FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Iain Stiùbhairt Blackie

Is dòcha gum bi cuimhne agaibh gu robh sinn a’

Audio is playing in pop-over.

Iain Stiùbhairt Blackie

Is dòcha gum bi cuimhne agaibh gu robh sinn a’ toirt sùil aig toiseach na bliadhna air beatha Iain Stiùbhairt Blackie. Bha Blackie na ghaisgeach don Ghàidhlig. Bha e gu mòr air cùl iomairt airson roinn na Ceilteis a stèidheachadh ann an Oilthigh Dhùn Èideann, far an robh e na phroifeasair de Ghreugais.

Uill, an là eile, bha mi a’ coimhead tro leabhar de bhàrdachd Ghàidhlig a bhuineas don naoidheamh linn deug. Agus làigh mo shùil air an tiotal “Brosnachadh na Gàidhlig”. Tha mi gun teagamh airson sin a dhèanamh! ’S e bàrd Sgitheanach, Niall MacLeòid à Gleann Dail, a sgrìobh an dàn. Agus nuair a leugh mi a’ chiad rann, mhothaich mi gu robh e a-mach air “Professor Blackie”. Seo mar a tha a’ chiad rann a’ dol:

Duisg suas, a’ Ghàidhlig, ’s na bi fann,

Is gleus do chlàrsach feadh nan gleann:

Tha aon fhear-tagraidh math ort teann

A chumas taic riut,

Cho fad ’s a mhaireas teanga ’n ceann

Professor Blackie.

Canaidh mi sin a-rithist, gus an glac sibh e:

Duisg suas, a’ Ghàidhlig, ’s na bi fann,

Is gleus do chlàrsach feadh nan gleann:

Tha aon fhear-tagraidh math ort teann

A chumas taic riut,

Cho fad ’s a mhaireas teanga ’n ceann

Professor Blackie.

Nuair a bha Niall MacLeòid a’ sgrìobhadh, bha an iomairt fhathast a’ dol gus airgead a thrusadh airson cathair Ceilteis a stèidheachadh. Agus bha an droch shlàinte a bha Blackie a’ fulang na chùis dragh don bhàrd. Seo mar a tha an dàrna rann a’ tòiseachadh:

Bha cuid an dùil nach robh thu slàn,

’S gu robh do bheatha dlùth don bhàs,

Ach bheir thu ’n car asta gun dàil…

A-rithist anns a’ chòigeamh rann, tha am bàrd a’ foillseachadh dragh mu shlàinte a’ phroifeasair:

Bheil neach a dh’àraich tìr an fhraoich

Air call a’ bhàidh ’s air fàs cho faoin,

Ri tàir air cainnt a mhàthar chaoimh

’S nach taobh a reachdan?

Ach gheibh iad sin an duais gu daor,

Mur caochail Blackie.

Agus bha am bàrd a-mach air creach. Chan e buileach “creach” a bha e a’ ciallachadh, ach gun dèanadh an luchd-iomairt strì airson airgead fhaighinn bho gach taigh air a’ Ghàidhealtachd (agus fhuair iad sin bho dhaoine bochd is beartach). Bha iad a’ sireadh deich mìle not airson cathair Ceiltis a stèidheachadh. Seo an t-seachdamh rann agus èistibh gu dlùth airson dà ainm-àite:

Na fàgaibh taigh dam faic sibh smùid,

No duine beò a chì bhur sùil,

Bho Thaigh Iain Ghròt gu Cluaidh nan lùb,

Nach tog sibh creach dheth,

Gum faigh sibh an deich mìle punnd

Tha dhìth air Blackie.

Canaidh mi a-rithist e:

Na fàgaibh taigh dam faic sibh smùid,

No duine beò a chì bhur sùil,

Bho Thaigh Iain Ghròt gu Cluaidh nan lùb,

Nach tog sibh creach dheth,

Gum faigh sibh an deich mìle punnd

Tha dhìth air Blackie.

An cuala sibh na h-ainmean-àite? Taigh Iain Ghròt – an ìre mhath an t-àite as fhaide tuath air tìr-mòr na h-Alba. Agus Cluaidh – an abhainn ainmeil a tha a’ sruthadh tro Ghlaschu. Cuiridh mi crìoch air an Litir an t-seachdain seo leis an rann mu dheireadh dhen dàn:

’S nuair thèid a’ Ghàidhlig a chur suas

An cathair inbhich mar bu dual,

’N sin òlaidh sinn dà làn na cuaich –

’S cha bhi iad lapach –

Air slàint’ an laoich a thug a’ bhuaidh,

Professor Blackie.

Litir 264 Litir 264 Litir 266 Litir 266

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!