Chaidh mi a choimhead air uaigh o chionn ghoirid, ann an cladh a-muigh air an dùthaich faisg air Inbhir Nis. Bha mi air taobh an iar na dùthcha nuair a
chaochail am fear a bh’ air ùr-thiodhlacadh ann – fear a b’ aithne dhomh a bhuineadh do Shrath Narann. Bha eòlas air leth aige air eachdraidh agus dualchas
na sgìre. ’S e an t-ainm a bh’ air Andaidh MacCuimein.
Bha e follaiseach dhomh sa mhionaid dè an uaigh a bh’ aige, oir air tè de na h-uaighean bha flùraichean ùra. Chan e flùraichean na bùtha a bh’ annta,
ge-tà, ach feadhainn a chaidh a thogail anns a’ mhonadh le muinntir an àite. Bha gràdh aig Andaidh air an dùthaich aige. Agus, a bharrachd air na
flùraichean, bha na botannan aige agus bratach na h-Alba. ’S e “caractar” a bh’ ann agus chitheadh tu sin anns na bh’ air fhàgail air an uaigh aige.
Bha seo anns a’ chladh ri taobh na seann eaglais aig Dùn Fhlicheadaidh. Ainm-àite inntinneach a tha sin – Dùn Fhlicheadaidh. Bha beachd aig Andaidh air,
mar a bha air iomadach rud co-cheangailte ris an sgìre. Bha cuid de na seann daoine dhen bheachd gun tàinig e à “Dùn an Leth-cheud”, leis gu robh
leth-cheud duine air am marbhadh ann am blàr agus gu robh iad air an tiodhlacadh anns a’ chladh. Ma tha sin fìor, chan urrainn dhomh a ràdh cuin’ a
thachair e, oir tha e coltach gu bheil eaglais air a bhith air an làrach sin airson co-dhiù mìle is trì cheud bliadhna.
Co-dhiù, cha chreid mi nach robh Andaidh amharasach mu dheidhinn a’ mhineachaidh sin. Bha esan dhen bheachd gun tàinig Flicheadaidh à Fliuch no Fliuchad,
a’ ciallachadh gur e àite fliuch a bh’ ann.
Tha mi gu mòr an comainn Andaidh airson notaichean fhàgail againn air seann stòiridhean is naidheachdan a chruinnich e anns an sgìre, agus bu mhath leam,
mar chomharra air a bheatha is air a bhàs, tè bheag dhiubh sin aithris dhuibh an-dràsta. Tha i mu dheidhinn ainm-àite eile anns an sgìre – Uaigh an Duine
Bheò.
Tha e coltach gu robh Clann ’ic an Tòisich agus Clann ’icIlleBhrath an ugannan a chèile mu chrìochan an cuid fearainn. As deidh ùine, dh’aontaich an dà
chinneadh gabhail ri beachd bodaich a bha mion-eòlach air dualchas an àite. ’S e an duilgheadas a bh’ ann gur e fear de Chloinn ’icIlleBhrath a bh’ ann –
fear Eòin MacIlleBhrath.
Là a bha seo, chaidh Eòin agus àrd-urrachan an dà chinnidh a-mach còmhla. Gheall e air “a’ cheann a bha fo bhonaid” gur ann le Cloinn ’icIlleBhrath a bha
“an talamh fo chasan”. Uill, ’s dòcha gu robh Clann ’icIlleBhrath toilichte le bhreith, ach cha robh Clann ’ic an Tòisich riaraichte idir. Feumaidh gu robh
iad amharasach mu dheidhinn na thuirt Eòin. Agus feumaidh gun do rinn iad beagan sgrùdaidh air, oir fhuair iad a-mach gu robh ceann eile fo bhonaid – ceann
coilich! Agus am broinn a chuid bhròg, fo chasan, bha talamh a bh’ air a thoirt far fearann aig a’ chinneadh aige fhèin – Clann ’icIlleBhrath. Mar sin, cha
robh Eòin breugach, ach cha robh e buileach ag innse na fìrinn na bu mhò!
Co-dhiù, bha Clann ’ic an Tòisich feargach. Chaidh Eòin a thiodhlacadh beò fon talamh mar pheanas agus tha càrn ri fhaicinn anns an àite fhathast, air a
bheil Uaigh an Duine Bheò.