“A mhuinntir mo dhùthcha agus mo cho-shaighdeara!” dh’èigh an ceannard Albannach, Galgacus, air an arm aige nuair a bha iad a’ dèanamh deiseil airson
sabaid an aghaidh nan Ròmanach. Bha sin, a rèir aithris, anns a’ bhliadhna ceithir fichead ’s a ceithir (84) neo ceithir fichead ’s a còig (85) as dèidh
Chrìosta aig àite air an robh “Mons Graupius” mar ainm.
Lean Galgacus air mar seo: “Nuair a tha mi a’ toirt fa-near an adhbhair gun do tharraing sinn ar claidhnean, agus am feum a th’ againn air buille tarbhach
a bhualadh, mus cuir sinn a-rithist anns an truaill iad, tha mi a’ mothachadh dòchas aoibhneach ag èirigh suas nam inntinn, gum bi air an latha an-diugh,
slighe air a fosgladh chum saorsa Bhreatainn a thoirt air ais…”
Uill, cha deach an latha cho math ’s a bha e an dòchas. ‘S dòcha gu robh Galgacus na b’ fheàrr air òraidean na bha e air sabaid! Lorg mi an òraid ann an
seann leabhar Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh ann an ochd ceud deug ’s a trì-deug (1813). Chaidh a sgrìobhadh le fear P. MacPhàrlain. Chan eil fhios a’m
cò bh’ ann neo dè a’ chiad ainm a bh’ air. Pàdraig ’s dòcha, neo Pòl? Co-dhiù, dìreach ron òraid fhèin, sgrìobh MacPhàrlain tiotal air a son: “Brosnachadh
Ghalgacuis, ceann-feadhna nan Gaidheal, nuair a bha iad a’ dol a chur cath ri feachd na Ròimhe.”
Mmm. Ceann-feadhna nan Gaidheal? An robh Galgacus dha-rìreabh a’ bruidhinn Gàidhlig air an latha sin. Chanadh a’ chuid as motha de luchd-eachdraidh
an-diugh nach robh. Bhiodh e na bu choltaiche gu robh e a’ bruidhinn Cruithnis, cànan nan Cruithneach. Ach càit’ an d’ fhuair MacPhàrlain na faclan aig
Galgacus, air an do chuir e fhèin Gàidhlig aig toiseach an naoidheamh linn deug?
‘S e an fhreagairt – bho Chornelius Tacitus, fear de luchd-eachdraidh na Ròimhe, a bha na dhuine òg nuair a thachair Blàr Mhons Ghraupius. Sgrìobh Tacitus
leabhar mun uachdaran Ròmanach, Agricola, a bha na riaghladair air Breatainn airson seachd bliadhna agus a bha os cionn arm nan Ròmanach aig Mons Graupius.
Sgrìobh e ann an Laidinn, agus feumaidh gun do dh’eadar-theangaich MacPhàrlain don Ghàidhlig e.
’S e Tacitus a sgrìobh an earrann ainmeil mu dheidhinn nan Ròmanach a chluinnear gu math tric ann an diofar chànanan – “…ubi solitudinem faciunt, pacem
appellant…” – nuair a nì iad fàsach, canaidh iad sìth ris. Chan eil fhios a’m an robh Galgacus cho pongail sin agus, co-dhiù, cha do rinn na faclan aige
diofar mòr sam bith air latha a’ bhatail. Bha arm na b’ fheàrr aig na Ròmanaich. Ged a bha carbadan aig na h-Albannaich, rinn marc-shluagh nan Ròmanach a’
chùis orra. Agus bha cabhlach mòr Ròmanach aig muir, a’ cumail biadh is bathar ris na saighdearan.
Chan eil fios le cinnt aig duine an-diugh càit’ an robh Mons Graupius. Tha mons a’ ciallachadh beinn neo monadh ann an Laidinn. Ach chan eil fios
aig duine dè bha Graupius a’ ciallachadh. Tha a’ chuid as motha de sgoilearan dhen bheachd gur ann anns an ear-thuath a bha e, ’s dòcha ann an
Siorrachd Obair Dheathain neo Moireibh. Tha beachd ann cuideachd gu robh e ann an Inbhir Nis. ’S dòcha nach bi fios againn a-chaoidh air a sin.
Dh’fhàg Tacitus dìleab eile againn cuideachd. Tha e coltach nach do leugh fear-eachdraidh eile Mons Graupius gu ceart, agus sgrìobh e fhèin e mar “Mons
Grampius”. Agus ’s ann às a sin a thàinig am facal Grampian ann am Beurla – fada mus robh guth air stèisean-telebhisein! Agus ’s e sin is coireach
nach eil facal Gàidhlig againn airson Grampian, ach Grampian fhèin.