Tha an Litir an t-seachdain seo gar toirt gu taobh siar Eilean Leòdhais. Ma thèid sibh chun na mòintich à Bràgar, deas air a’ bhaile, ruigidh sibh loch
beag air a bheil Loch Àirigh na h-Aon Oidhche. Ciamar a fhuair an àirigh ainm cho annasach? Carson a bhiodh daoine a’ fuireach ann airson dìreach aon
oidhche? Uill, a rèir beul-aithris, seo mar a thachair…
Fad’ air ais, timcheall meadhan an t-seachdamh linn deug, thàinig dà theaghlach còmhla airson bothan a thogail air an àirigh sin. Chan ann à Bràgar a bha
iad, ach à Siabost, an ath bhaile siar air Bràgar. Air feasgar brèagha san Ògmhios, chaidh dithis bhoireannach òg ann airson an oidhche a chur seachad air
an àirigh. Bha iad timcheall air fichead bliadhna a dh’aois, agus ’s e co-oghaichean a bh’ annta. Bha iad le chèile àrd agus brèagha. B’ iad na h-ainmean
orra Màiri Bhàn agus Màiri Dhubh.
Às dèidh dhaibh a’ bhleoghann a dhèanamh, bha iad nan suidhe còmhla aig doras a’ bhothain-àirigh. Bha iad ann an deagh shunnd, agus air
leth toilichte a bhith ann an àite cho bòidheach.
Bha a’ ghrian a’ dol fodha anns an àird an iar, no anns an iar-thuath mar a bhitheas aig an àm sin dhen bhliadhna. Bha Màiri Bhàn agus Màiri Dhubh a’ dol a dhèanamh deiseil a dhol innte nuair a chunnaic iad boireannach a’ tighinn dhan ionnsaigh. Thàinig i bho air cùl tom a bha faisg
air a’ bhothan. Bha i na meadhan-aoiseach, àrd, dreachmhor, agus bha aodach oirre mar a bh’ air na boireannaich àbhaisteach ann an Leòdhas.
Chuir na boireannaich òga fàilte oirre. Thuirt am boireannach ùr gun robh i sgìth agus gun robh a casan goirt. Dh’iarr i air an dithis sa bhothan-àirigh
cuid na h-oidhche a thoirt dhi. Dh’aontaich iadsan sa bhad, oir b’ e sin an cleachdadh aig an àm. Nan tigeadh srainnsear don doras agaibh, bheireadh sibh
biadh is fasgadh dha.
Ghabh an triùir biadh còmhla agus chaidh iad innte. Bha am boireannach ùr air earrainn chùil na leapa, bha Màiri Bhàn ri a taobh agus bha Màiri Dhubh air
earrainn aghaidh na leapa.
Mu àm na camhanaich, dhùisg Màiri Dhubh le clisgeadh. Dh’fhairich i sruth de lionn blàth fòidhpe. Leum i às an leabaidh. Lorg i gun robh an srainnsear air
teicheadh. Cha robh sgeul oirre. Tharraing i an t-aodach far na leapa agus ghabh i oillt is uabhas. Bha a co-ogha, Màiri Bhàn, marbh. Bha fuil a’ sruthadh
às a’ bhroilleach aice.
Bha doras a’ bhothain fosgailte. Thionndaidh Màiri Dhubh chun an dorais agus chunnaic i, pìos beag air falbh, each glas a’ dèanamh air a’ mhòintich. Thuig
i nach e boireannach a bh’ air a bhith a’ fuireach aca, ach each-uisge. Bha an t-each-uisge a’ fuireach ann am fear de na lochan air a’ mhòintich. Agus bha
e air riochd boireannaich a ghabhail air fhèin an oidhche roimhe.
Bha dust Màiri Bhàn air a thiodhlacadh air leathad gorm gu sear air an àirigh. Agus, air sàillibh na thachair, cha do chuir duine sam bith seachad oidhche
anns a’ bhothan sin a-rithist. ’S e sin as coireach gur e ainm an àite ‘Àirigh na h-Aon Oidhche’. Agus, co-dhiù tha an t-each-uisge, no a shliochd,
fhathast beò, chan urrainn dhomh a ràdh.