FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Clabair

Dè a’ Ghàidhlig a th’ air blabberer, neach a bhruidhneas

Audio is playing in pop-over.

Clabair

Dè a’ Ghàidhlig a th’ air blabberer, neach a bhruidhneas cus agus ’s dòcha gun mòran bhrìgh? Uill, tha diofar fhaclan ann a dh’fhaodadh tu cleachdadh. Nam measg, tha clabair neo clabaire. Chanadh tu mu dhuine gur e fìor chlabair a th’ ann neo gu bheil e na chlabair. Neo gu bheil e ri clabaireachd.

Tha am facal clabair a’ tighinn bhon fhacal clab a tha a’ ciallachadh beul mòr fosgailte. Ma tha cuideigin, mar eisimpleir pàiste, a’ bruidhinn riut gun sgur, dh’fhaodadh tu ràdh ris neo rithe - ’S ann ort a tha an clab – a’ ciallachadh gu bheil e neo i a’ bruidhinn cus. Agus a’ cur dragh ort!

Agus bhon ainmear clab, tha sinn a’ faighinn a’ bhuadhair clabach. Ma tha cuideigin clabach, tha beul mòr aige, neo bilean mòra, neo tha e a’ bruidhinn cus. Agus tha facal airson boireannach a bhruidhneas cus neo aig a bheil beul mòr – clabag.

Is tha facal neo dhà eile ann cuideachd airson daoine a bhios a’ labhairt cus. Mar eisimpleir, luath-bheulach neo luath-bheulach. Luath leis a’ bheul, mar gum biodh. Cluinnidh tu cuideachd luath-bhileach. Luath leis na bilean. Tha na faclan sin a’ dèanamh ciall, nach eil? Agus tha facal eile dhen t-seòrsa ann cuideachd – luath-chainnteach. Luath leis a’ chainnt.

Gheibh sibh tòrr fhaclan mar sin ann am faclairean Gàidhlig, ach bu mhath leam leabhar a mholadh dhuibh a tha gu math feumail do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Tha e sgrìobhte ann an Gàidhlig air fad, ach tha eadar-theangachadh ann am Beurla a tha furasta gu leòr fhaighinn. Leis an fhìrinn innse, tha caochladh eadar-theangachaidhean ann, ann an seann Bheurla neo nua-Bheurla. Agus tha deagh theans ann gum bi fear agaibh anns an taigh mar tha.

Chaidh am fear Gàidhlig a sgrìobhadh o chionn fhada agus tha beartas-cànain ri lorg air na duilleagan aige. Agus dè an leabhar a tha mi a’ ciallachadh? Uill, am fear as motha a th’ air a reic air an t-saoghal gach bliadhna. Am Bìoball.

Tha leabhar anns a’ Bhìoball ris an canar Gnìomhara nan Abstol. Tha e anns an Tiomnadh Nuadh, an dèidh Leabhar Eòin. Ann an Caibideil a seachd-deug, tha an t-abstol Pòl anns an Aithne, neo Athens, am measg nan Iudhach is nan Greugach. Tha e ri deasbaireachd leis na daoine sin mu dheidhinn creideamh. Mu dheidhinn Dhè is mu dheidhinn Iosa is gnothaichean dhen t-seòrsa.

Bha na daoine a bha ri deasbaireachd na aghaidh dhen bheachd gu robh Pòl a’ labhairt cus, gu robh cus aige ri ràdh, agus nach sguireadh e a’ labhairt. Agus dè am facal a th’ air a chleachdadh anns a’ Bhìoball airson sin? Uill, seo e - bith-bhriathrach. Bha na feallsanaich Ghreugach dhen bheachd gu robh Pòl bith-bhriathrach. Ma tha Bìoball Gàidhlig agaibh fhèin, gheibh sibh lorg air an fhacal ann an Earrann a h-ochd deug.

Chì sibh cho furasta ’s a tha e faclan mar sin a chruthachadh ann an Gàidhlig. Tha briathar a’ ciallachadh facal. Tha briathran a’ ciallachadh faclan. Ma tha duine briathrach, tha gu leòr aige ri ràdh. Ma tha e bith-bhriathrach, cha sguir e bruidhinn!

Ma chì sibh bith ann am facal dà-fhillteach mar seo, tha e a’ ciallachadh ever neo always. Bith-bhriathrach – always talking. Chan fhaod mis’ a bhith bith-bhriathrach, ge-tà, co-dhiù air a’ phrògram seo. Tha an ùine agam a’ tighinn gu crìch. Ach fàgaidh mi sibh an t-seachdain-sa le ceist. Dè a’ Ghàidhlig a chuireadh sibh air perennial plant, an fheadhainn nach bàsaich a h-uile bliadhna neo fiù ’s a h-uile darna bliadhna? Innsidh mi dhuibh dè th’ ann an ath sheachdain.

Litir 43 Litir 43 Litir 45 Litir 45

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!