FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Dòmhnall MacRath agus Creach Mhòr nam Fiadh

Bha Dòmhnall MacRath na mhaighstir-sgoile ann an Sgoil Bhail’ Ailein

Audio is playing in pop-over.

Dòmhnall MacRath agus Creach Mhòr nam Fiadh

Bha Dòmhnall MacRath na mhaighstir-sgoile ann an Sgoil Bhail’ Ailein ann an Leòdhas airson dìreach dà bhliadhna. Ach choisinn e cliù ann. Bha e an sàs gu mòr ann an ‘Creach Mhòr nam Fiadh’, a’ chreach ainmeil a thachair air Frìth na Pàirce ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a seachd (1887).

Chan e Leòdhasach a bh’ ann an Dòmhnall, ge-tà. Rugadh e ann am Ploc Loch Aillse ann an ochd ceud deug, caogad ’s a h-aon (1851). ’S e sgoilear Gàidhlig a bh’ ann agus tha pàipearan aige am measg cruinneachadh Comunn Gàidhlig Inbhir Nis. Bha e a’ teagasg ann an Inbhir Nis agus an uair sin, fhuair e dreuchd mar cheannard-sgoile ann an Ceann Drochaid ann an Alanais, ann an Ros an Ear.

Ach rinn e nàimhdean am measg uachdarain agus àrd-urrachan na Gàidhealtachd, oir bha e a’ taobhadh gu làidir ris na croitearan a bha a’ strì airson còraichean fearainn. Bha Dòmhnall an sàs gu mòr ann an obair Lìog an Fhearainn agus ann an Institiud Foghlaim na h-Alba.

Chuir àrd-urrachan bòrd na sgoile às a dhreuchd e. Bha iad a’ cumail a-mach gun robh e a’ toirt poilitigs a-steach don t-seòmar-theagaisg. Bha Dòmhnall a’ dol às àicheadh sin. Bha na daoine cumanta feargach gun do chaill e a dhreuchd. ’S ann an uair sin a choisinn Dòmhnall cliù dha fhèin mar ‘Mhairtir Alanais’.

Cha robh e fada gun obair, ge-tà. Fhuair e dreuchd mar mhaighstir-sgoile ann am Bail’ Ailein ann an Sgìre nan Loch ann an Leòdhas. An sin, bha na daoine ag agairt airson fearann an sinnsirean fhaighinn air ais. Bha an sinnsirean air am fuadachadh agus bha mòran dhen fhearann fhathast – sin Frìth na Pàirce – air a chur gu feum airson fèidh an uachdarain. Thàinig Dòmhnall MacRath gu àite far am b’ urrainn dha leantainn le obair airson ceartas do mhuinntir na Gàidhealtachd. Bhiodh cuid a’ gabhail ‘Mairtir Bhail’ Ailein’ air, seach ‘Mairtir Alanais’.

Às dèidh grunn choinneamhan poblach – ann an Sgoil Bhail’ Ailein – roghnaich na croitearan a dhol air adhart le bhith a’ marbhadh fhiadh air fearann na Pàirce. Bha iad a’ dol a dhèanamh sin gu follaiseach agus chuir iad fios do na poilis, don uachdaran agus do na pàipearan-naidheachd. Bha iad a’ dol a dh’obrachadh air cogais muinntir na h-Alba is muinntir Bhreatainn gus am faigheadh iad ceartas.

Nuair a thàinig an latha – an dàrna latha fichead dhen t-Samhain – chaidh na croitearan a-steach don oighreachd, agus pìobairean aig an ceann. Thàinig geamair nan rathad. ‘An ann às bhur ciall a tha sibh?’ thuirt e. Ach cha d’ fhuair e freagairt.

An uair sin, thuirt e, ‘Cò tha air bhur ceann?’ Agus fhuair e freagairt de sheòrsa. ‘Tha ar bonaidean!’ thuirt na croitearan. Cha robh ceannard aca. Bha gach duine na cheannard.

Lean iad orra airson trì latha – na ceudan de dhaoine. Mharbh iad ceudan de dh’fhèidh. Rinn iad campa le nàdar de phàillean a bh’ air a dhèanamh de shiùil chanabhais agus cabraichean. Thog iad teintean mòra agus ghoil iad feòil.

Innsidh mi dhuibh tuilleadh mu dheidhinn a’ ghnothaich an-ath-sheachdain. Ach fàgaidh mi sibh le ìomhaigh. Croitearan air beulaibh teine anns an dorchadas. A’ beannachadh toradh nam beann. Agus a’ gabhail òrain Ghàidhlig, leithid ‘Chunna’ mi ’n Damh Donn’. Uill, dè eile?

Litir 772 Litir 772 Litir 774 Litir 774

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!