FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Ath nam Muileach

’S e àite sìtheil a th’ ann an Ath nam

Audio is playing in pop-over.

Ath nam Muileach

’S e àite sìtheil a th’ ann an Ath nam Muileach. Tha e faisg air ceann an iar Loch Afraig ann an Gleann Afraig. Àite far am biodh daoine a’ faighinn tarsainn Abhainn Afraig anns an t-seann aimsir. Tha drochaid ann an-diugh. Agus tha bothan ann far am bi cuid a’ fuireach nuair a bhios iad a’ cur chraobhan sa ghleann.

’S e Athnamulloch a th’ air an àite ann am Beurla. Tha beachd ann gun tàinig an t-ainm à Ath nam MuileachThe Mull Men’s Ford. Ach tha beachd eile ann cuideachd – gur e The Ford of Mulloch a tha e a’ ciallachadh, agus gur e Mulloch – no am Mullach – an seann ainm a bh’ air a phàirt sin dhen ghleann.

Co-dhiù, canaidh mise Ath nam Muileach ris. Ged a tha e a’ coimhead sìtheil an-diugh, chan ann mar sin a bha e air an dàrna là dhen Dàmhair, seachd ceud deug, is aon air fhichead (1721). Air an là sin, bha còmhrag ann, anns an deach duine a mharbhadh. Bha e co-cheangailte ri Cogaidhean nan Seumasach, agus seo mar a thachair e.

Nuair a chaidh ar-a-mach nan Seumasach ann an seachd ceud deug is còig-deug (1715) a mhùchadh, ghabh an riaghaltas thairis na h-oighreachdan aig Iarla Shìophoirt, An Siosalach agus Granndach Ghleann Mhoireastain. Bha na trì oighreachdan air an cur fo smachd choimiseanairean a bha a’ tional a’ mhàil airson an riaghaltais.

Ach cha robh an obair aca furasta. Bhiodh na seann bhàillidhean fhathast a’ faighinn màl bho na daoine is ga chur gu na cinn-chinnidh, a bh’ air teicheadh. Bha eagal air na coimiseanairean dhol gu na glinn sin. Bha an sluagh a’ faighinn misneachd bho aithrisean is fathannan gum faighte taic bho na Spàinntich ann a bhith a’ cur Rìgh Stiùbhartach air ais air a’ chathair rìoghail.

Thàinig feachd Spàinnteach gu tìr ann an Cinn Tàile ann an seachd ceud deug is naoi-deug (1719), ach rinn an t-arm dearg a’ chùis orra ann an Gleann Seile. A dh’aindeoin ’s gun do chaill na Spàinntich, bha mòran de na daoine sna glinn sin fhathast dìleas do na Seumasach. Bha am màl fhathast a’ dol do na seann chinn-chinnidh.

Mar sin, anns an t-Sultain, seachd ceud deug is aon air fhichead (1721), chaidh feachd a chur ri chèile leis an amas am màl a thional don riaghaltas. Bha saighdearan ann bho na North British Fusiliers. Os an cionn bha dithis à Siorrachd Rois – Uilleam Ros, a bha roimhe na Phròbhaist ann am Baile Dhubhthaich, agus a bhràthair Raibeart.

Chaidh iad an toiseach a dh’Inbhir Moireastan. Bha mòd aca an sin. Dh’iarr iad air na màladairean gu lèir a nochdadh ann. Chaidh feadhainn ann, ach cha tug duine aca màl seachad. Chaidh iad gu Srath Ghlais an uair sin. Thachair an aon rud. An uair sin, rinn iad deiseil airson coiseachd tro Ghleann Afraig gu ruige Cinn Tàile.

Nuair a bha iad ann an Inbhir Moireastan, bha fear-brathaidh san èisteachd. Chaidh esan gu Cinn Tàile airson innse do bhàillidh nan Sìophortach, Dòmhnall MacCalmain, gu robh an fheachd seo air an rathad gan ionnsaigh. Cha b’ fhada gus an robh trì cheud duine armaichte aig MacCalmain, deiseil airson stad a chur air na saighdearan dearga. Chaidh iad tro Ghleann Afraig agus choinnich an dà fheachd ri chèile aig Ath nam Muileach. Loisg iad air a chèile agus chaidh Bhaltair Ros, mac Uilleim, a mharbhadh. Ach mus deach cus fala a leigeil, thàinig an dà thaobh gu aonta tarraing air ais, agus bha còmhrag Ath nam Muileach seachad.

Litir 346 Litir 346 Litir 348 Litir 348

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!