Nuair a leugh an Siorram Achd na h-Aimhreit, agus Sabaid Mhòr Inbhir Ùige a’ dol air sràidean a’ bhaile air an t-seachdamh latha fichead dhen Lùnastal ochd
ceud deug, caogad ’s a naoi (1859), dh’fhalbh a’ chuid a bu mhotha dhen fheadhainn a bha an sàs anns an ùpraid. Ach thàinig buidheann dhiubh còmhla
a-rithist faisg air làimh. Bha seo aig naoi uairean feasgair, mu dhà uair a thìde às dèidh don ùpraid tòiseachadh.
’S e Gàidheil a bh’ anns an fheadhainn seo agus bha iad airson briseadh a-steach do stèisean nam poileas airson na companaich aca, a bh’ ann an grèim, a
leigeil a-mach. Ach bha na poilis a’ feitheamh riutha. Bha batail ann airson deich mionaidean, ach chaidh na h-iasgairean Gàidhealach iomain air ais.
Sgaoil iad an uair sin. Uile-gu-lèir, aig deireadh na h-oidhche, bha sianar air a bhith an grèim nam poileas. Chaidh aon duine a leigeil ma sgaoil air an
oidhche sin, agus bha triùir eile gu bhith a’ faighinn an saorsa an làrna-mhàireach.
Ach cha b’ e sin e a thaobh aimhreit. Bha còmhlain de ghillean à Inbhir Ùige a’ coiseachd nan sràidean, a’ coimhead airson Gàidheil air an toireadh iad
ionnsaigh. Bha iad ag aithneachadh nan Gàidheal bhon cuid bhonaidean. Bha mòran de na Gàidheil a’ loidseadh ann am Pulteneytown, gu deas air Abhainn Ùige.
Ach gu fortanach, fhuair feadhainn aca taic bho na daoine aig an robh iad a’ loidseadh – airson faighinn air ais gu sàbhailte.
Bhiodh a’ chùirt na suidhe mar bu trice aig naoi uairean sa mhadainn air Diluain. Thòisich feadhainn air tighinn cruinn anns na sràidean taobh a-muigh
taigh na cùirte cho tràth ri seachd uairean. Cha deach taigh na cùirte fhosgladh agus aig deich uairean bha an sluagh a’ fàs mì-fhoighidneach. Bha slatan
fiodha aig cuid aca. Thòisich feadhainn, a bh’ air a bhith a’ sabaid le chèile oidhche Shathairne, air maoidheadh air a chèile a-rithist. Bha mu cheithir
mìle duine ann. Bhruidhinn oifigearan is ministearan riutha ach cha do rinn e diofar. Chaidh an dithis phrìosanach – Raibeart Dòmhnallach
agus fear eile – a leigeil ma sgaoil air urras, ach cha do shàsaich sin an sluagh.
Bha dà rud ann a cheannsaich a’ mhì-rian air an latha sin. Anns a’ chiad dol a-mach bha caiptean a’ Phrincess Royal – soitheach dìon-iasgaich an
riaghaltais – an làthair. ’S ann à Leòdhas a bha e agus bha mòran de na bha an làthair eòlach air. Bha fichead dhen chriutha aige ann cuideachd airson taic
a thoirt do na poilis. Agus, a bharrachd air sin, thàinig buidheann de shaighdearan don bhaile air eacarsaich.
Sgaoil an sluagh ach cha deach na h-iasgairean gu muir. Thug trì fichead constabal sònraichte am bòidean, eagal ’s gum biodh aimhreit a bharrachd ann.
Chuir an Siorram fios do na h-ùghdarrasan ann an Dùn Èideann. Chaidh glè bheag de bhàtaichean gu muir Dimàirt no Diciadain agus cha robh muinntir a’ bhaile
air an socair, ged nach robh sabaid a bharrachd ann air na làithean sin. Dh’fhalbh cuid de na h-iasgairean Gàidhealach dhachaigh Diardaoin. Bha uiread de
mhì-thoileachas ann agus cha robh iad ag iarraidh a bhith ann tuilleadh.
Ach gu mì-fhortanach cha robh Sabaid Mhòr Inbhir Ùige seachad. Disathairne, nochd feachdan cogaidh air bòrd nan long – am Prince Consort agus an Jackal. Leis gu robh saighdearan gu leòr aige a-nise, chuir an Siorram roimhe grèim fhaighinn a-rithist air
Raibeart Dòmhnallach a chaidh a leigeil ma sgaoil air urras còig latha roimhe. Agus chì sinn dè thachair, agus mar a thàinig an fhòirneart gu ceann, anns
an ath Litir.