An t-seachdain ’s a chaidh, dh’innis mi dhuibh mu dheidhinn losgadh a’ chlèibhidh anns a’ Bhroch, neo Burghead. ’S dòcha gun deach feadhainn
agaibh ann. Neo ’s dòcha gu robh feadhainn agaibh ann sna bliadhnaichean a dh’fhalbh. Nan robh, bidh fios agaibh dè thachras aig an deireadh.
Bithear a’ toirt a’ chlèibhidh gu ruige mullach cnuic far an robh seann bhallachan an dùin o shean. Ann a sin, bidh mu dhà mhìle neach a’ tighinn cruinn
agus a’ coimhead air an sgioba, a bhios a’ tilgeil tuilleadh theàrr agus crìosot thairis air a’ chlèibhidh, le mòran ghàirdeachais, agus othail gu leòr.
Bidh na lasairean a’ leum do na speuran agus bidh am feur tioram air a’ chnoc a’ dol na theine. Mu dheireadh, bidh an sgioba a’ toirt a’ chlèibhidh às a
chèile is bidh na daoine a’ falbh gu na taighean-seinnse, agus airson cèilidh air càch a chèile.
Chan eil fios aig duine cuin’ a thòisich losgadh a’ chlèibhidh neo cò thòisich e – Cruithnich, Gaidheil, Lochlannaich… Ach bha a leithid ann uaireigin ann
am mòran bhailtean air feadh an ear-thuath, air a’ chladach agus air falbh bhon chladach, ann an àiteachan mar Inbhir Athain. Bhathar a’ smaoineachadh gun
toireadh an cleachdadh deagh fhortan do dh’iasgairean is do thuathanaich airson na bliadhna a bha romhpa.
Agus chan eilear buileach cinnteach cò às a thàinig am facal “clavie”. Bha an sgoilear Gàidhlig, Iain Og Ile, dhen bheachd gur ann às “cliabh” a thàinig e,
is gu robh an clèibhidh car coltach ri cliabh. Anns an tuiseal ghinideach, chanadh daoine “clèibh” neo “clèibhidh” ri cliabh. Mar sin, chanadh iad gu robh
iad “a’ losgadh a’ chlèibhidh”.
Chan eil fhios a’m. ’S dòcha gu bheil sin fìor. Ach tha smuain eile ann – gun tàinig e bho fhacal anns a’ Bheurla Ghallda anns an ear-thuath – “ clivvie” a tha a’ ciallachadh slat le eag innte airson leus a ghiulain air an oidhche. Agus tha beachd ann gu bheil clivvie
co-cheangailte ris an fhacal “clobha” ann an Gàidhlig.
A bharrachd air a sin, tha ceist ann mu ainm a’ chnuic far a bheil an gnothach a’ tighinn gu ceann – Doorie Hill. Tha beachd ann gu bheil Doorie a’ tighinn bhon Ghàidhlig “dubh-ruighe” neo “black slope”. Uill, ’s ann mar sin a tha an cnoc air an làrna-mhàireach as
deidh dha dhol na theine!
Dh’innis mi dhuibh an t-seachdain ’s a chaidh mar a dh’fheuch muinntir na h-Eaglaise o chionn fhada ri stad a chur air losgadh a’ chlèibhidh, air sgàth ’s
gur e “cleachdadh pàganach” a bh’ ann. Dh’fhailnich orra, ach shoirbhich le aon duine ann a bhith a’ cur stad air airson beagan bhliadhnaichean. Bha an
duine seo beag ach bha e cumhachdach. Cha chreid mi gu robh càil a dh’fhios aige mu dheidhinn losgadh a’ chlèibhidh, ge-tà. Innsidh mi dhuibh cò bh’ ann
ann an tiotan.
Ach bu mhath leam a ràdh cho math ’s a tha e gu bheil seann chleachdadh mar seo againn fhathast, a tha gar toirt a-mach air oidhche fhuar gheamhraidh, air
falbh bhon telebhisean is cultar coimheach a tha a’ bualadh oirnn fad an t-siubhail. Nuair a bhios tu a’ gabhail pàirt anns an fhèill seo, bidh thu a’
faireachdainn gu bheil thu mar phàirt de rudeigin a tha fìor shean agus fìor Albannach.
A-nise – cò an duine a chuir às do losgadh a’ chlèibhidh thairis air bliadhnaichean? Cò ach Adolf Hitler. Bha casg air teintean is solais air an oidhche
thar bliadhnaichean a’ chogaidh. Gu fortanach, ge-tà, nuair a bha an cogadh seachad, thòisich seòid a’ bhaile as ùr e. Taing mhòr dhaibh.