FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Togail nam Bò

Tha mi cinnteach gu bheil e glè fheumail uaireannan Gàidhlig

Audio is playing in pop-over.

Togail nam Bò

Tha mi cinnteach gu bheil e glè fheumail uaireannan Gàidhlig a bhith agaibh nuair a tha sibh a’ leughadh leabhraichean Beurla, gu h-àraidh ma tha iad air cuspair Gaidhealach. Thàinig mi tarsainn air eisimpleir dheth sin an là eile, nuair a bha mi a’ leughadh an leabhair, Tales and Traditions of the Lews le Dòmhnall Dòmhnallach. Tha pìos ann mu dheidhinn fear a bha seo “who came to raise creachs in Uist.”

Chanainn nach biodh fios aig a’ chuid mhòir de dh’Albannaich, gun luaidh air luchd na Beurla ann an dùthchannan eile, gu dè bha sin a’ ciallachadh. Bhiodh iad a’ smaoineachadh riutha fhèin – “what’s a creach, and how does it get raised?”! Tha mi an dùil, ge-tà, gu bheil sibh fhèin ga thuigsinn. Bha Mgr Dòmhnallach a’ cleachdadh facal Gàidhlig – creach – agus a’ cur gnìomhair ris – raise – a tha na eadar-theangachadh air a’ ghnìomhair Ghàidhlig – togail. Oir, ann an Gàidhlig, canaidh sinn gu robh cuideigin a’ togail creach – airson he was plundering.

Saoilidh mi gur e as coireach gun can sinn “togail creach” no “togail na creiche” gu bheil am facal a’ ciallachadh an stuth a bhiodh creachadairean a’ togail nuair a bhiodh iad a’ spùinneadh. Bhiodh iad a’ togail òr no airgead, mart no muc, is a’ falbh dhachaigh leotha. Chanadh muinntir Shrath Spè anns an t-seann aimsir gur ann a’ togail creach a bhiodh na Camshronaich gach turas a thigeadh iad tron sgìre aca. ’S ann ann an Loch Abar a bha na Camshronaich a’ còmhnaidh, ach rachadh iad tric don ear-thuath airson crodh a thoirt dhachaigh leotha, agus thilleadh iad tro Shrath Spè. ’S e an t-ainm a bh’ air an t-slighe a ghabhadh iad “Rathad nam Mèirleach”, agus ’s e sin an t-ainm a th’ air fhathast.

Agus leugh mi earrann eile ann an Tales and Traditions of the Lews: “Cattle raiding, traditionally known as ‘Lifting the Cattle, Togail nam Bò , was a common custom in the Highlands for many generations.” ’S ann ri sin a bha na Camshronaich – a’ togail nam bò, a’ togail creach.

An do mhothaich sibh gur e “raising creachs” a sgrìobh Dòmhnall Dòmhnallach, ach “lifting the cattle”, ged is e “togail” a chanas sinn ris an dà chuid ann an Gàidhlig. Tha e furasta gu leòr sin a mhìneachadh. Tha raising cattle agus lifting cattle gu math eadar-dhealaichte o chèile ann am Beurla. Agus, ma ’s e “togail nam bò” a chanas sinn airson “lifting the cattle” dè chanas sinn airson “raising the cattle”? Uill, feumaidh sinn facal eile a chleachdadh – àrach. Tha sinn ag àrach nam bò no ag àrach a’ chruidh.

Faodaidh sinn am facal sin a chleachdadh cuideachd airson daoine. Dh’fhaodadh sibh a ràdh gu robh cuideigin ag àrach cloinne. No, le bhith a’ cleachdadh àrach mar ainmear, gun d’ fhuair cuideigin àrach. Ann am bàrdachd is òrain, chithear sin gu tric – an dùthaich far an d’ fhuair mi m’ àrach – the land in which I was raised. Bidh cuid agaibh eòlach air an dàn aig Màiri Mhòr nan Òran anns a bheil “Soraidh leis an àit’ far an d’ fhuair mi m’ àrach òg…”

Bu toigh leam dìreach tilleadh gu creach mus fhalbh mi. A bharrachd air plunder is booty, tha e cuideachd a’ ciallachadh ruin no destruction. Bidh sibh eòlach air an abairt – “O mo chreach!”. Gu litireil, tha “mo chreach” a’ ciallachadh “my ruin!” ach bhiodh e na bu choltaiche eadar-theangachadh mar “my goodness” no a leithid sin. Agus – mo chreach – tha an ùine air ruith orm! Feumaidh mi falbh. Mar sin leibh an-dràsta.

Litir 168 Litir 168 Litir 170 Litir 170

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!