Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mu thuras a ghabh mi a Leitir Fura ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich. Tha tobhtaichean ann
an-diugh far an robh baile an ìre mhath mòr uaireigin. Tha Leitir a’ ciallachadh ‘leathad’ a tha gu math tric os cionn uisge. Ach dè tha Fura a’ ciallachadh?
Feumaidh sinn a dhol gu beul-aithris airson fuasgladh. Thathar ag ràdh gun robh uaireigin dà chraoibh dharaich a’ fàs anns a’ bhaile – Fura Mhòr agus Fura
Bheag. ’S e sin na h-ainmean a bh’ orra. Bhathar ag ràdh gun robh Fura Mhòr cho mòr ’s gum b’ urrainn suas ri caogad mart a bhith còmhla fo sgàil a duillich.
Latha a bha seo, ge-tà, bha cuid de chloinn a’ bhaile a’ cluich le teine. Chuir iad falaisgear thuige faisg air Fura Mhòr agus chaidh a’ chraobh a losgadh
gu làr. Air sàillibh sin, chaidh dà theaghlach – MacAonghais a bh’ orra – a chur a-mach às a’ bhaile. Bha e cruaidh, ach tha e a’ dearbhadh, ma tha an
stòiridh fìor, gun robh na daoine a’ cur luach anns na craobhan is coilltean aca.
Chan eil an t-Eilean Sgitheanach cho craobhach an-diugh ’s a bha e uaireigin. Ri linn Chaluim Chille, bha coilltean gu leòr ann. Às dèidh don naomh ainmeil
a bhith anns an eilean, dh’fhàg e sagartan a leanadh air an obair a rinn e. Bha feadhainn dhiubh stèidhichte ann am Pabaigh, eilean còmhnard torrach faisg
air an Ath Leathann.
Co-dhiù, a rèir beul-aithris, goirid às dèidh do Chalum Cille tilleadh a dh’Eilean Ì, chaidh fear de na sagartan Pabach don Eilean Sgitheanach airson
tadhal air daoine. Ràinig e innis anns a’ choille anns an robh corra clach an siud ’s an seo. ’S dòcha gun robh i faisg air Leitir Fura ach chan urrainn
dhomh a bhith cinnteach.
Cha robh aig an t-sagart ach an t-aodach a bha uime agus bachall. B’ e am bachall an aon rud saoghalta a bhuineadh don t-sagart agus bha e
prìseil dha. Chaidh a dhèanamh dha le sagart eile faisg air a’ mhanachainn aige air tìr-mòr na h-Alba. Bha e air a dhèanamh de dh’fhiodh uinnsinn.
Bha an sagart sgìth agus rinn e suidhe airson beagan fois a ghabhail. Chuir e am bachall ri a thaobh. Fhad ’s a bha e a’ gabhail fois, dh’fhairich e
fuaimean agus gluasadan anns a’ choille a bha ceithir-timcheall air. Bha e dhen bheachd gun robh e a’ cluinntinn ghuthan, ach bha iad beag agus cha
bhuineadh iad do mhac-an-duine.
Choimhead e suas agus cò bha air a bheulaibh ach sluagh mòr de dhaoine beaga. Bha iad eadar trì is ceithir troighean a dh’àirde. Ach a-mhàin sin, bha iad
coltach ri daoine àbhaisteach.
Chlisg e agus, airson a dhìon fhèin, rinn e comharra na croise. Ach cha do chuir sin eagal air an t-sluagh. Thàinig fear dhiubh – bodach beag le feusag
liath – air adhart agus chaidh e air a ghlùinean. ‘Tha mi ag iarraidh,’ ghuidh e, ‘gum beannaich sibh na daoine agam.’ Bha an sagart air coinneachadh ris
na sìthichean. Chì sinn dè thachair anns an ath Litir.