Tha na Gàidheil – agus feadhainn aig a bheil ùidh ann an ainmean-àite – air a bhith a’ comharrachadh beatha sàr-sgoileir am-bliadhna. B’ esan Uilleam MacBhatair no William J. Watson, prìomh sgoilear ainmean-àite na h-Alba anns an fhicheadamh linn. Tha tòrr dhen tuigse a th’ againn air ainmean-àite stèidhichte air a sgoilearachd.
Rugadh MacBhatair ann an ochd ceud deug, seasgad ’s a còig (1865). Chaochail e ann an naoi ceud deug, ceathrad ’s a h-ochd (1948). Mar sin, carson a thathar a’ comharrachadh a bheatha am-bliadhna – ann an dà mhìle, fichead ’s a sia (2026)? Uill, tha a chionn ’s gun do nochd an leabhar mòr mòr aige ann an clò o chionn ceud bliadhna, ann an naoi ceud deug, fichead ’s a sia (2026). B’ e sin ‘The History of the Celtic Place-Names of Scotland’.
Leugh mi an leabhar sin às ùr o chionn ghoirid. Mar a thachras le leabhar tomadach, fhuair mi a-mach rudan a bha mi air dìochuimhneachadh bhon chiad turas a leugh mi e. Agus thog aon rud m’ aire gu sònraichte oir dh’fhosgail e doras a-steach don t-suidheachadh phearsanta aig MacBhatair fhèin.
Thogadh e ann an Ros an Ear, sgìre a bha – mean air mhean – a’ call a cuid Gàidhlig nuair a bha e òg. Bha MacBhatair fileanta ann an Gàidhlig agus Beurla. Mhothaich e mar a bhiodh na Gàidheil ann an Ros an Ear a’ stobadh faclan Gàidhlig a-steach don Bheurla aca, oir cha robh Beurla choileanta aca.
Mar eisimpleir, chanadh iad, ‘I have a meanmhainn in my nose’. Eadhon an-diugh, chan eil mi cinnteach an dèanadh aon fhacal Beurla a’ chùis mar eadar-theangachadh air! Tha faclair Dwelly ag innse dhuinn gu bheil meanmhainn a’ ciallachadh ‘titillation of the nose, an omen of a stranger’s arrival or of good news’.
Chanadh muinntir Rois an Ear ri pàiste nach itheadh a lite aig àm bracaist ‘[that] you’ll be a taibhse’ i.e. a phantom. Agus chanadh iad mu dheidhinn duine a bha gun smior ‘that there was nothing in him but a blianach.’ Tha Dwelly a’ toirt seo dhuinn airson blianach – ‘slow, inactive person’. A bheil facal math agaibh airson sin ann am Beurla? No an cleachdadh sibh fhèin ‘blianach’ ann am Beurla?!
Mar a dh’fhàs cuid ann an Ros an Ear fileanta ann am Beurla, bhiodh iad a’ tarraing à feadhainn a chleachdadh faclan is abairtean Gàidhlig anns a’ Bheurla aca fhèin. Bhiodh iad eadhon a’ magadh orra.
Bha fear ann a chaidh gu bùth-bhùidseir ann an Inbhir Ghòrdain. Dh’iarr e air fear na bùtha a leithid de seo de chuideam de ‘beef-uain’ i.e. beef of lamb a thoirt dha. ’S e sin a bh’ aige air ‘mutton’. Bho sin a-mach bha aithnisg ùr aige – ‘Beef-uain’! Agus bha fear eile air an robh ‘twenty-ten’ mar aithnisg oir ’s e sin a chanadh e fhèin airson ‘thirty’. Tuigidh sibh gun robh e a’ smaoineachadh ann an Gàidhlig.
Cha do mhair na faclan sin ann am Beurla Rois an Ear. Sgrìobh MacBhatair gun robh gu leòr dhiubh a’ falbh ri a linn fhèin. Ach, ann an sgìrean eile de dh’Alba, far an robh a’ Ghàidhlig ann uaireigin, bha seann fhaclan is abairtean fhathast ann. Thug MacBhatair eisimpleir à Fìobh – an abairt ‘car-haun’ airson ‘left-hand’. Thàinig an ‘car’ bhon Ghàidhlig ceàrr, a’ ciallachadh ‘left’.