanaich falbh, timcheall na bliadhna ceithir cheud is caogad (450). B’ e a’ chiad rìgh aca fear Gwrast.

Bha Gwrast air a leantainn le a mhac a bu shine – Meirchion. An dèidh bàs Mheirchion, anns a’ bhliadhna còig ceud, trithead ʼs a còig (535), chaidh an rìoghachd a dhèanamh na dhà leth – Rheged a’ Chinn a Tuath agus Rheged a’ Chinn a Deas. B’ e Cathair Luail prìomh bhaile na rìoghachd mu thuath.

Goirid an dèidh sin, tha sinn a’ cluinntinn mun rìgh a b’ ainmeile aig Rheged – fear Urien. Bha esan na rìgh anns a’ cheann a tuath. Ach bha nàimhdean air gach taobh dheth, gu h-àraidh na Berniciaich air an taobh sear, ach cuideachd Rìgh Shrath Chluaidh – Breatannach eile – anns a’ cheann a tuath. Tuilleadh air seo an-ath-sheachdain.

Litir 973 Litir 973 Litir 975 Litir 975

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!