FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Teàrlach Òg Stiùbhart

Chan e Calum Cille an aon duine a cheanglas Alba

Audio is playing in pop-over.

Teàrlach Òg Stiùbhart

Chan e Calum Cille an aon duine a cheanglas Alba ri Gleann Cholm Cille ann an ceann an iar-thuath na h-Èireann. Tha cuid dhen bheachd gu robh fear ann san ochdamh linn deug air an robh Seárlas Óg ann an Gaeilge. ’S e sin Teàrlach Òg Stiùbhart – no Bonnie Prince Charlie. Uill, a bheil e fìor? An robh e ann?

Tha an stòiridh a’ dol air ais don t-samhradh seachd ceud deug ceathrad ’s a sia (1746), beagan mhìosan às dèidh Blàr Chùil Lodair, far an do chaill na Seumasaich gu dubh. Tha muinntir na h-Alba dhen bheachd gun robh Teàrlach Òg air seachran airson ùine às dèidh Chùil Lodair air a’ Ghàidhealtachd againne. Aig a’ cheann thall, thàinig long-chogaidh Fhrangach air a shon agus sheòl e gu ruige an Fhraing.

Ach tha beul-aithris ann an Gleann Cholm Cille a’ cur gleans eile air an stòiridh. As t-samhradh seachd ceud deug ceathrad ’s a sia (1746) thàinig srainnsear àrd eireachdail don sgìre. Bha searbhant còmhla ris. Bha iad a’ fuireach an toiseach ann am baile beag iomallach ris an canar Gleann Locha.

Ach cha do dh’fhuirich iad an sin fada. Ghluais iad gu taigh eile ann am baile eile. An uair sin ghluais iad gu taigh eile ann am baile eile a-rithist. An-diugh, innsidh muinntir an àite gu dè na taighean don deach iad agus cò na daoine leis an robh iad a’ fuireach.

Tha e an ìre mhath cinnteach gur e Seumasach a bh’ anns an duin'-uasal. Gach latha bhiodh e fhèin is a shearbhant a’ dol a-mach gu rubha far am faigheadh iad sealladh math air a’ mhuir. Gach latha bhiodh iad a’ tilleadh dhachaigh gun sealladh air an luing a bha a’ dol gan toirt air falbh.

Às dèidh beagan seachdainean ann am baile ris an canar Málainn Mhóir dh’èirich an dithis latha a bha seo. Dh’innis iad don teaghlach a bh’ air àite-fuirich a thoirt dhaibh gun robh iad a’ falbh. Thug iad sporan de dh’òr don teaghlach agus chaidh iad gu baile eile airson na h-oidhche. Air an làrna-mhàireach rinn iad mocheirigh agus chaidh iad sìos gu Poll an Uisce – àite air a’ chladach. Tha Poll an Uisce furasta aithneachadh bhon mhuir oir tha stac mara – ris an canar an Tor Mór – faisg air làimh. Thàinig long a-steach agus chaidh an dithis air bòrd. Dh’fhalbh iad a dh’ionnsaigh na Frainge.

Uill, cò bha anns an t-srainnsear? A-rèir beul-aithris, ’s e Teàrlach Òg fhèin a bh’ ann. An robh cuideigin eile, ma-thà, air a dhol na riochd ann an Alba? An robhar a’ toirt a’ chreidsinn don arm dhearg gun robh am Prionnsa fhathast ann an Alba – nuair a bha e ann an dha-rìribh ann an Èirinn?!

’S e deagh stòiridh a th’ ann, agus chan urrainn dhomh a ràdh co-dhiù tha susbaint mhòr sam bith ann. Ma dh’fhaodte gur e dìreach fear de dh’àrd-urrachan nan Seumasach a bh’ anns an t-srainnsear. Ach tha òran a bhuineas don sgìre air a bheil Lá Chois Cuain. ’S e òran gaoil a th’ ann. Anns an òran tha fear a’ feitheamh fad ùine ri long a bheir e fhèin is a leannan còmhla. Agus tha feadhainn ag ràdh fhathast gu bheil an t-òran a’ dèanamh tuairisgeul air Teàrlach Òg fhèin, a bha am falach ann an Gleann Cholm Cille às dèidh Chùil Lodair.

Litir 464 Litir 464 Litir 466 Litir 466

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!