FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Am Fear a Fhuair na Trì Comhairlean (3)

Tha mi a’ dol a chur crìoch air an stòiridh

Audio is playing in pop-over.

Am Fear a Fhuair na Trì Comhairlean (3)

Tha mi a’ dol a chur crìoch air an stòiridh thraidiseanta Am Fear a Fhuair na Trì Comhairlean. B’ e a’ chiad chomhairle – gabh an rathad fada glan, seach an rathad goirid salach. B’ e an dàrna comhairle – gun a bhith a’ cur seachad oidhche ann an taigh far an robh seann duine agus bean òg. B’ e an treas comhairle gun a bhith a’ dèanamh dad air feasgar no oidhche gun a bhith a’ meòrachadh air, eagal ’s nach gabh thu aithreachas air a shon air madainn an làrna-mhàireach.

Lean ar caraid air, air a shlighe dhachaigh. Ràinig e an taigh. Bha an oidhche ann, agus bha a h-uile càil dubh dorch. Bha e air a bhith air falbh fad ùine mhòr. Anns an ùine sin, thàinig atharrachadh mòr air gnothaichean aig an taigh.

Chaidh e a-steach don taigh anns an dorchadas. Chunnaic e fear na shìneadh air an leabaidh. Shaoil e gur e fear a bh’ ann a bh’ air a bhith a’ fuireach cuide ri a bhean fhad ’s a bha e air falbh. Chaidh e a lorg sgian no tuagh no claidheamh airson an duine a mharbhadh.

Ach smaoinich e air an treas comhairle a fhuair e bhon fhear-fhastaidh – gun dad a dhèanamh air feasgar no oidhche gun a bhith a’ meòrachadh air, eagal ’s nach gabhadh e aithreachas air a shon air madainn an làrna-mhàireach. Bha e air an còrr dhen tuarastal aige a chosg air a’ chomhairle, agus shaoil e gur e deagh chomhairle a bh’ innte air sgàth sin.

Thill e a dh’ionnsaigh na leapa, gun armachd na làimh, airson ’s gum faigheadh e a-mach le cinnt cò am fear a bh’ ann. Agus cò lorg e san leabaidh ach a mhac fhèin. Bha e air fàs cho mòr ’s nach robh e air aithneachadh.

Thàinig a bhean agus chuir iad fàilte air a chèile. Dh’fhaighnich a bhean dheth gu dè bha e air a thoirt dhachaigh mar thuarastal. Oir b’ e sin an t-adhbhar a dh’fhàg e an taigh anns a’ chiad àite.

‘Uill,’ ars esan, ‘fhuair mi tuarastal, ceart gu leòr.’

‘Agus?’ dh’fhaighnich ise. ‘Càite a bheil e?’

‘Uill,’ ars esan, ‘’s ann mar seo a tha e. Chosg mi e air trì comhairlean. Ach ’s e comhairlean riatanach a bh’ annta.’ Agus mhìnich e dhi mar a thachair dha air a rathad dhachaigh. Feumaidh nach robh i fhèin uabhasach toilichte, ge-tà, oir cha robh e air a thuarastal a thoirt dhachaigh leis.

‘Agus dh’inns e rudeigin eile dhomh,’ thuirt an duine. Thug e an lof arain do a bhean. ‘Seo lof arain,’ thuirt e. ‘Am fear a dh’fhastaich mi, thuirt e gum biodh tusa a’ feitheamh ris an aran seo.’

Chaidh i a-null a dh’ionnsaigh a’ bhùird . Thog i sgian mhòr. Agus gheàrr i an t-aran ann an dà leth. Nuair a dh’fhosgail i an lof, ’s ann a thuit airgead a-mach às – a h-uile sgillinn a bha an duine aice air cosnadh fhad ’s a bha e air falbh. Bha am fear eile air a chur a-steach don lof.

Leis gun robh an duine cho dìleas ’s gun tug e feairt air trì comhairlean an fhir eile, bha e air a dhachaigh a ruigsinn slàn sàbhailte. Agus sin agaibh an naidheachd air an Fhear a Fhuair na Trì Comhairlean.

Litir 727 Litir 727 Litir 729 Litir 729

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!