FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An SS Ferret (1)

Air mo bheulaibh an-dràsta, tha pìos à seann phàipear-naidheachd Astràilianach.

Audio is playing in pop-over.

An SS Ferret (1)

Air mo bheulaibh an-dràsta, tha pìos à seann phàipear-naidheachd Astràilianach. ’S e an ceann-latha a th’ air – Disathairne an deicheamh latha fichead (30mh) dhen Iuchar ochd ceud deug, ochdad ’s a h-aon (1881). ’S e The Australasian Sketcher ainm a’ phàipeir.

Tha an t-alt mu shoitheach a bha car ainmeil aig an àm sin. Ged a bha i ann an Astràilia, bhiodh mòran ann an Alba eòlach oirre. Gu dearbh, bhiodh mòran às na h-eileanan agus taobh siar na Gàidhealtachd air a bhith a’ seòladh oirre. Tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh stòiridh iongantach an SS Ferret.

Bidh mòran agaibh eòlach air an rathad-iarainn a tha a’ dol eadar Inbhir Pheofharain agus Caol Loch Aillse. Nuair a thogadh an toiseach e, ge-tà, cha do ràinig e an Caol. Air sàillibh duilgheadasan ionmhais, stad an loidhne aig an t-Sròm aig beul Loch Carrann. Às a sin, bha soithichean ag aiseag daoine is bathar a-mach do na h-eileanan. Mhair an suidheachadh mar sin fad seachd bliadhna fichead, eadar ochd ceud deug is seachdad (1870) agus ochd ceud deug, naochad ’s a seachd (1897) – nuair a dh’fhosgail an loidhne chun a’ Chaoil fhèin.

Am measg nan soithichean a bha ag obair a-mach às an t-Sròm, bha an SS Ferret. ’S e soitheach-smùide a bh’ innte. Bha i air a togail ann an Glaschu mar bhàta-bathair a bhiodh ag aiseag stuth timcheall Linne Chluaidh. Bha còrr is trì cheud tunna de chuideam innte. Cheannaich companaidh rèile às a’ Ghàidhealtachd i. An toiseach bha i air a cur gu feum nuair a bhathar a’ togail drochaid rèile Linne Tatha. An uair sin chaidh i chun na Gàidhealtachd fhèin.

Carson, ma-thà, a bha a leithid de shoitheach co-cheangailte ri cùis-chùirte ann an Astràilia? Uill, air sàillibh ’s gun deach a goid.

Thòisich an gnothach anns an Dàmhair ochd ceud deug is ochdad (1880). Aig an àm sin, bha am Ferret na laighe aig tàmh ann an Grianaig. Chaidh triùir chun na feadhainn leis an robh i, feuch a faighinn air mhàl airson turas-mara don Mhuir Mheadhan-tìrich. B’ e Seumas Stiùbhart MacEanraig an ceannard aca. Thuirt e gun robh an turas airson a mhnà a bha tinn. Agus thug e a’ chreidsinn air an fheadhainn leis an robh am Ferret gun robh gu leòr aige san sporan a leigeadh leis pàigheadh air a son. Thuirt e gun robh e càirdeach do Phrìomh Mhorair a’ Chabhlaich Rìoghail. Cha robh fios aig an fheadhainn leis an robh am Ferret, ge-tà, gun robh dà ainm eile aig MacEanraig – Seumas Mac a’ Ghobhainn agus Seumas Bernard.

Bha dithis eile ann an co-fheall leis – Iòsaph Mac an Fhùcadair no Uallas, agus Eideard Carlyon no Wright no Leigh. Chaidh aontachadh gum biodh iad a’ faighinn a’ Ferret air mhàl airson sia mìosan. Thug iad seic seachad mar phàigheadh airson a’ chiad mhìos (ged a b’ e tè ‘rubair’ a bh’ innte!) Agus bha iad ag obair tro chompanaidh luingeis ann an Lunnainn air an robh Henderson & Co – ged nach e fìor chompanaidh a bh’ innte nas motha!

Tuigidh sibh, às dèidh a h-uile càil, gun do rinn am Ferret a slighe gu Astràilia. Ach ciamar, agus cò rinn aithneachadh oirre fada bho a dachaigh ann an Alba? Innsidh mi dhuibh tuilleadh dhen stòiridh an-ath-sheachdain.

Litir 739 Litir 739 Litir 741 Litir 741

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!