Cò an Gàidheal as ainmeile a th’ ann ann an Coirìa? Seadh – Coirìa – an dùthaich, a tha sgaraichte ann an dà phàirt, a tha làimh ri ceann a tuath Sìonaidh.
Uill, chan urrainn dhomh a’ cheist sin a fhreagairt. Ach tha amharas agam gum biodh an t-Urramach Iain Ros nach maireann faisg air mullach na liosta, mura
biodh e aig a’ mhullach fhèin. Carson – uill, thig mi gu sin an ceann greis.
Rugadh Iain Ros ann an taobh sear Siorrachd Rois, faisg air Bàgh an Eig, anns a’ bhliadhna ochd ceud deug, ceathrad ’s a dhà (1842). Eadhon aig an àm ud
bha Gàidhlig aig a’ mhòr-chuid de shluagh na sgìre sin, agus ’s e Gàidhlig a-mhàin a bh’ aig Iain nuair a thòisich e san sgoil ann am Baile a’ Chnuic. Ach,
mus tigeadh a shaoghal gu crìch, bhiodh e fileanta ann an grunn chànanan eile, Sìonais agus Corìanais nam measg.
Bha athair na thàillear agus bha e cuideachd na bhall de Bhòrd na Slàinte, buidheann a chaidh a chur air chois airson dèiligeadh ris a’ bhuinich-mhòir, no cholera. Thathar a’ smaoineachadh gun tug trì rudan buaidh air Iain, agus e òg. Anns a’ chiad dol a-mach, bha a theaghlach an sàs gu mòr anns an
Eaglais. A bharrachd air sin, bhiodh Iain a’ faicinn soithichean a’ tighinn is a’ falbh gu gach àird, is bhiodh sin a’ toirt air smaoineachadh mun
t-saoghal mhòr. Agus bha e air a chuairteachadh le àiteachan a bha muinntir an àite a’ comharrachadh mar co-cheangailte ris na sìthichean. Ged nach robh e
fhèin air an aon ràmh a thaobh rudan os-nàdarrach, thuigeadh e mar a bhiodh daoine a bha a’ fuireach ann an sgìrean dùthchail a’ coimhead air an t-saoghal.
Anns na seasgadan, dh’fhalbh e a Ghlaschu far an do rinn e ceum san oilthigh. An uair sin chaidh e a-steach don Mhinistrealachd ann an Talla Dhiadhaireach
nan Clèireach Aonaichte ann an Dùn Èideann. Bha ùidh aige ann a bhith a’ falbh a-null thairis airson a bhith na mhiseanaraidh, agus thuirt am fear a bha os
cionn Bòrd Misean Cèin na h-Eaglaise gum biodh an dàrna cuid Na h-Ìnnseachan no Sìona freagarrach dha. Bha am Bòrd air aithneachadh gu robh sgilean cànain
air leth aige.
Ach bha tarraing eile air – a dhachaigh. Bha Iain gu math measail air a’ Ghàidhealtachd agus bha bòrd eile dhen Eaglais – Bòrd Misean na Dachaigh – dhen
bheachd gum bu chòir dha tilleadh don Ghàidhealtachd. Eadhon aig an àm ud bha gainnead ann de mhinistearan aig an robh comas searmonachadh ann an Gàidhlig.
Chaidh Iain a dh’Inbhir Nis is an uair sin a Phort Rìgh. Ach cha robh e toilichte san Eilean Sgitheanach agus dh’iarr e air an Eaglais a ghluasad a
Steòrnabhagh. Eadhon ann an Leòdhas, ge-tà, cha robh e riaraichte, agus sgrìobh e a-rithist gu Bòrd a’ Mhisein Chèin, ag iarraidh orra a chur a-null a
Shìonaidh. Sgrìobh Cathraiche a’ Bhùird, an Dotair Uilleam MacGill, ris gum biodh e na b’ fheàrr dha a bhith “na shradag misein [thall thairis] na lasair
ann an Ros an Ear”.
Anns a’ Ghearran ochd ceud deug, seachdad ’s a dhà (1872) fhuair e cead dhol a Shìonaidh. Goirid mus do dh’fhalbh e, phòs e, agus e a-nise trithead
bliadhna a dh’aois. Aig an toiseach chaidh e gu ruige Chefoo (air a bheil Yantai an-diugh), air a’ chosta mu choinneimh Choirìa, far an robh
miseanaraidhean eile. Cha b’ fhada gus an robh e a’ coimhead airson àite ùr dha fhèin, ge-tà. Innsidh mi dhuibh mar a choisinn e cliù mhòr dha fhèin ann am
Manchuria is Coirìa an ath-sheachdain.