FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Iain MacCoinnich

Air an t-seachdain seo ann an ochd-deug, ceathrad ’s a

Audio is playing in pop-over.

Iain MacCoinnich

Air an t-seachdain seo ann an ochd-deug, ceathrad ’s a h-ochd (1848), chaochail Iain MacCoinnich, pìobaire, bàrd is ùghdar a bhuineadh do sgìre Gheàrrloch. Tha e ainmeil fhathast oir is esan am fear a chuir ri chèile an cruinneachadh de bhàrdachd Ghàidhlig air a bheilThe Beauties of Gaelic Poetry: Sàr-obair nam Bàrd Gaidhealach. Gu tric, nuair a bhios daoine a’ bruidhinn mun leabhar seo, canaidh iad direach “Sàr-obair” ris. Tha mi an dòchas gu bheil sibh a’ tuigsinn gu robh Iain a’ sanasachd bàrdachd le bàird eile anns an leabhar aige mar “sàr-obair”. Chan ann a’ moladh a chuid obrach fhèin a bha e!

Rugadh Iain MacCoinnich, Iain Mac Alasdair Òig, ann an ochd-deug ’s a sia (1806) ann am Meallan Theàrlaich, baile beag air cladach a tuath Loch Iùbh far an robh athair na charaid agus fear-taca don uachdaran. Fhuair e a chuid foghlaim, an toiseach aig an taigh, agus an uairsin aig an sgoil ann an Geàrrloch. Nuair a bha e òg, dhearbh e gu robh e gu math mòr air ceòl, agus rinn e fidheall agus pìob mhòr dha fhèin. Bha e math dha-rìreabh air a’ phìob agus air grunn ionnstramaidean eile.

Bha dithis, air an robh Uilleam Ros mar ainm, gu bhith a’ toirt buaidh mhòr air beatha Iain. B’ e a’ chiad Uilleam saor a bhiodh ag obair air feadh na sgìre. Thug esan cosnadh do dh’Iain, agus dh’obraich iad còmhla gu dòigheil. Fhad ’s a bha e ag obair mar shaor, ge-tà, thòisich Iain air rudeigin a chòrd ris fada na b’ fheàrr. B’ e sin a bhith a’ cruinneachadh òrain is bàrdachd.

Là a bha seo, bha Iain ag obair le pìos mòr fiodha anns a’ mhansa ann an Geàrrloch. Dh’fhulaing e buille mhòr air a cheann. Cha deach e a-riamh am feabhas buileach as dèidh sin, agus sguir e a chuid obrach mar shaor. Agus, ann an dòigh, is math gun do sguir, oir thòisich e air cruinneachadh a dhèanamh de na dàin aig a’ bhàrd ainmeil, a bhuineadh don sgìre aige, Uilleam Ros nach maireann. B’ e sin an dàrna Uilleam Ros a thug buaidh air. Fhuair Iain a’ chuid a bu mhò de dh’òrain Rois bho bhàrd eile à Geàrrloch a bha eòlach air Ros nuair a bha e beò – Alasdair Buidhe Mac Iomhair.

Cha robh comas sgrìobhaidh aig Alasdair Buidhe ann, ach bha cuimhne air leth aige, agus dh’aithris e dàin Uilleim Rois do dh’Iain MacCoinnich, a dh’fhoillsich an leabhar The Poems of William Ross ann an ochd-deug is trithead (1830). Lean MacCoinnich air le bhith a’ cruinneachadh dàin is òrain bho air feadh na Gaidhealtachd, agus dh’fhoillsich e Sàr-obair ann an ochd-deug, ceathrad ’s a h-aon (1841).

Chaidh e a dh’fhuireach ann an Glaschu, agus rinn e tòrr eadar-theangachaidh ann a sin, a’ cur leabhraichean Beurla, leithid Pilgrim’s Progress, ann an Gàidhlig. ’S e a sgrìobh am pàirt Beurla gu Gàidhlig dhen fhaclair le MacAlpainn agus MacCoinnich, agus thug e taic do mhinistearan, nach robh cho math ris air a’ Ghàidhlig, a’ sgrìobhadh searmonan dhaibh anns a’ chànan. Nuair a chaochail e, bha e ag obair air iris ùr dhen Bhìoball Ghàidhlig.

Cha robh a chuid shlàinte uabhasach math mu dheireadh, agus chaidh e air ais don sgìre aige fhèin, ceithir bliadhna deug as dèidh dha falbh. Chaochail e ann an Inbhir Iùbh aig aois ceathrad ’s a dhà (42). Rinn Iain MacCoinnich mòran airson ar cultair agus ar cànain agus tha e math gu bheil daoine ga chuimhneachadh fhathast.

Litir 166 Litir 166 Litir 168 Litir 168

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!