Tha mi airson innse dhuibh an t-seachdain-sa mu fhaclair ùr a thàinig a-mach o chionn ghoirid. ’S e an t-ainm a th’ air an Teach Yourself: Gaelic Dictionary oir buinidh e don t-sreath leabhraichean Teach Yourself. Tha e gu math feumail, saoilidh mi. Agus tha e
ag obair anns an dà dhòigh – Gàidhlig gu Beurla, agus Beurla gu Gàidhlig.
’S iad ùghdaran an fhaclair Boyd Robastan agus Iain MacDhòmhnaill, dithis a tha air leth comasach is foghlamaichte. Agus tha an leabhar ùghdarrasail. Aig
dusan not’ ach sgillinn (£11.99), tha a phris reusanta. Chanainn gu bheil e feumail do luchd-ionnsachaidh, ged nach eil e buileach cho mòr ri faclairean
eile, leithid Watson agus Mark. Ach tha Watson agus Mark (mar a tha Dwelly) dìreach ag obair anns an aon dòigh – Gàidhlig gu Beurla.
Tha measgachadh math de dh’fhaclan ann a bhuineas an dà chuid don Ghàidhealtachd thraidiseanta agus don t-saoghal ùr anns a bheil sinn beò an-diugh. Gheibh
thu tearb is tearbadh, rud a nì croitear airson aon bhuidheann de chaoraich a sgaradh bho bhuidheann eile. Is tha maistreadh
ann, rud a dhèanadh na seana-mhnathan nuair a bhiodh iad a’ dèanamh ìm. Mar as trice an-diugh ’s ann a’ ceannach a leithid anns a Cho-op a bhitheas iad.
Air an làimh eile, dè th’ aca airson gnothaichean a bhuineas do choimpiutaireachd? Uill, seo na th’ aca fo website: làrach-lìn. Glè mhath. Surf the net : tràl an lìon. Mmm. Ach dè mu dheidhinn cool? Smodaig. Mmm. Chan eil fhios a’m nach bu chòir dhuinn dìreach aideachadh gu
bheil cool air a dhol a-steach don Ghàidhlig cuideachd…
Ach tha duilgheadas an-còmhnaidh ann do dhaoine a tha a’ cruthachadh faclair beag. Dè dh’fhàgas iad às? Tha Robastan agus MacDhòmhnaill air deagh thaghadh
a dhèanamh, chanainn, ach aig àmannan tha rudeigin a dhìth. Mar eisimpleir, smaoinichibh air an t-seantans shìmplidh seo – “Chuir i aiste air a’ bhòrd”.
Canaidh mi sin a-rithist. Chuir i aiste air a’ bhòrd. Dè tha sin a’ ciallachadh? Uill, anns an fhaclair ùr, tha “aiste” a’ ciallachadh “from/out of
her/it”. Mmm, dè dìreach a rinn a’ chaileag air a’ bhòrd? Ach le faclair nas mò, chì sinn gu bheil aiste cuideachd a’ ciallachadh “composition” no
“essay”. Mar sin, ’s dòcha gur e an t-eadar-theangachadh as fheàrr – “she put an essay on the table.”
Tuigidh sibh gu bheil mi a’ gabhail beagan spòrs. Ach bu mhath leam am faclair ùr a mholadh airson gach riochdair roimhearach no prepositional pronoun (mar aiste) a chur ann fa leth mar cheann-fhacal. Nuair a chì thu rud mar aige no aigesan ann an
teacsa, tha am faclair seo a’ mìneachadh gu bheil e a’ ciallachadh “his”. Ann an cuid de dh’fhaclairean, tha iad dìreach ag ràdh, “coimhead air aig” agus
feumaidh tu an uair sin dhol gu duilleag eile, agus obrachadh a-mach dè tha am facal aigesan a’ ciallachadh.
Agus air an taobh dhen leabhar a tha a’ dol bho Bheurla gu Gàidhlig, tha mi a’ faicinn gu bheil an dà shiostam cunntaidh ann. Mar eisimpleir, airson
“sixty” tha iad ag ràdh trì fichead no seasgad. Agus airson “seventy” tha iad ag ràdh, trì fichead ’s a deich no seachdad. ’S e an seann siostam a tha fhathast anns a’ phrìomh àite ach cò aige tha fios nach atharraich sin anns na deich bliadhna romhainn? Agus
mus fhalbh mi, facal feumail eile bhon fhaclair: dè a’ Ghàidhlig a th’ air stereotype? Gnàth-iomhaigh. Sin e bhuam an t-seachdain seo. Beannachd
leibh.