FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Iain Breac

Nach math na sgeulachdan a tha ag innse mar a

Audio is playing in pop-over.

Iain Breac

Nach math na sgeulachdan a tha ag innse mar a bhios amadan a’ dèanamh a’ chùis air daoine eile. Seo agaibh tè air mar a rinn amadan Iain Bhric a’ chùis air mèirleach ann an Coille Tharbhaidh.

Tha coille mhòr fhathast ann an Tarbhaidh, a tha suidhichte ann am meadhan Siorrachd Rois, eadar Ulapul agus Inbhir Pheofharain. Anns an t-seachdamh linn deug bha a’ choille mòr is dorch is cunnartach. Agus bhiodh mòran robairean ri spùinneadh innte. Nuair a bha Iain Breac na cheann-cinnidh do Chloinn ’ic Leòid Dhùn Bheagain, chaill e mòran airgid innte.

Seo mar a thachair e. Chuir Iain Breac a sheumarlan a dh’Inbhir Nis, ann an cuideachd dithis eile, airson airgead fhaighinn a phàigheadh airson obair-càraidh air a’ chaisteal aige ann an Dùn Bheagan – an dearbh chaisteal a tha feumach air càradh an là an-diugh.

Fhuair an triùir a dh’Inbhir Nis gu sàbhailte agus fhuair iad an t-airgead. Chuir iad ann am poca e. Air an rathad dhachaigh, thàinig mèirlich orra ann an Coille Tharbhaidh. Thug na robairean gunnaichean a-mach is dh’òrdaich iad don triùir an cuid airgid gu lèir a thoirt seachad. Thug iad am poca seachad. B’ fheudar don t-seumarlan agus a chompanaich cumail a dol don Eilean Sgitheanach airson innse do dh’Iain Breac gun do chaill iad an t-airgead gu lèir.

Bha Iain feumach air an airgead, ge-tà, agus chuir e teachdaire eile, le companaich thapaidh, a dh’Inbhir Nis airson tuilleadh fhaighinn. Ach, air an rathad dhachaigh, ann an Coille Tharbhaidh, thachair an dearbh rud a thachair don fheadhainn eile. Is ràinig iad Dùn Bheagan gun sgillinn ruadh air fhàgail aca.

Thàinig an leann-dubh air Iain Breac. Cha b’ urrainn eadhon a phìobaire, a chlàrsair no a bhàrd inntinn a thogail. Mhothaich an t-amadan gu robh a mhaighstir gu math ìosal is chaidh e a bhruidhinn ris. Dh’fhaighnich e dheth gu dè a bha a’ cur air. Mhìnich Iain Breac na thachair agus thuirt an t-amadan ris, “Na gabhaibh dragh. Sùim sam bith a tha sibh ag iarraidh faighinn, gheibh mise i. Bheir mi dhachaigh gu sàbhailte i.”

Cha robh Iain Breac a’ cur cus earbsa ann am beachd an amadain. Ach lean an t-amadan air, ag ràdh gun dèanadh esan a’ chùis far an do dh’fhailnich air feadhainn eile. Agus, mu dheireadh, dh’aontaich an ceann-cinnidh an cothrom a thoirt dha. Bha Iain Breac airson an t-each as fheàrr aige a thoirt don amadan, ach cha robh an t-amadan air a shon idir. Thagh esan seann làir nach robh gu mòran feum tuilleadh. Agus dh’fhalbh e.

Nuair a ràinig e Coille Tharbhaidh, thachair e ri mèirleach a dh’fhaighnich dheth cà’ robh e a’ dol. “Tha mi a’ dol a dh’Inbhir Nis airson airgead fhaighinn do mo mhaighstir”, thuirt an t-amadan.

“Agus am bi companaich agad nuair a thilleas tu?” dh’fhaighnich am fear eile.

“O cha bhi,” fhreagair an t-amadan.

“Uill, cumaidh mise sàbhailte thu,” thuirt am mèirleach, “oir bidh daoine olc a’ tadhal air a’ choille seo.” Dh’fhaighnich e dhen amadan cuin’ a bhiodh e a’ tilleadh, agus thuirt e gun coinnicheadh e ris anns a’ choille air an là sin.

Chum an t-amadan a’ dol a dh’Inbhir Nis agus fhuair e an t-airgead. Chuir e an t-airgead ann am poca. Ach fhuair e poca eile, dhen aon seòrsa, agus lìon e sin le sligean maoraich. Bha, mar sin, dà phoca aige, ach chum e am falach iad, fo chleòca. Chaidh e air muin na seann làire agus rinn e air an taobh an iar. Agus innsidh mi dhuibh mar a rinn e a’ chùis air a’ mhèirleach anns an ath Litir.

Litir 301 Litir 301 Litir 303 Litir 303

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!