FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A’ Bhanarach agus an Sealgair (2)

Bha mi ag innse dhuibh an sgeul à Gallaibh – ‘A’ Bhanarach agus an Sealgair’.

Audio is playing in pop-over.

A’ Bhanarach agus an Sealgair (2)

Bha mi ag innse dhuibh an sgeul à Gallaibh – ‘A’ Bhanarach agus an Sealgair’. Chaidh an Gille Garbh don bhothan-àirigh far an robh Miss Calder agus clann-nighean eile. Bha Miss Calder à baile-fearainn ann an Srath Dhùn Bheathadh. Bhuineadh i do theaghlach mòr. Bha dusan bràthair aice, agus grunn pheathraichean. Bha a h-uile duine dhen bheachd gum b’ ise an tè a bu bhòidhche anns an t-srath.

Ghabh an Gille Garbh gaol oirre agus ghabh ise gaol airsan. Ach chuala a h-athair mu dheidhinn agus dh’òrdaich e i gun a dhol faisg air. Cha do ghabh i ri sin, agus bhiodh i fhèin agus an Gille Garbh a’ coinneachadh ri chèile gu dìomhair anns a’ mhonadh.

Bha buachaille aig athair Miss Calder. ’S e Mànas Gunnach an t-ainm a bh’ air. Bha Mànas eas-onarach agus bha e ag iarraidh a bhith beartach. Co-dhiù, bhruidhinn An Gille Garbh agus Miss Calder ris agus rinn iad aonta eatarra. Air an oidhche, bhiodh an triùir aca a’ falbh gu sgìre eile, agus a’ toirt cuid de chrodh nan Calders leotha.

Ràinig iad àite uaigneach faisg air Cill Donnain ann am Bràigh Chat. Thog iad bothan ann. Nuair a thuig na Calders dè bh’ air tachairt, bha iad fiadhaich. Thuirt bràithrean Miss Calder gun dèanadh iad dìoghaltas air a’ Ghille Gharbh. Ach bha an t-eagal orra dhol ro fhaisg air, oir bha e fìor chomasach le claidheamh agus bogha.

Ge-tà, bha Mànas pòsta. Bha e air a bhean fhàgail aig an taigh ann an Srath Dhùn Bheathadh. Bho àm gu àm, bhiodh e a’ dol a chèilidh oirre air an oidhche gus nach biodh fios aig na Calders.

Ach fhuair na Calders a-mach gun robh sin a’ tachairt. Oidhche a bha seo, le taic bho Lòchran Loch Iall, bha Mànas a’ coiseachd tarsainn a’ mhonaidh air a shlighe a Shrath Dhùn Bheathadh nuair a dh’èirich fear de bhràithrean Miss Calder às an fhraoch air a bheulaibh. Ghabh Mànas eagal. Bha e deiseil gus teicheadh no sabaid.

Ach bha am fear eile laghach dha. ‘Ciamar a bu toigh leat a bhith beartach, a Mhànais?’ thuirt e ris.

‘Ist, cha bhi mise beartach a-chaoidh,’ arsa Mànas.

‘Ma bheir thu taic dhomh fhìn ’s do mo bhràithrean,’ thuirt am fear eile, ‘faodaidh tus’ a bhith am measg nan daoine as beartaiche ann an Srath Dhùn Bheathadh.’

‘Ciamar?’ dh’fhaighnich Mànas.

‘Thog an Gille Garbh agus mo phiuthar a’ chuid as fheàrr dhen chrodh againn,’ thuirt am fear eile. ‘Dh’fhàg sin ar teaghlach bochd. Ma bhios tu a’ brathadh a’ Ghille Ghairbh, faodadh tusa dà-thrian dhen chrodh aige fhaighinn dhut fhèin.’

Mar a thuirt mi cheana, bha Mànas eas-onarach. Cha tug e feart air na briathran sa Bhìoball – ann an Leabhar Mharcais, Caibideil 8 – ‘Ciod e an tairbhe do dhuine, ged a chosnadh e an saoghal gu h-iomlain, agus anam a chall?’ Lean e air le bhith a’ dèanamh plana airson an Gille Garbh a bhrathadh.

Dh’aontaich e – air a leithid seo a dh’oidhche, nuair a bha an Gille Garbh na chadal – sreang a bhogha a ghearradh gus nach obraicheadh am bogha. Mar an ceudna ghearradh e gach sreang eile anns an taigh. Rinn e sin. Agus dè thachair nuair a thàinig na Calders? Innsidh mi dhuibh san ath Litir.

Litir 1420 Litir 1420

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!