FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Am Foghar

Saoilidh mi nach eil àm nas fheàrr anns a’ bhliadhna

Audio is playing in pop-over.

Am Foghar

Saoilidh mi nach eil àm nas fheàrr anns a’ bhliadhna nan t-àm a th’ againn an-dràsta ann an Alba. Am Foghar. Uill, ’s dòcha am foghar. Gu h-eachdraidheil, bha am foghar a’ ciallachadh an àm dhen bhliadhna nuair a bhiodh daoine a’ buain an arbhair. Foghar an eòrna – the harvest of the barley, mar eisimpleir. Ach an là an-diugh, thathar a’ cleachdadh foghar mar a thathar ag ràdh ann am Beurla autumn, no ann an Aimeireagaidh a Tuath – the fall.

Ach an-dràsta, dhomhsa ’s e an Dàmhair, an t-àm dhen bhliadhna nuair a bhios na daimh a’ bùireadh, gu dearbh, nuair a bhios iad a’ dàireadh. An damh-dàir – an Dàmhair. Tuigidh sibh mar a thàinig an t-ainm gu bith. A-nise tha an Dàmhair co-ionann ri October ann am Beurla, ach am-bliadhna co-dhiù thòisich na dàimh air an dàireadh air a’ mhìos sa chaidh – an t-Sultain.

Tha rudeigin ann mu dheidhinn a bhith a’ coiseachd ann am beanntan na h-Alba a tha gam thoileachadh gu mo chridhe. Tha e do-dheante sin a mhìneachadh do dhaoine nach eil measail air na beanntan, ach ’s ann mar sin a tha e. Ann an àite iomallach, air falbh bho bhailtean is rathaidean, tha thu air do chuairteachadh, an dà chuid le bòidhchead nàdair agus le dualchas na Gaidhealtachd. Còmhla, uill, saoilidh mi gu bheil iad gu math cumhachdach.

‘Chan eil miann agam a bhith ann an àite sam bith eile,’ shaoil mi, nuair a bha mi nam sheasamh air bruach locha, a’ coimhead air na boghachan-froise a’ falbh is a’ tighinn, agus na beanntan dorcha air an cùlaibh. Miann. Chan eil fhios a’m cia mheud agaibh a th’ air a bhith ag èisteachd ris na prògraman seo bho thòisich iad o chionn trì bliadhna gu leth ach, anns a’ chiad fhear, thug mi sean-fhacal dhuibh: ’S e miann na lacha an loch air nach bi i. Agus ’s e miann Ruairidh a bhith anns na beanntan. Dè miann dhaoine is bheathaichean eile, ma-thà?

Seo dhuibh rann bheag a lorg mi o chionn ghoirid mu dheidhinn an dearbh ghnothaich a tha sin – na seachd miannan a tha a’ comharrachadh bheathaichean o chèile. A bharrachd air rud sam bith eile, tha i math airson an tuiseal ginideach ionnsachadh airson cuid de dh’fhaclan cumanta:

Miann mnà, mac;

Miann fir, feachd;

Miann eich, aonach;

Miann coin, sneachd;

Miann bà, braon;

Miann caorach, teas;

Miann goibhre, gaoth,

Air leathad caoin, cas.

Canaidh mi a-rithist e, gus am faigh sibh cothrom greimeachadh air na faclan gu ceart:

Miann mnà, mac;

Miann fir, feachd;

Miann eich, aonach;

Miann coin, sneachd;

Miann bà, braon;

Miann caorach, teas;

Miann goibhre, gaoth,

Air leathad caoin, cas.

Uill, tha fhios gun fhiach meòmhrachadh air a’ ghliocas a th’ anns na faclan sin. Gu h-àraidh an dàrna loighne – miann fir, feachd. Dh’fhaodadh tu ràdh, ’s dòcha, gur e miann na mnà a leigeas le fear a’ mhiann aigesan a bhith air a coileanadh. Co-dhiù no co-dheth, bu toigh leam ur fàgail an t-seachdain seo le rann eile – tòimhseachan. Innsidh mi an tòimhseachan dhuibh agus feumaidh sibhse obrachadh a-mach cò air a tha e a-mach. Seo e:

Trì mìosan cù, còig bho chaogad cat,

Is ionann bean is bò, bliadhna mhòr don each.

Canaidh mi a-rithist e.

Trì mìosan cù, còig bho chaogad cat,

Is ionann bean is bò, bliadhna mhòr don each.

Seadh, tha mi cinnteach gu bheil sibh a’ meòmhrachadh air. Fàgaibh mi agaibhse e agus bidh mi air ais, chan ann an ath-sheachdain air sàilleamh prògraman a’ Mhòid Nàiseanta, ach an ceann ceala-deug. Mar sin leibh an-dràsta.

Litir 173 Litir 173 Litir 175 Litir 175

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!