Halò a-rithist. Anns an litir seo tha mi airson a dhol an sàs ann an dubh-fhaclan. Trì dubh-fhaclan a tha car annasach, ach aig a bheil rudeigin anns a’
chumantas eatarra. Tha iad uile a-mach air bà bhreaca. Bà bhreaca. Dè a’ Bheurla a chuireadh sibh air sin? “Mottled cows”, ’s dòcha? Bà bhreaca.
Uill, nuair a chluinneas sibh na dubh-fhaclan, bidh sibh mothachail, tha mi an dùil, nach e “beathaichean cruidh” a thathar a’ ciallachadh. ’S e an obair
agaibhse, ma-thà, faighinn a-mach dè dìreach a tha na “bà” a’ riochdachadh anns na dubh-fhaclan.
Seo agaibh a’ chiad fhear: Trì bà bhreaca an cois na leacainne, nach do bhleoghainneadh deur de am bainne riamh. A bheil sibh eòlach air an fhacal leacann? ’S e facal boireann a th’ ann, is tha i a’ ciallachadh “the broad slope of a hill”. Agus bleoghainn? Tha sin a’ ciallachadh na
bhios daoine a’ dèanamh airson bainne a thoirt à bò. Mar sin, cha d’ fhuair duine bainne a-riamh bho na bà seo. Trì bà bhreaca an cois na leacainne, nach
do bhleoghainneadh deur de am bainne riamh.
Seo agaibh a-nise an dàrna dubh-fhacal agus tha am facal leacann a’ nochdadh a-rithist. Feumaidh gu bheil na bà seo air nàdar de leacann, ach an
ann air cliathaich cnuic a tha iad? Trì bà bhreaca a’ ruith le leacainn, cha chuir banachag buarach orra is cha chuir buachaille stad orra. A
bheil am facal banachag agaibh? Tha sin a’ ciallachadh “boireannach a bhios a’ bleoghainn”. Tha buarach a’ ciallachadh rud a chuireas
banachag air casan na bà fhad ’s a tha i ris a’ bhleoghainn. Agus buachaille? Tha sin a’ ciallachadh “fear a bhios a’ trusadh cruidh”. Seo an
dubh-fhacal a-rithist: Trì bà bhreaca a’ ruith le leacainn, cha chuir banachag buarach orra is cha chuir buachaille stad orra.
Tha sin gar toirt don treas dubh-fhacal. Seo e: Trì bà bhreaca a’ leum le leacainn, cha nighear iad, ’s cha bhlighear iad; is àirde an geum na geum na buaile, trì bà uallach aigeannach. Tuigidh
sibh a’ chiad phàirt dheth – trì bà bhreaca a’ leum le leacainn. Tha an dàrna pàirt – cha nighear iad, ’s cha bhlighear iad – a’ ciallachadh “they
will not be washed and will not be milked”. Tha an treas pàirt – is àirde an geum na geum na buaile – ag innse dhuinn gu bheil iad a’ dèanamh
fuaim mòr, barrachd fuaim na dhèanadh crodh ann am buaile. Agus mu dheireadh trì bà uallach aigeannach. Tha uallach a’ ciallachadh
“lively” agus tha aigeannach a’ ciallachadh “boisterous” no “sprightly”, ach tha dàrna ciall air, co-cheangailte ri aigeann, a tha a’
ciallachadh “doimhneachd a’ chuain”. Aha – ’s dòcha gu bheil bà aigeannach a’ ciallachadh “cows of the deep ocean” seach “sprightly cows”. Èistibh
gu dlùth ris an treas dubh-fhacal a-rithist: Trì bà bhreaca a’ leum le leacainn, cha nighear iad, ’s cha bhlighear iad; is àirde an geum na geum na buaile,
trì bà uallach aigeannach.
Seadh – a bheil e agaibh a-nise? Tha na bà a’ riochdachadh tuinn na fairge – na trì tuinn mhòra a thig aig àmannan aig muir nuair a tha stoirm ann. Tha iad
a’ dol le leacainn – ach ’s e leacann mara a th’ ann, seach leacann talmhainn. Cha ghabh na bà bleoghainn no smachdachadh, nì iad fuaim mòr agus, gun
teagamh, tha iad aigeannach. Slàn leibh an-dràsta.