Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mu thachartas annasach ann am Baile Dhubhthaich anns an naoidheamh linn deug, anns an do rinn boireannaich
leigheas air fear a bha tinn, agus iad dhen bheachd gun do ghabh cuideigin sùil air – ’s e sin an droch-shùil. Agus chleachd iad èiteag, no clach bheag
gheal, ann an uisge mar phàirt dhen leigheas.
Uill, gu tuath air Baile Dubhthaich, ann an Srath Nabhair ann an Dùthaich MhicAoidh, tha loch ann air a bheil Loch ma Nàire. ’S ann mar sin a tha e air na
mapaichean – Loch ma Nàire, ged a tha cuid dhen bheachd gur e Loch mo Nàire a bu chòir a bhith ann. Tha sgoilearan air ceangal a dhèanamh
eadar an t-ainm agus ban-dia phàganach. Is dòcha gun tàinig ainm na h-aibhne – Nabhar – bhon bhan-dia seo, oir tha e gu math sean. Bha e air map Ptolemy
mar Naberus.
Co-dhiù, cha do chuir sgoilearachd stad a-riamh air a’ mhòr-shluagh bho bhith a’ cruthachadh beul-aithris (a dh’fhaodadh a bhith breugach) mu ainm àite,
agus tha stòiridh ann mu dheidhinn an locha seo.
Bha cailleach ann o shean aig robh clach gheal dhraoidheil. Bha i gu math bochd ach a-mhàin gu robh a’ chlach seo aice. Leis a’ chloich, bha i comasach air
cobhair a dhèanamh air daoine a bha tinn. Chuireadh i a’ chlach ann an uisge agus dh’òladh na h-euslaintich an t-uisge.
Là a bha seo chaidh an seann bhoireannach gu ruige bàillidh na h-oighreachd, Sir Raibeart Gòrdan, agus i a’ sireadh fàbhar. ’S e duine cruaidh a bh’ anns
a’ Ghòrdanach, agus dhiùlt e an t-iarrtas aice. Gu dearbh, dh’fhàs e feargach agus chuir e às leth na caillich gu robh i na bana-bhuidseach.
Na bu mhiosa na sin, dh’iarr e oirre a’ chlach aice a thoirt dha. Dhiùlt i sin a-muigh no mach, agus rinn i a-mach às an taigh na deann. Bha an caothach
air a’ Ghòrdanach, a rèir choltais, agus lean e oirre a-mach às an taigh mhòr. Ghlac e i air bruach an loch’ a bha seo.
Co-dhiù, mus d’ fhuair an Gòrdanach cothrom greim fhaighinn air a’ chloich dhraoidheil, thilg a’ chailleach don loch i, agus i a’ toirt mallachd air na
Gòrdanaich gu lèir. Nise, tha mi air dà chunntas eadar-dhealaichte a leughadh mu na thachair às dèidh sin. A rèir aona chunntais, mhuirt am bàillidh a’
chailleach le bhith a’ tilgeil chlachan mòra oirre, agus i anns an loch. Anns a’ chunntas eile, chan eil guth air murt. Ach tha iad le chèile ag aontachadh
gun do dh’èigh i, “Mo nàire, mo nàire!”, agus gur e sin as coireach gur e Loch mo Nàire a th’ air an loch mar ainm an-diugh.
Co-dhiù tha sin fìor gus nach eil, dh’fhàs an loch ainmeil air feadh a’ chinn a tuath, oir bhathar a’ creidsinn gun do chuir a’ chlach an t-uisge fo dheagh
gheasaibh. Thigeadh daoine bho cho fad’ air falbh ri Inbhir Nis is Arcaibh airson ionnlaid a dhèanamh anns an loch, agus is iomadh duine a bha dhen bheachd
gun d’ fhuair e leigheas ann.
Agus tha e gu math iomchaidh gu bheil mi ag aithris air seo an-diugh oir air dà là anns a’ bhliadhna, bha an leigheas gu sònraichte èifeachdach. B’ e sin
a’ chiad Dhiluain anns an Lùnastal agus a-màireach – a’ chiad là dhen Chèitean no mar a chanas na Gaidheil Là Buidhe Bealltainn. Chan eil mi ag
ràdh nach nochd duine air choreigin a-màireach air bruach Loch mo Nàire, agus e a’ sireadh deagh shlàinte anns a’ bhliadhna romhainn.