Thar nan seachdainean a dh’fhalbh, bha sinn a’ toirt sùil air earrannan de dh’eachdraidh Inbhir Nis, mar a chaidh an aithris le “Naochadair Chlach na
Cùdainn”, Iain MacIlleathain. Bheir mi an sreath gu crìch an-diugh le naidheachd air buidseachd.
Bha dà cheàrnaidh ann an Inbhir Nis a bha ainmeil airson buidseachd ri linn seanmhair an naochadair. Bhiodh sin, chanainn, aig toiseach an ochdamh linn
deug. B’ iad dà ghleann – am fear far a bheil Allt a’ Mhuilinn a’ sruthadh, faisg air Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn, agus an ath-ghleann gu sear air sin, far
am b’ àbhaist an t-Allt Muineach a bhith ann. Tha an t-allt sin ann am pìoban fon talamh an-diugh. Agus chan eil sgeul nas mò air na bothain anns an robh
na bana-bhuidsich a’ fuireach.
Là a bha seo bha buidheann de chloinn a’ cluich ann an Allt a’ Mhuilinn nuair a chunnaic iad corp crèadha. ’S e sin iomhaigh de chuideigin, air a dhèanamh
le crèadh, anns am biodh bana-bhuidseach a’ cur prìnichean. Bhiodh na prìnichean a’ riochdachadh mhallachdan a rinn a’ bhana-bhuidseach air an duine agus,
mar a chrìonadh an corp anns an allt, ’s ann a dh’fhàsadh an duine a bha fo gheasaibh lag is tinn. Mu dheireadh gheibheadh e bàs.
Thug a’ chlann an corp, no am bodachan mar a ghabhas Iain MacIlleathain air, a-mach às an allt, agus thuirt tè dhiubh gum faca i a seanmhair,
Creibh Mhòr, a’ dèanamh a leithid. Sgaoil an naidheachd sin am measg muinntir a’ bhaile, agus cha b’ fhada gus an robh na h-ùghdarrasan a’ tadhal air
Creibh Mhòr. Chuir iad an cràdh i gus am faigheadh iad aideachadh bhuaipe gu robh i an sàs ann am buidseachd.
Bha Creibh Mhòr treun, ge-tà, agus cha do dh’aidich i an eucoir. Ach fhuair na h-ùghdarrasan aideachadh bho a piuthar. Dh’aidich ise gu robh an corp a’
riochdachadh fear de dh’uaislean a’ bhaile – Mac Sheòrsa à Càisteal Stìll. Fhuair an dithis pheathraichean binn bàis.
B’ e teine an dòigh a bh’ ann aig an àm ud airson bana-bhuidseach a chur gu bàs. Thog na h-ùghdarrasan càrn mòr fiodha air Tom nan Ceann – cnoc faisg air
togalach a’ BhBC – dhuibhse a tha eòlach air Inbhir Nis. Chaidh Creibh air an teine an toiseach agus, a rèir beul-aithris, ged nach eil an naochadair ag
aithris seo, chaidh cuideigin ga h-ionnsaigh le soitheach uisge. Ach nuair a chaidh a chur ann an cuimhne an duine gur e bana-bhuidseach a bh’ ann an
Creibh, dhòirt e an t-uisge a-mach. Rinn Creibh mallachd. “Nan robh mi air balgam dhen uisge sin a ghabhail,” thuirt i, “bha mi air boglach a dhèanamh de
dh’Inbhir Nis.”
Ach air ais gu aithris an naochadair. Nuair a chunnaic piuthar Creibh nach robh dol-às aice, thuirt i, “Uill, uill, nan robh fios air a bhith agam gun
tigeadh e gu seo, bhiodh mòran, a chuireas cleòcannan sgàrlaid orra, an seo an-diugh.” Bha i a’ ciallachadh gum biodh cuid de mhnathan uasal Inbhir Nis a’
cèilidh oirre, agus iad a’ sireadh deagh fhortan tro bhuidseachd.
Thuirt i nach cuireadh Mac Sheòrsa sam bith a chìr tro fhalt liath ann an Dreigidh tuilleadh. Agus, a rèir beul-aithris, thuit Seòras Mac Sheòrsa à
Caisteal Stìll far eich ann an seachd ceud deug, ceathrad ’s a h-ochd (1748) aig ceann an iar gleann an Uillt Mhuinich, sgìre nam bana-bhuidseach. B’ e Mac
Sheòrsa Iar-shiorram Siorrachd Inbhir Nis, agus bha e ainmeil airson a bhith ag iomairt an aghaidh buidseachd. Chaochail e far an do thuit e, ged nach
eilear ag aithris co-dhiù bha falt liath air a cheann gus nach robh.