FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Co-chòrdadh Pheairt (1266)

O chionn seachd ceud gu leth bliadhna chaidh ainmean a chur ri co-chòrdadh a dh’atharraich Alba gu mòr.

Audio is playing in pop-over.

Co-chòrdadh Pheairt (1266)

O chionn seachd ceud gu leth bliadhna chaidh ainmean a chur ri co-chòrdadh a dh’atharraich Alba gu mòr. Ann an dà cheud dheug, seasgad ’s a sia (1266) chuir riochdairean na h-Alba is Nirribhidh an ainmean ri cùmhnant a chuir às do chogadh eadar an dà dhùthaich. Fo Cho-chòrdadh Pheairt, chaidh aontachadh gum biodh na dùthchannan Lochlannach ann an Alba air an toirt air ais do chrùn na h-Alba. Ach a-mhàin Arcaibh is Sealtainn.

Mura b’ e gun do thachair e mar sin , ’s dòcha nach biodh muinntir nan Eilean Siar a’ bruidhinn Gàidhlig an-diugh. Cò aige tha fios. Am biodh a’ Ghàidhlig aig uchd-bàis an-diugh? ’S dòcha nach bitheadh, oir bha cuid de na Lochlannaich air taobh an iar na h-Alba air a dhol Gàidhealach mu-thràth, agus Gàidhlig aca.

Bha eileanan taobh an iar na h-Alba air a bhith fo smachd nan Lochlannach fad ùine. Chaidh sin aithneachadh gu h-oifigeil le Rìgh na h-Alba aig deireadh an aonamh linn deug. Ach cha robh rìghrean is uaislean na h-Alba toilichte mu dheidhinn. Ann am meadhan an treas linn deug, dh’iarr iad air na Lochlannaich na h-eileanan a reic dhaibh. Aig an àm sin, b’ e Alasdair II Rìgh na h-Alba agus bha Håkon IV air rìgh-chathair Nirribidh. Cha robh Håkon deònach na h-eileanan a reic.

Nuair a fhuair mac Alasdair, Alasdair III, smachd air rìgh-chathair na h-Alba ann an dà cheud dheug, seasgad ’s a dhà (1262), thòisich cùisean air gluasad air adhart. Chuir Alasdair brath gu Håkon, ag innse dha – mura reiceadh e na h-eileanan do Rìoghachd na h-Alba – gun gabhadh na h-Albannaich smachd orra le ainneart.

Cha robh Håkon a’ dol a ghabhail ri sin. Chuala e gun robh na h-Albannaich air tòiseachadh air na h-eileanan a ghabhail thairis. Chuir e cabhlach mòr ri chèile airson an dìon. Chuir sia fichead soitheach gu muir anns an Iuchar dà cheud dheug, seasgad ’s a trì (1263).

Stad Håkon ann an Arainn far an do thòisich còmhraidhean eadar an dà thaobh. Bha an samhradh a’ ruith, ge-tà. Rinn Alasdair cinnteach gum biodh dàil ann. Bhiodh stoirmean a’ tòiseachadh as t-fhoghar. Agus, anns an Dàmhair, fhuair cuid de shoithichean Nirribhidh ann an staing ann an droch shìde. Bha sin aig an Leargaidh Ghallta.

Chaidh buidheann Lochlannach air tìr, feuch na bàtaichean aca a chàradh. Ach bha na h-Albannaich a’ feitheamh riutha. Bha cath ann agus, ged nach do bhuannaich taobh seach taobh, bha e follaiseach do na Nirribhich gum biodh droch shìde a’ gheamhraidh a’ cur stad orra. Rinn iad air Arcaibh airson a’ gheamhraidh. Gu mì-fhortanach dhaibh, ge-tà, chaochail Håkon an sin.

Nuair a thàinig an ath rìgh, Manus VI, don rìgh-chathair, cha robh e cho misneachail ri Håkon. Dh’aontaich e na dùthchannan aige a reic do dh’Alba airson sùim de cheithir mìle marg, agus ceud marg a bharrachd gach bliadhna. ’S e sin a chaidh aontachadh ann am Peairt, trì bliadhna an dèidh Cath na Leargaidh Ghallta.

Chaidh an co-chòrdadh a dhaingneachadh ann an Inbhir Nis ann an trì cheud deug ’s a dhà-dheug (1312). Bha Alba a-nise slàn, ach a-mhàin gun robh Arcaibh is Sealtainn fhathast ann an làmhan nan Lochlannach. Is math gun robh i slàn oir aig deas bha i a’ tighinn fo dhùbhlan mòr aig na Sasannaich. Ach ’s e sgeul eile a tha sin.

Litir 870 Litir 870 Litir 872 Litir 872

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!